Geàrr-chunntas

  • Bidh Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinne còmhla ri Brasil, Morogo is Haiti

  • Bidh an fharpais air a cluich anns na Stàitean Aonaichte, Canada is Meagsago

  • Tha dearbhadh ann a-nise air far an tèid geamaichean na h-Alba a chluich

  • Cluichidh Alba an aghaidh Haiti is Morogo ann am Boston agus bidh an geama an aghaidh Bhrasil ann am Miami

  • Bidh Sasainn còmhla ri Croatia, Ghana is Panama

  • Tha geamaichean play-off ri tighinn aig a' Chuimrigh, Èireann a Tuath is Poblachd na h-Èireann uile

  • Seo na buidhnean a dh'fhaodadh a bhith acasan

  • Chaidh an taghadh a dhèanamh sa Kennedy Centre ann an Washington DC

  1. Urramair fhoillseachadh aig 17:40 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Tha Mgr Infantino a' mìneachadh nan adhbharan a chaidh an duais a thoirt do Mhgr Trump.

    Tha an Ceann-suidhe fhèin ag ràdh gu bheil seo am measg nan urraman as motha a fhuair e a-riamh.

    Infantino is TrumpTùs an deilbh, PA Media
  2. Duais Sìthe FIFAair fhoillseachadh aig 17:33 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Tha Gianni Infantino dìreach air Duais na Sìthe aig FIFA a bhuileachadh air a' Cheann-suidhe Trump.

    'S e seo a' chiad turas a chiadh an duais seo a thoirt seachad.

  3. Bho Àird Thunga gu Washington DCair fhoillseachadh aig 17:28 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Dòmhnall Trump an LeòdhasTùs an deilbh, Press Association

    Nach eil fios gu bheil mac Leòdhais gu bhith gu mòr an sàs ann an gnothaichean ann an Washington a-nochd.

    Tha an taghadh a' tachairt aig an Kennedy Centre - dìreach mìle bhon Taigh Gheal - is Dòmhnall Trump a-nise na chathraiche air a' bhuidhinn seo às dèidh dha fhèin crathadh a thoirt a' bhòrd.

    Agus tha e coltach gu bheil e dìreach gus duais ùr fhaighinn....

  4. Fiosair fhoillseachadh aig 17:25 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Bha Gianni Infantino a' bruidhinn 'son còrr is sia mionaidean an sin is a' feuchainn ri toirt air an fheadhainn a tha an làthair USA, Canada is Meagsago a sheinn.

    Cuid ag ràdh gun robh e a' cur nan cuimhne David Brent. 'S dòcha nach robh iad fada ceàrr!

    Tha Robbie Williams agus Nicole Scherzinger a-nise a' seinn air an àrd-urlar.

    Gianni InfantinoTùs an deilbh, Getty Images
  5. Beachd Ailigair fhoillseachadh aig 17:21 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    A' bruidhinn air Aithris an Fheasgair a-nochd thuirt Ailig O'Henley gum biodh esan an dòchas Canada fhaighinn ann am Poit 1 ach an Eadailt - ma thig iad tro na play-offs - a sheachadh ann am Poit 4.

    Tha Ailig cuideachd ag ràdh gun robh e a' bruidhinn ri feadhainn an t-seachdain seo a chuir air dòigh tiocaidean plèana mar-thà a Vancouver is iad an amharas gun èirich prìsean gu mòr às dèidh an taghaidh a-nochd.

    'S dòcha gur e deagh phlana a bha siud - tha a h-uile coltas ann gur e farpais gu math cosgail a bhios ann dhan luchd-taic.

  6. Dè na cuingealachaidhean a th' ann?air fhoillseachadh aig 17:15 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Gu sìmplidh, tha gu leòr! Ach seo an fheadhainn air am bu chòir sùil a chumail:

    Cha bhi e ceadaichte do bharrachd air aon sgioba bho gach sgìre ball-coise cluich san aon bhuidhinn.

    Mar eisimpleir chan urrainn do Bhrasil agus Uruguaidh (Conmebol) a bhith còmhla neo Canada agus Panama (Concacaf).

    Ach, feumaidh ceithir buidhnean a bhith le dà sgioba Eòrpach leis bheil 16 sgioba a' tighinn bho UEFA.

    Ach, leis gu bheil na sgiobaidhean play-off bho thaobh a-muigh UEFA a' tighinn bho diofar sgìrean tha sin gan cuingealachadh buileach air far an urrainn dhaibh a dhol - ach fàgaidh sinn sin aig a' chompiutair bhochd obrachadh a-mach.

  7. Dè thachras an uairsin?air fhoillseachadh aig 17:13 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Air ais dhan taghadh ma tha. Gar leantainn fhathast? Glè mhath, cumaidh sinn oirnn.

    Tha fios againn le cìnnt mar-thà gu bheil Meagsago ann am Buidheann A, Canada ann am Buidheann B agus Na Stàitean Aonaichte ann am Buidheann D.

    Thèid an còrr dhe na sgiobaidhean ann am Poit 1 a thaghadh airson a dhol anns a' chòrr dhe na buidhnean - 12 uile gu lèir.

    Leanaidh an taghadh an uairsin le Poit 2, 3 is 4 gus am bi na poitean fallamh agus na buidhnean uile làn.

    Nuair a thèid dearbhadh dè a' bhuidheann anns a bheil sgioba a' dol, thèid an cur ann a rèir a' ghriod gu h-iosal agus tha sin cudromach a thobh òrdugh nan geamaichean.

    Mar eisimpleir, ma thèid Alba a thaghadh ann am buidheann A thèid an cur dhan dàrna àite leis gun deach an togail bho Phoit 3.

    Griod de bhuidhnean Chupa na Cruinne ag innse dè an t-àite dhan tèid na sgiobaidhean nuair a thèid an taghadhTùs an deilbh, FIFA
  8. Andrea Bocelli a' faighinn chùisean gu dolair fhoillseachadh aig 17:12 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Abair guth airson gnothaichean a thòiseachadh taobh a-staigh Ionad a' Cheannadaich.

    Andrea Bocelli a' gabhail Nessun Dorma.

    'S e a dhèanadh math aig a' Mhòd!

  9. Ciamar a tha an taghadh ag obair?air fhoillseachadh aig 17:01 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Deagh cheist!

    Tha e car toinnte ach feuchaidh sinn ri bhristeadh an àrd cho sìmplidh 's a ghabhas.

    An toiseach tha na sgiobaidhean air fad, 48 dhiubh, uile air an roinn ann an ceithir poitean.

    Tha iad seo an ìre mhath ann an òrdugh a rèir rangannan FIFA, le Alba ann am Poit 3.

    Tha Canada, Meagsago agus na Stàitean Aonaichte ann am Poit 1 ge-tà leis gu bheil iad a' cumail na farpais.

    Agus thèid na sgiobaidhean a thig tro na play-offs uile a chur ann am Poit 4, a dh' aindeoin far a bheil iad sna rangannan.

    Mar eisimpleir, 's ann a sin a dheadh an Eadailt neo a' Chuimrigh, ged a tha iad nas àirde na sgiobaidhean leithid Alba sna rangannan.

    Poitean airson Taghadh Chupa na Cruinne 2026
  10. Cò tha an sàs?air fhoillseachadh aig 16:57 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    An toiseach ge-tà, cò dìreach a tha an lùib ghnothaichean a-nochd?

    Ron taghadh fhèin, gabhaidh luchd-ciùil leithid Andrea Bocelli, Robbie Williams agus Nicole Scherzinger chun an àrd-ùrlar, le dùil cuideachd gun toir an Ceann-suidhe Trump agus Ceann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, òraidean seachad.

    Bidh seann chluicheadair Mhanchester United, Rio Ferdinand, a' stiùireadh an taghaidh le rionnagan spòrs Ameireaganach leithid Tom Brady, Wayne Gretzky agus Shaquille O'Neal an-sàs cuideachd.

    Aon uair is gum bi an taghadh seachad, gabhaidh The Village People "YMCA" airson cùisean a thoirt gu ceann, le dùil gum mair a' chùis air fad mu thimcheall air 90 mionaid.

    An ruith cùisean dìreach mar a tha iad a' sùileachadh? Uill 's e ceist eile a tha sin.

    Cupa na Cruinne aig an taghadhTùs an deilbh, Getty Images
  11. Dachaigh nan taghaidhean mòraair fhoillseachadh aig 16:49 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Cupa na Camanachd

    Thòisich sinn 2025 le taghadh Chupa na Camanachd beò air BBC Naidheachdan is seo sinn air ais aig deireadh na bliadhna le taghadh cliùiteach eile!

    Chan eil am fear seo buileach cho sìmplidh ri taghadh na h-iomain tha eagal orm.

    Fan còmhla rinn oir tha Dòmhnall Angaidh dìreach gus mìneachadh mar a dh'obraicheas a h-uile dad.

  12. Fàilte oirbh a chàirdean!air fhoillseachadh aig 16:45 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Uill cho luath is a chrìochnaich an geam iongantach ud aig Hampden an aghaidh na Danmhairg air a' mhìos a chaidh, 's e seo an là ris an robh sinn uile a' dèanamh fiughair.

    An taghadh airson Chupa na Cruinne 2026.

    Cò gheibh Alba sa bhuidhinn aca?

    Chan fhada a-niste gus am faigh sinn a-mach is bheir sin dhuibh am fiosrachadh mar a thachras e.

    Scott McTominay le chas os cionn a' cheann is e a' faighinn a' chiad tadhal do dh'Alba an aghaidh na Danmhairg.Tùs an deilbh, Getty Images