Òrain

Suas dha na Speuran!

Siubhail tro na speuran gus stòiridhean, òrain agus geamannan do chlann eadar 5-7 a lorg.

Òrain



Òran 1 - Còmhlan Ceòlmhor, Còmhlan Grinn (We're a Fantastic Band)

Seinn an t-òran tarraingeach seo cuide ris a' chòmhlan de dh'uilebheistean agus innsidh Mìg, Mòg, Màg, Lurag agus Làrag dhut cò iad agus ciamar a tha iad a' faireachdainn.

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. Innsidh na h-uilebheistean mar a tha iad a' faireachdainn agus feumaidh sgoilearan an clogaid ceart a thaghadh dhaibh. Thèid faclan an òrain atharrachadh a rèir mar a tha gach fear de na h-uilebheistean a' faireachdainn. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad.

Briathrachas:

Còmhlan ceòlmhor Tuneful band
Còmhlan grinn Fine band
Èistibh rinn Listen to us
Madainn mhath Good morning
Halò Hi
Chan eil ro mhath Not too well
Ciamar a tha thu? How are you?
Dìreach sgoinneil / Math gu leòr Fantastic / OK
Tha mise sgìth / tinn I'm tired / awful

Òran 2 - Is Toigh Leam Rap! (I like rap!)

Tha cothrom aig sgoilearan feuchainn air rapadh cuide ri Màg, Mòg, Mìg, Lurag agus Làrag, agus cuimhnich gum feuch sibh air na gnìomhan. Èist gu faiceallach gus na faclan leis an aon fhuaimneachadh a chluinntinn (faclan a' crìochnachadh le -io agus -adh).

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, an dèidh do Mhàg innse dè is toigh leis a bhith a' dèanamh, feumaidh sgoilearan an uidheamachd cheart a thaghadh dha. Atharraichidh faclan an òrain a rèir de an t-uidheamachd a dh'iarr Màg. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad. Faodar cuideachd geama mìm a chluiche, a' cleachdadh na gnìomhairean a tha nochdadh san rap.

Briathrachas:

Is toigh leam I like
rap to rap
crathadh to shake
leum to jump
sgiobadh to skip
snàmh to swim
spèileadh to skate
sreap to climb
cluich leis a io-io to play with a yo-yo

Òran 3 - Am Faod Mi Ceòl a Chluich? (Can I Be in the Band?)

Danns agus seinn còmhla ri Mòg, Màg, Lurag agus Làrag 's iad uile airson a bhith nam pàirt de chòmhlan Mhìg. Èist ris an t-òran agus faigh a-mach cò a tha airson an tambuirìn, giotàr, druma agus am piàna a chluich.

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, feumaidh sgoilearan na h-ionnsramaidean ceart a thaghadh dha na h-uilebheistean. Atharraichidh faclan an òrain a rèir dè na h-ionnsramaidean a tha gach uilebheist a' cluich.

Leasaich do sgilean ann an dannsa-diosgo le bhith a' seinn 's a' cleasachd còmhla ris a' chòmhlan. Nach seinn sibh e do chàirdean 's do charaidean! Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Briathrachas:

Am faigh mi an/am ... mas e do thoil e? May I have the ... please?
Gheibh Yes, you may
Seo dhut e Here you are
Am faod mi ...? May I be ...?
Aon, dhà, tri agus ... One, two, three and ...

air ais | 



Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.