Taic làidir bho BhP nan Eilean 'son sealg a' ghuga

Sealgairean ann an Sùlaisgeir
  • Air fhoillseachadh

Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar air taic làidir a chur ri sealg a' ghuga agus cuideachd air slaic a thoirt air feadhainn a tha ag iomairt na aghaidh.

Thuirt Torcuil Crichton gur e pàirt bhunaiteach de dh'eachdraidh, cultar is fèin-aithne Nis a tha san t-sealg is gu bheil e ga dhèanamh le urram is tuigse.

Tha e ag ràdh gu bheil saidheans a' sealltainn gu follaiseach nach eil an t-sealg a' cur àireamhan nan eun ann an Sùlasgeir ann an cunnart.

Thòisich iomairt às ùr an aghaidh na seilge nuair a thill na Nisich a Shùlaisgeir an-uiridh

B' e sin a' chiad turas a bha iad ann bho 2021 is flu nan eun air fàgail nach do dh'iarr iad cead ann an 2022, 2023 is 2024.

Chuir luchd-iomairt athchuinge às dèidh sin air beulaibh Comataidh nan Athchuingean aig Holyrood is còrr is 100,000 air ainm a chur ris.

Cho-dhùin buill na comataidh a bh' ann sa Mhàrt an athchuinge a chumail fosgailte is gun rachadh a dheasbad sa phàrlamaid ùir às dèidh an taghaidh.

Ach a thuilleadh air sin, tha luchd-iomairt cuideachd air graffiti an aghaidh sealg a' ghuga a chur air oifisean NàdarAlba, mus deach dithis gu mullach an togalaich sin gus fianais a thogail.

Robert Pownell
Fo-thiotal an deilbh,

Sheas Robert Pownell ann am Meadhan Dhùn Èideann ann an taghadh na h-Alba is e air a sgeadachadh mar shùlaire, ged a thuirt Torcuil Crichton gun robh an èideadh aige nas coltaiche ri ceann-fionn

Tha iomairt cuideachd air a bhith a' dol air-loidhne is sheas tagraiche an aghaidh sealg a' ghuga ann an sgìre Meadhan Dhùn Èideann ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Mgr Crichton gun robh leisg air gu seo a dhol an sàs san deasbad ach gu bheil e a-nise a' faireachdainn gum bu chòir dha bruidhinn a-mach ma tha ceist sam bith ann a bheil an iomairt gus buaidh a thoirt air NàdarAlba.

Thathar a' tuigsinn gu bheil Sgioba Shùlaisgeir air cead iarraidh 'son a dhol dhol ann am-bliadhna.

Is thug Mgr Crichton slaic air dol a-mach cuid den luchd-iomairt.

"Shaoil mi gun robh an iomairt seo na eisimpleir air feadhainn a bha 'son aire a thoirt orra fhèin, a' cleachdadh nam meadhanan-sòisealta, is gun mòran aca ri dhèanamh nam bheatha.

"'S e fìor neo-colonachd uaine a tha seo, a chunnaic sinn mu dheireadh le oidhirp sgìrean HPMA a sparadh air na h-Eileanan an Iar.

"Tha sluagh nan eilean seo air tighinn beò gu nàdarra leis an àrainneachd fad linntean.

"Chan eil feum againn air luchd-iomairt le beachd slànaigheir orra fhèin innse dhuinn dè tha math dhuinn."

Nas tràithe an t-seachdain seo, sgriobh BP Làbarach nan Eilean Siar gu NàdarAlba mun chùis.

Thuirt Dòmhnall MacFhionghain gum bu chòir co-dhùnadh na buidhne mun t-seilg a bhith stèidhichte air saidheans a-mhàin.