Mun làraich

Tha Rocaid mar phàirt de chruinneachadh de làraich Ghàidhlig do chlann eadar 5-7. Am measg làraich eile do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh Tràth agus Ciad ìrean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais tha:


Siubhail tro na speuran san Rocaid gus stòiridhean, òrain agus geamannan a lorg. Cliog air an rocaid gus na diofar roinnean a ruighinn. An dèidh dhut a dhol a-steach, rannsaich gach sgrion Tbh gus na leanas a lorg:

• Blioblob (stiùiriche cànain beòthail)

• trì stòiridhean dathach is dibhearsaineach

• trì òrain tarraingeach air an seinn le buidheann de dh'uilebheistean chàirdeil!

Faodaidh tu do dhreach fhèin a chur air an rocaid le bhith a' cleachdadh na diofar phutain is làmhan a tha na broinn. 'S e do phrìomh amas trì òrain, trì stòiridhean agus Blioblob a lorg.

Blioblob

Tha a' mhòrchuid de na faclan is abairtean sna h-òrain agus na stòiridhean rin lorg ann an earrainn Blioblob. 'S e stiùiriche beothail a th' ann am Blioblob, a bhios ag atharrachadh a chruth a rèir nam faclan. Faodar Blioblob a chleachdadh an cois nan òran 's nan stòiridhean no na aonar gus faclan is abairtean ionnsachadh ann an dòigh spòrsail.

Na Stòiridhean

Fon Mhuir
A' Chraobh Bheag Fhuar
Burraidhean

Na h-Òrain

Còmhlan Ceòlmhor, Còmhlan Grinn
Is Toigh Leam Rap!
Am Faod Mi Ceòl a Chluich?

An dèidh na stòiridhean a leughadh, tha diofar rudan ann a dh'fhaodas sgoilearan a dhèanamh:

Leugh an stòiridh (stòiridhean air fad)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh a leughadh aig astar a tha freagarrach dhaibh pèin. Tha còmhraidhean sìmplidh sna stòiridhean, a' toirt deagh chothrom do sgoilearan faclan a chaidh ionnsachadh roimhe ath-aithris agus a neartachadh. Cluinnidh iad am fuaimneachadh ceart agus fonn cainnt nam faclan. Bu chòir sgoilearan a bhith air am brosnachadh gus na stòiridhean a leughadh a-rithist gus misneachd a thogail ann a bhith a' leughadh Gàidhlig.

Coimhead an stòiridh (stòiridhean air fad)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh a choimhead le no as aonais teacsa. Gus a choimhead le teacsa bu chòir cliogadh air an ìomhaigh dhen leabhar. Am measg nam builean ionnsachaidh tha: a bhith ag èisteachd ris an stòiridh le no as aonais teacsa, agus a bhith a' tuigsinn brìgh nam faclan 's nan abairtean air a bheil iad eòlach le bhith gan obrachadh a-mach tro dhealbhan, fuaimean nan litrichean agus cruth nam faclan.

Sgrìobh stòiridh (A' Chraobh Bheag Fhuar agus Fon Mhuir)
Faodaidh sgoilearan an stòiridh fhèin a sgrìobhadh, agus dealbhan a chur ris, mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh iad. Faodaidh iad cuideachd faclan is dealbhan ùra a chur ris. Tha dà ìre sa ghnìomh seo, gach fear le cruth eadar-dhealaichte. Anns gach ìre tha taghadh de dh'fhaclan, dealbhan agus caractaran bhon stòiridh. Cuideachd ri fhaighinn, tha taghadh de dh'innealan-dealbhaidh, dathan, innealan-cruth, agus innealan airson dubhadh às agus gluasad.

Bheir seo cothrom do sgoilearan stòiridh ath-innse, stòiridh ùr a sgrìobhadh, dealbh a dhèanamh agus còmhraidhean eadar caractaran a sgrìobhadh. Gabhaidh na stòiridhean an clò-bhualadh agus a leughadh do dhaoine eile.

Cuir stòiridh an òrdugh (A' Chraobh Bheag Fhuar)
Dà gheama airson dearbhadh gu bheil sgoilearan a' tuigsinn an stòiridh:

• cuir dealbhan bhon stòiridh dhan òrdugh cheart

• cuir crìoch air 5 no 9 seantansan (tha an àireamh de sheantansan a rèir dè cho math 's a rinn an sgoilear sa chiad gheama)

• an dèidh dhan gheama crìochnachadh, gabhaidh an stòiridh a chlò-bhualadh.

Geama (Fon Mhuir)
An dèidh Fon Mhuir a leughadh, faodaidh sgoilearan bàta a chur ri chèile le bhith a' lorg nan trì diofar phìosan a th' air falach fon chorail 's fon fheamainn. Gabhaidh am bàta an uair sin a pheantadh agus a chlò-bhualadh.

Òrain
'S e còmhlan de dh'uilebheistean a th' ann an Mìg, Mòg, Màg, Lurag agus Làrag, agus tha iad a' gabhail trì òrain. Faodaidh sgoilearan seinn còmhla riutha, na gnìomhan airson gach òran a dhèanamh, agus fiù 's na faclan a bhios an còmhlan a' seinn a thaghadh.

Taic claistinneach is lèirsinneach
Faodar cliogadh air a' phutan Taghaidhean gus:
• an teacsa ath-mheudachadh agus an cùl-dhath agus dath an teacsa atharrachadh
• cluinntinn an teacsa air an sgrion ga leughadh
• fo-thiotalan a chur an sàs airson a' mhòrchuid dhe na stuthan fuaim is bhidio.

Chan eil taghaidhean ri fhaotainn san earrainn do Phàrantan is Thidsearan.

Gabhaidh a' mhòrchuid dhen t-susbaint a sgrùdadh le bhith a' cleachdadh a' phutan 'Tab'.

Blioblob

Blioblob

Stiùiriche beothail a bheir taic leis na faclan 's na h-abairtean a tha a' nochdadh sna h-òrain, stòiridhean agus diofar ghnìomhan.

Tha dà ìre sa ghnìomh seo.

1. Cliog air facal no seantans agus chì thu cruth Blioblob ag atharrachadh a rèir gach fear.

2. Tha Blioblob ag atharrachadh a chruth agus feumaidh sgoilearan na faclan no na h-abairtean a tha dol le chumadh a thaghadh a-mach à liosta, agus cliogadh orra.

Briathrachas Blioblob:

Colours Dathan
Numbers Àireamhan
What are you doing? Dè tha thu a' dèanamh?
What's the weather like? Dè seòrsa latha a th' ann?
I like Is toigh leam
I don't like Cha toigh leam
Food Biadh
Who are you? Cò thu?
How are you? Ciamar a tha thu?
I want Tha mi ag iarraidh
Can I ... please? Am faigh mi ... mas e do thoil e?

> Thèid gu Blioblob

Stòiridhean

Stòiridh 1 - Fon Mhuir (Under the Sea)

Leugh an stòiridh agus faigh a-mach dè a thachras nuair a thèid buidheann de dh'èisg air turas gu saoghal mhìorbhaileach fon mhuir? Tha na h-èisg bheaga a' dol air seachran bhom pàrantan agus a' rannsachadh long-bhriste. Air an t-slighe, tha iad a' coinneachadh ri iasg taibhseil, càirdeil nach gabh fhaicinn ach le clann a-mhàin.

Briathrachas:

Ceistean agus Freagairtean

Cò thu? Who are you?
Is mise ... I'm ...
Càite a bheil ...? Where is ...?
Càite a bheil am bàta? Where is the boat?
Seo ... Here's ... / This is ...
Seo mi Here I am

Òrduighean

Thugainn Come
Èist Listen

Abairtean cumanta

Cha tig No thanks
Glè mhath No problem
Àlainn! Lovely!
Mìorbhaileach! Wonderful!

Tha ceithir roghainnean aig sgoilearan:

Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.

Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson gluasad chun an ath dhuilleag.

Sgrìobh stòiridh
Sgrìobh agus cuir dealbhan ri do stòiridh fhèin mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh thu.

Geama
Lorg pìosan gach bàta fon chorail 's fon fheamainn agus an uair sin coinnich ri na caractaran.

An toiseach, cliog air agus cuir ri chèile trì pìosan de bhàta sònraichte. Bidh bàta diofraichte a' nochdadh gach uair a thèid an geama a chluich. An uair sin, nochdaidh na caractaran a-rithist agus innsidh iad cò iad, me "Is mise Anndra." Bu chòir do sgoilearan cliogadh air a' charactar cheart nuair a thèid ceist fhaighneachd dhaibh, me "Càite a bheil Anndra?" An dèidh na caractaran air fad a lorg, gabhaidh am bàta a pheantadh agus a chlò-bhualadh.

Stòiridh 2 - A' Chraobh Bheag Fhuar (The Chilly Little Tree)

Tha craobh-phailm òg air a thoirt a dh'Alba an aghaidh a thoil. Tha aige ri a charaidean fhàgail fad' air falbh na dhùthaich ghrianach fhèin. Tha an droch aimsir ga dhèanamh tùrsach, ach nuair a thilleas a' ghrian as t-samhradh, tha e cho dòigheil ri bròg!

Briathrachas:

Dè seòrsa latha a th' ann? What's the weather like?
Tha i grianach/gaothach/fuar/ag uisge/a' cur an t-sneachda It's sunny/windy/cold/raining/ snowing
Is toigh leam a' ghrian/an t-uisge/an sneachda/a' ghaoth I like the sun/rain/snow/wind
Cha toigh leam an t-uisge/a' ghaoth/an sneachda I don't like the rain/wind/snow
Tha mi ag iarraidh a dhol dhachaigh I want to go home
Chan eil mi ag iarraidh a dhol dhachaigh I don't want to go home
Madainn mhath Good morning
Sgoinneil Great
Glè mhath Very good
Tha mi toilichte an seo I'm happy here

Tha ceithir roghainnean aig sgoilearan:

Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.

Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson an ath dhuilleag a leughadh.

Sgrìobh stòiridh
Sgrìobh agus cur dealbhan ri do stòiridh fhèin mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh thu.

Cuir dealbhan an òrdugh
Cuir dealbhan bhon stòiridh dhan òrdugh cheart.

Stòiridh 3 - Burraidhean (Bullies)

Tha an stòiridh seo a' dèiligeadh ri burraidheachd agus a' toirt cothrom do sgoilearan aon a-mach à dà dheireadh a thaghadh. 'S e burraidhean na sgoile a th' ann an Calum, Cailean agus Ceit, agus tha an stòiridh a' toirt iomradh air dè a tha iadsan ris. Leugh an stòiridh agus tagh dè an deireadh as fheàrr leat fhèin.

Briathrachas:

Beannachdan

Madainn mhath Good Morning

Faireachdainnean

Ciamar a tha thu? How are you?
Tha mi sgìth I'm tired
Tha mi tinn I'm awful

Feumalachdan

Am faigh mi ..? May I have..?
Gheibh/Chan fhaigh Yes you may/No you may not
Tha mi ag iarraidh I want

Òrduighean

Fosgail am baga Open the bag
Greas ort Hurry up
Thugainn Come on

Abairtean

Mo chreach! Goodness gracious!
O ghia! Yuck!
Tha sin tàmailteach What a pity

Tha dà roghainn aig sgoilearan:

Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.

Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson an ath dhuilleag a leughadh.

Òrain

Òran 1 - Còmhlan Ceòlmhor, Còmhlan Grinn (We're a Fantastic Band)

Seinn an t-òran tarraingeach seo cuide ris a' chòmhlan de dh'uilebheistean agus innsidh Mìg, Mòg, Màg, Lurag agus Làrag dhut cò iad agus ciamar a tha iad a' faireachdainn.

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. Innsidh na h-uilebheistean mar a tha iad a' faireachdainn agus feumaidh sgoilearan an clogaid ceart a thaghadh dhaibh. Thèid faclan an òrain atharrachadh a rèir mar a tha gach fear de na h-uilebheistean a' faireachdainn. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad.

Briathrachas:

Còmhlan ceòlmhor Tuneful band
Còmhlan grinn Fine band
Èistibh rinn Listen to us
Madainn mhath Good morning
Halò Hi
Chan eil ro mhath Not too well
Ciamar a tha thu? How are you?
Dìreach sgoinneil / Math gu leòr Fantastic / OK
Tha mise sgìth / tinn I'm tired / awful

Òran 2 - Is Toigh Leam Rap! (I like rap!)

Tha cothrom aig sgoilearan feuchainn air rapadh cuide ri Màg, Mòg, Mìg, Lurag agus Làrag, agus cuimhnich gum feuch sibh air na gnìomhan. Èist gu faiceallach gus na faclan leis an aon fhuaimneachadh a chluinntinn (faclan a' crìochnachadh le -io agus -adh).

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, an dèidh do Mhàg innse dè is toigh leis a bhith a' dèanamh, feumaidh sgoilearan an uidheamachd cheart a thaghadh dha. Atharraichidh faclan an òrain a rèir de an t-uidheamachd a dh'iarr Màg. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad. Faodar cuideachd geama mìm a chluiche, a' cleachdadh na gnìomhairean a tha nochdadh san rap.

Briathrachas:

Is toigh leam I like
rap to rap
crathadh to shake
leum to jump
sgiobadh to skip
snàmh to swim
spèileadh to skate
sreap to climb
cluich leis a io-io to play with a yo-yo

Òran 3 - Am Faod Mi Ceòl a Chluich? (Can I Be in the Band?)

Danns agus seinn còmhla ri Mòg, Màg, Lurag agus Làrag 's iad uile airson a bhith nam pàirt de chòmhlan Mhìg. Èist ris an t-òran agus faigh a-mach cò a tha airson an tambuirìn, giotàr, druma agus am piàna a chluich.

Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, feumaidh sgoilearan na h-ionnsramaidean ceart a thaghadh dha na h-uilebheistean. Atharraichidh faclan an òrain a rèir dè na h-ionnsramaidean a tha gach uilebheist a' cluich.

Leasaich do sgilean ann an dannsa-diosgo le bhith a' seinn 's a' cleasachd còmhla ris a' chòmhlan. Nach seinn sibh e do chàirdean 's do charaidean! Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.

Briathrachas:

Am faigh mi an/am ... mas e do thoil e? May I have the ... please?
Gheibh Yes, you may
Seo dhut e Here you are
Am faod mi ...? May I be ...?
Aon, dhà, tri agus ... One, two, three and ...