Geàrr-chunntas

  • Tha Baile Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a bhuannachadh

  • Chrìochnaich a' chuairt dheireannach an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich 3-2 às dèidh dhan Bhaile Ùr a bhith 3-0 air thoiseach

  • Thàinig dà thadhal bho Iain Robinson, a' chiad fhear an seo is an dàrna tadhal aige an seo

  • Chuir Joe Coyle òg an treas tadhal

  • Fhuair Ryan Borthwick tadhal air ais do Cheann a' Ghiùthsaich is chuir e fear eile le mionaid air fhàgail de dh'ùine àbhaisteach

  • Tha am Baile Ùr a-nise air an cupa a thogail 35 tursan

  • Bha a' chuairt dheireannach air ais aig Pàirc a' Bhucht 'son a' chiad turas bho chaidh an goireas a sgeadachadh

  • Nas tràithe san là bhuannaich Lòbhat Cupa MhicMhaighstir

  1. Atharrachadhair fhoillseachadh aig 14:50 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Tha atharrachadh ann an sgioba Chinn a' Ghiùthsaich, tha Ruairidh MacEachainn a' tighinn air an àite Iain Fhriseil.

    Bha am Frisealach air brag fhaighinn bho chionn beagan mhionaidhean.

  2. Tadhal Iain Robinsonair fhoillseachadh aig 14:48 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    35 mionaidhean air a' chleoc is seo an tadhal a tha an-dràsta a' fàgail gu bheil am Baile Ùr air thoiseach 1-0.

  3. Sgàileanair fhoillseachadh aig 14:45 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Calum Dòmhnallach
    Ag aithris à Pàirc a' Bhucht

    "Tha Eòghain is Somhairle fo sgailean gorm is geal. Feumaidh mi innse nach eil sin a’ ciallachadh gu bheil iad a' taobhadh leis a’ Bhaile Ùr!

    Sgàilean
  4. Uisgeair fhoillseachadh aig 14:36 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Tha an t-uisge ann an-dràsta ach chan eil cùisean a' fuarachadh is brag mòr an sin nuair a bhuail Tòmas Borthwick is Iain Robinson ann an càch a chèile.

    Tha iad arite is tha an geama a' dol a-rithist.

  5. Aimhreitair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Bha beagan aimhreit an sin is Calum Grannd a' putadh Iain Robinson gu làr. Bha facal aig Iain Ceannadach ann an cluas a' Ghranndaich ach sin uile 's.

  6. Fiosair fhoillseachadh aig 14:30 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Ghabh Robinson air a shocair, a' tionndadh is an uairsin a' lasadh a' bhuill ìosal seachad air MacGriogair. Tadhal fìor mhath is làmh an uachdair aig a' Bhaile Ùr a-nise.

    Tadhal!
  7. TADHAL!air fhoillseachadh aig 14:28 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Iain Robinson air an targaid dhan Bhaile Ùr!

  8. Blàrair fhoillseachadh aig 14:26 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Is tha am Baile Ùr air cas fhaighinn dhan gheama is beagan cuideim acasan a-nise.

    Dòmhnall MacLaomainn ag ràdh gur e "blàr" a th' ann aig an ìre seo.

  9. Machair?!air fhoillseachadh aig 14:23 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Pàirc a' Bhucht

    "Tha Raghnal Ros ag ràdh nach fhaca e Machair a-riamh na bheatha"

  10. Cuideamair fhoillseachadh aig 14:22 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Bha sàbhaladh math eile aig Kenny Ros an siud. Tha am Baile Ùr fo bheagan uallaich an-dràsta is tha Iain Caimbeul air Radio nan Gàidheal ag ràdh gu bheil e fìor chudromach dhaibh an-dràsta seatladh sìos is fuireach sa gheama.

  11. "Nearbhasach"air fhoillseachadh aig 14:18 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Calum Dòmhnallach
    Ag aithris à Pàirc a' Bhucht

    "Chan urrainn gu bheil neach air fhàgail ann am Bàideanach. Thuirt sinn nas tràithe cho socair 's a bha na cluicheadairean: chan eil an luchd-taic, tha faireachdainn gu math nearbhasach mun àite"

  12. Sàbhaladhair fhoillseachadh aig 14:17 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Is sàbhaladh air leth an siud bho Kenny Ros gus stad a chur air oidhirp bho Dylan Borthwick. A' chiad dheagh chothrom a bha sin.

    SàbhaladhTùs an deilbh, bbc
  13. Fiosair fhoillseachadh aig 14:16 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Tha an geama air tòiseachadh gu luath.

    Bha a' chiadh shealladh air an tadhal aig a' Bhaile Ùr ach dhèilig Ceann a' Ghiùthsaich ris gu math.

    Nise sìos dhan cheann eile is tha buile oisiein aig Kings.

  14. Seo sinn ma-thàair fhoillseachadh aig 14:11 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 0 Ceann a’ Ghiùthsaich 0

    Tha cuairt dheireannach Chupa na Camanachd air tòiseachadh!

  15. "Deagh là iomain"air fhoillseachadh aig 14:09 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Seo an sàr-sgioba eile a chumas fios rinn tron gheama is Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris le taic bho Iain Caimbeul.

    Tha Gilleasbuig ag ràdh gu bheil an stand ùr a' coimhead àlainn is gu bheil sluagh mòr aig a' Bhucht

    Gibbs is Iain
  16. Toiseach a' gheama a' teannadh dlùthair fhoillseachadh aig 14:05 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Agus seo na sgiobaidhean a-nise a' tighinn a-mach air a' phàirc!

    'S e seo an t-àm as miosa den fheasgar, a rèir Shomhairle MhicDhòmhnaill. "Tha iad dìreach 'son tòiseachadh", tha e ag ràdh.

  17. Fear na fìdeigeair fhoillseachadh aig 14:00 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Iain CeannadachTùs an deilbh, Neil G Paterson

    'S e seo an duine air a bheil uallach smachd a chumail air gnothaichean tron fheasgar - Iain Ceannadach às a' Ghearasdan.

    Bha Iain na chluicheadair aig àrd-ìre dhan Ghearasdan fhèin agus na bhliadhnaichean na rèitire tha e air grunn de na cuairtean deireannach a dhèanamh ann am farpaisean eile.

    Tha Iain ag ràdh gur e urram mòr a th' ann dha cuairt dheireannach Chupa na Camanachd fhaighinn is gu bheil e 'son leigeil leis a' gheama sruthadh cho mòr 's as urrainn dha.

    Bidh deagh bheachd aige air dè tha roimhe an-diugh oir bha e a' ruith na loidhne nuair a rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 4-3 air Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach 2011.

    Saoil am bi a' ghàire sin fhathast air aodann Iain às dèidh feasgair a' feuchainn ri rian a chumail air muinntir Bhàideanach?

  18. Gaisgichair fhoillseachadh aig 13:56 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Bidh dithis de laoich Bhàideanach a' tighinn a-mach aig ceann nan sgiobaidhean aca an-diugh.

    Bho Bhaile Ùr an t-Slèibh tha Rob Ritchie, fear a tha air a bhith an sàs sa chluba fad a bheatha, air is far na pàirce. Chan eil duine cho eòlach air eachdraidh na h-iomain san sgìre ri Rob is e air leabhraichean air leth a sgrìobhadh. 'S e fhathast a tha a' cumail pàirc ainmeil Eilean Bheannchair ann an òrdugh.

    Rob RitchieTùs an deilbh, Cluba Camanachd Bhaile Ùir an t-Slèibh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Rob Ritchie aig an Eilean.

    Air taobh Chinn a' Ghiùthsaich 's e Daibhidh Borthwick a th' aig ceann na sgioba. Bha Daibhidh aig fìor àrd-ìre fad iomadh bliadhna is air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 14 tursan.

    'S e cuideachd athair sgiobair Kings an-diugh, Tòmas.

    Daibhidh Borthwick
    Fo-thiotal an deilbh,

    Daibhidh Borthwick, a' cluich an seo ann an cuairt dheireannach 1998 nuair a rinn Ceann a' Ghiùthsaich an gnothach 7-3 air Camanachd an Òbain aig Mossfield.

  19. Pàirc a' Bhuchtair fhoillseachadh aig 13:52 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Pàirc a' BhuchtTùs an deilbh, Am Baile/High Life Highland

    Tha a' chuairt dheireannach air ais aig a' Bhucht 'son a' chiad turas bhon obair-leasachaidh mhòir a rinneadh air an àite.

    Ged nach eil an taisbeanadh a bhios san togalach ùr ri taobh an stand - Sgeul na Camanachd - deiseil 'son geama an là an-diugh mar a bha dùil bho thùs, thathas an dòchas nach fhada gus am bi e fosgailte.

    Bha cuairt dheireannach Chupa na Camanachd air a cluich aig a' Bhucht 'son a' chiad uair ann an 1923.

    Mar a chì sibh bhon dealbh gu h-àrd bhiodh a' chuairt dheireannach a' tarraing dhaoine nan dròbhan anns na làithean tràth sin.

    Saoil an e Ùisdean MacIllinnein a tha sin na sheasamh ri taobh nan càraichean?

  20. Bodachair fhoillseachadh aig 13:48 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Bha fios aig Sgitheanaich bho chionn fhada cho cudromach 's a tha e Bodach comasach a bhith agaibh eadar na puist.

    'S e sin a th' aig Baile Ùr an t-Slèibh an-diugh is Kenny Ros anns an tadhal. Bha dà chaibideil fa leth ann am beatha Kenny san iomain, fad iomadh bliadhna na chluicheadair air leth ann am meadhan na pàirce le Loch Carrann - an sgioba aige fhèin bho thùs - is an uairsin na fhear-ghlèidhidh le Baile Ùr an t-Slèibh aig aois nuair a tha a' mhòr-chuid air an caman aca a chur an dàrna taobh. Nise 55, tha Kenny ag amas air bonn eile an-diugh. Tha Somhairle MacDhòmhnaill ag ràdh gur e "mìorbhail" a th' ann an Kenny.

    Eadar na puist aig a' cheann eile an-diugh chan e bodach a th' ann am Bob Mòr MacGriogair fhathast - ach bidh dùbhlan mòr aig Baile Ùr an t-Slèibh an-diugh dòigh fhaighinn seachad air.