Buidheann Hair fhoillseachadh aig 18:29 GMT 5 An Dùbhlachd 2025
An Spàinn
Bidh Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinne còmhla ri Brasil, Morogo is Haiti
Bidh an fharpais air a cluich anns na Stàitean Aonaichte, Canada is Meagsago
Tha dearbhadh ann a-nise air far an tèid geamaichean na h-Alba a chluich
Cluichidh Alba an aghaidh Haiti is Morogo ann am Boston agus bidh an geama an aghaidh Bhrasil ann am Miami
Tha geamaichean play-off ri tighinn aig a' Chuimrigh, Èireann a Tuath is Poblachd na h-Èireann uile
Seo na buidhnean a dh'fhaodadh a bhith acasan
Chaidh an taghadh a dhèanamh sa Kennedy Centre ann an Washington DC
Air a dheasachadh le Dòmhnall Angaidh Moireasdan is Dòmhnall Pollock.
An Spàinn
A' Bheilg
An Òlaind
A' Ghearmailt
Brasil
Seo sinn ma-tha, bheil sibh deiseil?
Mu dheireadh thall, tha sinn cha mhòr gus tòiseachadh...
Tha a-niste cuid dhe na laoich spòrs as cliùitiche anns na Stàitean Aonaichte agus Canada air nochdadh còmhla ri Rio airson a chuideachadh leis an taghadh.
Wayne Gretzky (Hocaidh deigh), Aaron Judge (Baseball), Shaquille O'Neal (Ball-basgaid) agus Tom Brady (Ball-coise Ameirigeanach)
Chan eil sinn fhathast buileach cinnteach carson ach 's e Rio Ferdinand a tha os cionn an taghaidh fhèin.
Tha Rio air an àrd-urlar a-nise is e ag ràdh gur e football a th' ann seach soccer.
Ball-coise, Rio, ball-coise.
Tùs an deilbh, ReutersUill leis gu bheil sinn a' feitheamh.....dè mu dheidhinn seo a-rithist?
Bithibh onarach, cia mheud turas a choimhead sibh na tadhail aig Alba bhon gheam sin an aghaidh na Danmhairg o chionn beagan is cola-deug?
Na tadhail a thug sinn gu Cupa na Cruinne airson a' chiad turas bho 1998.
50 turas? 100 turas? 1,000 turas?
Och, siuthad ma-thà, aon turas eile...
Alba 4 An Danmhairg 2
Alasdair MacIllinnein
BBC Spòrs
Tha cùisean air dheireadh ann an Washington. Chan eil dùil aig an ìre seo ri Poit 3 gu timcheall air 6:45f.
Tha Lauryn Hill a' gabhail òran an-dràsta.
Tha seo mu 15 mionaid nas anmoiche na bhathar a' sùileachadh.
Tha sinn air feitheamh 28 bliadhna...dè th' ann am beagan mhionaidean eile?
Calum Dòmhnallach
BBC Scotland Sport
Chan urrainn dhomh co-dhùnadh a dhèanamh, bu mhath leam buidheann le Alba a-mhàin on Roinn Eòrpa, ach nam faigheadh sinn buidheann le sgioba Eòrpach bhon dara poit, bhiodh sinn cinnteach na sgiobaidhean as duilghe sa cheathramh phoit a sheachnadh - a' toirt cothrom nas fhearr dhuinn a dhol troimhe.
De ur beachd?
Robh fios agaibh gu bheil an Ceann-suidhe Trump eòlach gu leòr air taghaidhean ball-coise?
Cò eile ach Dòmhnall Trump a rinn an taghadh airson Chupa Rumbelows air ais ann an 1992 còmhla ri Saint is Greavsie.
Dh'innis e aig an àm gun do chluich e ball-coise nuair a bha e san sgoil agus fhuair e prèasant sònraichte bho na balaich.
Saoil a bheil muga Saint and Greavsie aige fhathast?
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Duilgheadas tiocaidean fhaighinn ma gheibh sinn Argentina?
Alasdair MacIllinnein
BBC Spòrs
Ged a bhiodh Argentina sgoinneil (bu thoil leam fhèin iad sa bhuidhinn againn), bhiodh luchd-taic na h-Alba gu tur sa bheag-chuid. Tha e do-chreidsinneach mar a tha luchd-taic Argentina a' faighinn grèim air tiocaidean.
Cuir ris a sin am "Messi Factor" leis gur e seo an Cupa na Cruinne mu dheireadh aige is bhiodh strì mhòr ann chanadh tu airson tiocaidean gheamannan Argentina.
Nach sibh a tha air a bhith foighidneach!
Chan eil fada ri dhol a-niste is ceannardan Chanada, Meagsago agus na Stàitean Aonaichte air an àrd-ùrlar airson na sgiobaidhean aca fhèin a thaghadh.
Na gabh dragh, chan e coirbteachd a th' ann oir bha fios againn mar-thà gum biodh Meagsago ann am Buidheann A, Canada ann am Buidheann B agus Na Stàitean Aonaichte ann am Buidheann D.
Tha an taghadh fhèin a' teannadh dlùth a-nise (mu dheireadh thall, chanadh cuid).
Cò tha sibh ag iarraidh?
Agus ma 's e bhideo a b'fheàrr leibh a choimhead airson blas fhaighinn air mar a bhios an taghadh ag obair, tha seo againn cuideachd.
Taghadh Chupa na Cruinne
Ma bhios Alba san aon bhuidheann ri Meagsago, Canada neo na Stàitean Aonaichte, bidh fios againn a-nochd càite am bi iad a' cluich agus dè na làithean a bhios na geamaichean.
'S e sgioba bho Phoit a' trì a chluicheas Meagsago sa chiad gheam dhen fharpais a' ciallachadh gur dòcha gur e Alba a bhios ann - coltach ri Brazil anns a' Fhraing ann an 1998.
An iarradh sibh sin? A' chiad gheam an aghaidh deagh sgioba ann an teas Mheagsaganaich shuas àrd os cionn ìre na mara? Chan eil mi fhèin ro chìnntech...
Mura bi Alba ann an aon dhe na buidhnean sin, bidh againn ri feitheamh chun a-màireach airson faighinn a-mach càite dìreach a bhios iad a' cluich. Bidh tomhas mhath againn air an sgìre sam bi iad ge-tà.
Tùs an deilbh, FIFANa bailtean far am bi geamaichean gan cluich agus an àireamh dhiubh anns gach baile.
Calum Dòmhnallach
BBC Scotland Sport
Duais sìthe FIFA ga buileachadh air a' Cheann-suidhe Trump an sin. Leis na ceanglaichean Eileanach aige 's dòcha gur e an duine ceart airson riaghailtean Chupa Eilein an Fhraoich a chur air dòigh 'son nam bliadhnaichean ri thighinn?