Dè th' ann an Skara Brae
agus càit a bheil e?

An-diugh, tha Skara Brae a’ coimhead glè choltach ri mar a bhiodh e còig mìle bliadhna air ais (ach nach biodh puist an teileagraif ann). Nuair a bha daoine a’ fuireach sa bhaile, bha a’ mhuir mòran na b’ fhaide air falbh, air cùl nan dùn-gainmhich agus muran. An-diugh, tha a’ mhuir air stairsneach a’ bhaile. Chaidh balla a thogail o chionn ghoirid timcheall pàirt de Bhàgh Skaill eadar Skara Brae agus a’ mhuir. Saoil carson a chaidh am balla sin a thogail?







