Rùnaire ùr na Còmhdhail ann an Uibhist

- Air fhoillseachadh
Bidh Rùnaire ùr na Còmhdhail ann an Uibhist an-diugh air a' chiad chuairt aige dha na h-Eileanan an Iar bho fhuair e an obair.
Chaidh Stephen Flynn ainmeachadh san dreuchd sa chaibineat ùr aig Iain Swinney air a' mhìos sa chaidh.
Bha staing nan aiseagan gu mòr air aire dhaoine tro iomairt taghadh Pàrlamaid na h-Alba is duilgheadasan mòra a' bualadh air CalMac aig an àm.
Aiseagan Uibhist: Carson sinne daonnan?
- Air fhoillseachadh14 An Giblean 2025
Dleasdanas 'son na Gàidhlig air Màiri NicAilein
- Air fhoillseachadh20 An Cèitean
Iarrtas gus faraidhean aiseig Uibhist a Deas a ghearradh 50%
- Air fhoillseachadh14 An Cèitean
San iomairt, gheall an SNP gun rachadh maoin ùr aiseig £10m fhoillseachadh taobh a-staigh 20 là nam biodh iad air an taghadh às ùr.
Anns na seachdainean mu dheireadh tha an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) air iarraidh gun tèid am maoin ùr sin a chur an sàs cho luath 's a ghabhas.
Dh' iarr SUBIG cuideachd gun rachadh faraidhean aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail a ghearradh 50% airson a' chòrr den t-samhradh mar thoradh air na trioblaidean mòra a th' air a bhith air an t-slighe sin.
Bho thàinig an t-iarrtas sin bhuapa sa Chèitean, bhuail trioblaidean teicnigeach ùra air an Lord of the Isles, ged a tha iad sin a-nise air an cur ceart.
Tha SUBIG am measg na tha a' faireachdainn gu bheil Uibhist a Deas tric air fulang barrachd na eileanan eile nuair a tha duilgheadasan ann le aiseagan.
Maoin ùr aiseig ga iarraidh gun dàil
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
Cathraiche ùr Bòrd Coimhearsnachd ChalMac a' gealltainn èisteachd ris an t-sluagh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Gnothachasan nan Eilean Siar a' fulang ri linn staing nan aiseagan
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Tha dùil gun coinnich Mgr Flynn ri riochdairean ionadail is luchd-iomairt à Uibhist fhèin agus cuideachd à Barraigh fhad 's a tha e anns na h-eileanan.
A thuilleadh air suidheachadh nan aiseagan, tha a h-uile coltas ann gun tèid trioblaidean leis an t-seirbheis adhair eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh a thogail leis.
Tha turas Mhgr Flynn a' tighinn beagan làithean às dèidh do Mhàiri NicAonghais à Uibhist a Deas a dhol na cathraiche ùr air Bòrd Coimhearsnachd nan Aiseagan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh25 An t-Iuchar 2024

- Air fhoillseachadh25 Am Màrt
