Eilean nam Muc: Dòchas an lùib dà thaigh ùr

Eilean nam MucTùs an deilbh, Geograph/Julian Paren
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh àrdachadh de dh'fhaisg air 25% a thighinn air àireamh-sluaigh Eilean nam Muc ri linn planaichean gus dà dhachaigh a bhios rim faotainn aig prìs reusanta a thogail.

An-dràsta, 's e timcheall air 40 neach a tha a' fuireach air an eilean agus tha draghan ann mu cho seasmhach 's a bhios seo san àm ri teachd, nuair a dh'fhàsas an sluagh nas sine.

Ach tha a' choimhearsnachd air £87,000 fhaighinn bhon chompanaidh SSEN Renewables, tro mhaoin a tha gu sònraichte airson obair-leasachaidh sheasmhach air a' Ghàidhealtachd.

Cuidichidh seo iad ann a bhith a' togail nan taighean, anns am bi trì seòmraichean -cadail, air làrach sean bhun-sgoil an eilein.

Tha dòchas ann gum bi an dà dhachaigh ùr nan cuideachadh ann a bhith a' tàladh theaghlaichean òga dhan eilean.

'S e Buidhean-stiùiridh Taigheadas Coimhearsnachd Eilean nam Muc a th' air cùlaibh a' phròiseict. Tha Bruce Boyd bhon bhuidhinn ag ràdh gu bheil e riatanach gus am bi a' choimhearsnachd falainn.

Thuirt e: "'S e coimhearsnachd bheag a th' annainn. Leis a sin, tha sinn airson buannachdan eaconomaigeach agus sòisealta fhaighinn às an seo.

"Tha sinn ag iarraidh gun èirich àireamh-sluaigh an eilein agus dh'fhaodhadh e èiridh an cairteal cuid ri linn an dà thaigh seo."

"Dìreach gum bi coimhearsnachd bheòthail againn a tha seasmhach.

"Mura bidh, fàsaidh muinntir an eilein nas sine agus bidh an sgoil falamh."

Thathas an dùil an t-airgead a chleachdadh airson an ath-cheum a ghabhail agus cùmhnant a chur a-mach gu tairgse.