Togaidh SSEN 50 dachaigh còmhla ri Buidheann Taigheadais Innse Gall

Dealbh den daoine a thàinig cruinn airson an naidheachd mu thaighean ùra am Mealabost an Iar fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig daoine a tha an sàs sa sgeama taigheadais cruinn madainn Dimàirt airson an naidheachd fhoillseachadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis SSEN Transmission gun cosg iad còrr is £17m air 50 taigh ùr do luchd-obrach leasachadh nan goireasan dealain an Leòdhas ach a bhios ri fhaotainn do mhuinntir an eilein air a' cheann thall.

Bidh iad ag obair còmhla ri Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) air Sgeama Taigheadais Mhealaboist an Iar air iomall Steòrnabhaigh far am bi 73 dachaighean ùra uile gu lèir.

Tha e a' ciallachadh gum bi 23 de na taighean ùra rim faotainn sa bhad do mhuinntir an àite nuair a bhios iad deiseil ann an 2029.

Tha SSEN air gealltainn gun cuir iad taic ris an obair 1,000 dachaigh a thogail an ceann a tuath na h-Alba mar phàirt den obair bun-structar an dealain ùrachadh.

Dena NicLeòid Àrd-stiùiriche HHP
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dena NicLeòid bho HHP ag ràdh gum fàg an co-obrachadh gum bi "dìleab mhaireannach" an cois obair SSEN

Ann an Leòdhas tha iad mar-thà an sàs sa phròiseact 94 dachaighean a thogail faisg air Port-adhair Steòrnabhaigh còmhla ris a' chompanaidh-togail CalMax agus Tighean Innse Gall.

Tha iad cuideachd a' leasachadh Taigh-òsta a' Chaley an Steòrnabhagh an dèidh dha a bhith falamh airson 10 bliadhna.

Thuirt Dena Nicleòid, Àrd-stiùiriche HHP, gu bheil an co-obrachadh a' dèanamh cinnteach "gum bi dìleab mhaireannach an cois a' bhun-structair cumhachd riatanaich do na h-eileanan".

"Bidh e a' neartachadh choimhearsnachdan, a' cur ris an eaconomaidh agus a' cuideachadh barrachd dhaoine dachaigh sheasmhach a bhith aca air prìs reusanta faisg air an obair, teaghlaichean agus seirbheisean," thuirt i.

Tha na leasachaidhean taigheadais a dhìth do luchd-obrach Hub Leòdhais far am bi dà stèisean dealain ùr air Mòinteach Àranais a bheir dealan bho na sgeamaichean gaoithe a th' air fàire an Leòdhas dhan ghriod nàiseanta tro chàball-mhara ùr.

Thuirt Sandy Mac an t-Sagairt, Stiùiriche Far-chladaich aig SSEN Transmission: "Tha an obair againn sna h-Eileanan an Iar agus an àitichean eile ag amas air fuasglaidhean a bhios gu buannachd a h-uile duine - do na coimhearsnachdan ionadail cho math ris an obair air bun-structar nàiseanta riatanach."