Fear air a dhroch leòn an dèidh tubaiste air an A82

Carbad phoilis
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh droch thubaist air an A82 ann an Loch Abar.

Thachair an tubaist mu 6:40f Diluain faisg air Carragh-chuimhne nan Comando ann an Drochaid an Aonachain eadar motar-baidhseagal BMW GS850 glas le cuibhlichean buidhe, agus làraidh Scania R450 gheal.

Chaidh fireannach, 37, a bh' air a' mhotar-baidhseagal, a thoirt do dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan 's e air a ghoirteachadh a chùm cunnart a bheatha, far a bheil e ann an staid sheasmhach. Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte fhad 's a rinn na poilis rannsachadh agus dh'fhosgail e a-rithist mu 01:15m.

"Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair, agus dh'iarramaid fiosrachadh sam bith a dh'fhaodadh an rannsachadh againn a chuideachadh," thuirt an Sgt Chris Donaldson.

"Tha sinn ag iarraidh air duine sam bith san sgìre a chunnaic na thachair fios a chur thugainn.

"Gu h-àraid, ma bha sibh a' dràibheadh san sgìre mun àm a thachair an tubaist thoiribh sùil air dealbhan dash-cam sam bith a th' agaibh feuch an do ghlac e càil cudromach."

Faodar fios a chur chun nam Poileas mun tubaist air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2749 de Dhiluain, 10mh Lùnastal, 2026.