Briseadh-dùil a thaobh FtMG sna Crìochan

Pàrantan anns na Crìochan a tha ag iarraidh foghlam Gàidhlig dhan cuid chloinne
- Air fhoillseachadh
Tha pàrantan anns na Crìochan air briseadh-dùil fhaighinn agus comhairle na sgìre air innse nach tèid foghlam Gàidhlig aig ìre bun-sgoile a stèidheachdh ron ath bhliadhna-sgoile air sgàth 's gu bheil tuilleadh sgrùdaidh a dhìth.
Tha Màiri Anna Shanks am measg nam pàrantan a th' air a bhith ag iomairt gus foghlam Gàidhlig a thòiseachadh san sgìre.
Tha dithis chloinne aice, a tha còig agus seachd bliadhna a dh' aois. Chaidh i fhèin tro fhoghlam Gàidhlig.
"Tha fios agam dè dìreach cho cudromach 's a tha e do chloinn an cothrom sin fhaighinn," thuirt i.
"Tha mi ag iarraidh gum faigh mo chuid chloinne an aon chothrom 's a fhuair mise."
Foghlam Gàidhlig air fàire sna Crìochan?
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios 2025
Thèid coimhead ri foghlam Gàidhlig a thabhainn anns na Crìochan
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain 2025
As t-samhradh an-uiridh, chuir na pàrantan iarrtas airson foghlam Gàidhlig do 33 duine cloinne gu Comhairle Chrìochan na h-Alba.
Rinn an t-ùghdarras ionadail an uairsin measadh agus chaidh co-dhùnadh a dhèanamh gun robh iarrtas gu leòr ann airson aonad Gàidhlig a stèidheachadh.
Chaidh aithisg air beulaibh chomhairlichean san t-Samhain an-uiridh a bha a' moladh an leithid a dhèanamh san Lùnastal am-bliadhna.
Leis an sin, bha làn-dùil aig pàrantan gum biodh foghlam Gàidhlig ri fhaotainn aig tòiseach na h-ath bhliadhna-sgoile.

Mòrag NicIlleDhuinn agus a mac, Iver, a tha a' dol dhan sgoil san Lùnastal
Tha Mòrag NicIlleDhuinn nam measg agus i air a bhith an sàs san iomairt bho thòisich e. Tha a mac a' tòiseachadh san sgoil às dèidh saor-làithean an t-samhraidh.
Bha i fad mhìosan a' cur cheistean air a' chomhairle agus i ag iarraidh fiosrachaidh mu na planaichean aca. Bha i airson dearbhadh fhaighinn air càite am biodh an t-aonad Gàidhlig ùr.
Bha dùil aice gun tigeadh co-dhùnadh ro shaor-làithean na Càisge, leis gur ann an uairsin a tha na taghaidhean sgoile deireannach gan dèanamh. Ach cha tàinig càil.
"Tha a h-uile pàrant a tha seo againn le clann a tha a' dol dhan sgoil san Lùnastal," thuirt i.
"Feumaidh fios a bhith aca càite bheil iad a' dol."
"Gu h-àraid leis a' Ghàidhlig. Feumaidh fios a bhith aca a bheil iad a' dol a dh'fhaighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig."
Còir laghail air foghlam Gàidhlig ga mholadh
- Air fhoillseachadh7 An t-Ògmhios 2023
Thuirt Comhairle nan Crìochan gun deach moladh a chur air adhart san t-Samhain airson foghlam Gàidhlig a stèidheachadh san Lùnastal am-bliadhna.
Ach thuirt iad gun robh sin a-riamh an eisimeil tuilleadh sgrùdaidh gus faicinn an gabhadh a dhèanamh.
A rèir na comhairle, thàinig e am follais gu bheil dùbhlain mhòra ann a thaobh cosgais, luchd-obrach agus còmhdhail agus leis an sin, chan eil coltas ann gun gabh an t-amas a choileanadh.
Tha sgrùdadh a' leantainn ge-tà, gus aithisg a dheasachadh a thèid air beulaibh chomhairlichean.

Maggie Wentworth, Ceannard Chomann nam Pàrant
Tha Comann nam Pàrant air a bhith a' cumail taic ri pàrantan san sgìre.
Tha iadsan den bheachd gum bu chòir dhan ùghdarras ionadail a bhith seachad air an ìre seo air sgàth 's gun robh iad air làn mheasadh a dhèanamh roimhe.
Tha iad cuideachd a' cur às leth na comhairle nach eil iad air am pròiseas a th' air a chur romhpa fon lagh a leantainn mar bu chòir.
'S i Maggie Wentworth ceannard na buidhne.
"Tha seo cho cudromach a thaobh a' phròiseis a th' againn," thuirt i.
"Chan eil còir laghail againn air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig."
"Chan eil againn ach am pròiseas a tha seo far am faod pàrantan iarrtas a dhèanamh."
"'S e pròiseas fon lagh a tha seo. Mura h-eil a' chomhairle deònach am pròiseas a leantainn - càite bheil sinn?"
Ann am brath-naidheachd, thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ri Comhairle Chrìochan na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba.
Tha dùil aca taic agus comhairle a chumail riutha gus an tèid foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre.
Thuirt an riaghaltas gu bheil còmhraidhean air a bhith aca leis a' chomhairle, gu bheil pròiseas ri leantainn agus gu bheil iad ag obair còmhla gus fòcas a chur air an seo.
Mì-chinnt
Ach aig an ìre seo, chan eil cinnt no clàr-ama ann.
Tha dragh air Mòrag mun na tha san amharc dha mac agus e a' dol dhan sgoil a dh'aithghearr.
"Chan eil mi a' faireachdainn math mu dheidhinn a chur gu sgoil eile," thuirt i.
"'S dòcha gum fuirich e san sgoil sin 's nach bi cothrom aige a chaoidh Gàidhlig a bhruidhinn.
"'S dòcha gum faigh e air gluasad gu foghlam Gàidhlig uaireigin san àm ri teachd."
"Chan eil mi air a bhith a' faireachdainn math mun seo airson ùine mhòr a-nis."