Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?

Bha an t-aon choltas air a h-uile taigh na bhroinn. Bha rùm mòr ceàrnagach ann le àite-teine sa mheadhan, leabaidh air gach taobh den doras agus dreasair mòr mu choinneamh an dorais. Ghabhadh a h-uile taigh a ghlasadh, ach dìreach bhon taobh a-staigh, a' leigeil le muinntir an taighe an saoghal mòr a chumail a-mach nan togradh iad.







