Ro-ràdh
B' e àm dòrainneach a bha seo dhan chinneadh is crìoch
air ar beatha sa bhaile. Bha am bàillidh is a chuid fhear a'
fuadach a' chinnidh seach gun robh an Ceann-feadhna ag iarraidh an
fhearainn airson tuathanas chaorach. Cum ort a' leughadh gus tuilleadh
fhaighinn a-mach mu na h-amannan uabhasach ud.
Iain MacAnndrais - Am fear baile
"Tha na croitearan leisg sin air trì bàirlinnean
fhaighinn ach chan eil iad a' toirt feart orra. Bha uair a bha mi
measail orra ach nuair a thill mi bhon Ghalldachd chunnaic mi dìreach
cho leisg is cho beag feum 's a bha iad. Bhiodh iad tòrr
na b' fheàrr dheth a' cosnadh am bith-beò aig an iasgach
no aig a' cheilp. Tha mi air rabhadh a thoirt dhaibh mura bi iad
air an gnothaichean a thoirt às an dachaighean gun tilg mi
fhìn a-mach iad. Tha sinn air a bhith a' feuchainn ris an
teaghlach seo a chur a-mach fad an là ach cha leig a' ghòraich
leotha falbh no chan urrainn dhaibh. Mar sin, feumaidh mo sheirbhisich
am bodach a ghiùlain a-mach na leabaidh. Feumaidh mi teine
a chur ris an tughadh. 'S dòcha gu bheil sibh a' smaoineachadh
gu bheil seo an-iochdmhor ach 's e an aon dòigh air dèanamh
cinnteach nach till an teaghlach truagh seo air ais a-rithist."
Màiri NicThàmhais - Coitear
"An ainm Nì Maith! Dè a rinn sinn ceàrr?
Ciamar as urrainn don bhàillidh, MacAnndrais, seo a dhèanamh
òirnn? Tha na daoine brùideil aige air gach nì
a th' againn a thilgeil chun na sitig. Fhad 's a bha sin a' dol
air adhart bha a' chlann a' gal is grèim aca air mo chòta.
Nach bochd nach robh an duin' agam an seo! Bhiodh fhios aige-san
dè a dhèanadh e. Bha na daoine ag èigheach
rium ann am Beurla, rudeigin mu bhàirlinn. Cha do shaoil
duin' againn gun tigeadh cùisean gu seo. Ghuidh mise riutha
barrachd ùine a thoirt dhuinn ach bhrùth iad a-mach
mi. Seall orra a-nis. Tha iad a' slaodadh gach pìos àirneis
a-mach is ga shadail dhan leas-chàil. Tha mo chiste na pìosan
is ar stòr coirce air a mhilleadh. Borbachd uabhasach! Dè
a nì mi? Càit an caidil mo chlann a-nochd?"
Calum MacAilein - Croitear
"Tha cràdh na mo làmhan is nam ghàirdeanan.
'S e obair chruaidh a tha seo is feumaidh sinn a bhith air an rathad
mus tuit an oidhche. Chan eil mi cinnteach càit an tèid
sinn, ach ma bhios againn ri taigh ùr a thogail bidh na cabair
sin a shàbhail mi às an teine feumail. Tha mòran
dhiubh ro loisgte airson feum a dhèanamh ach bu chòir
cuid dhiubh a bhith ceart gu leòr. Thog mo shinnsheanair
an taigh seo le a làmhan fhèin. Nam b' urrainn dhomh,
bheirinn gach clach dheth leam. Tha fios agam gum falbh càch
le càil sam bith a dh'fhàgas mi, no, nas miosa buileach,
gun cleachd am fear-baile ùr iad gus gàrraidhean-cloiche
a thogail dha chaoraich mhallaichte. Bu chòir gu faodainn
an toirt leam ach tha mi a' cur feum air a' chairt gus na gnothaichean
againn a ghiùlain. Tha mi ag ùrnaigh gun seas i ri
cuideam nan cabar."
Uilleam
MacAnndrais An Ceann-feadhna
"Tha e daor a bhith a' cumail caisteal a' dol. Eadar càradh,
luchd-obrach is eile tha e doirbh dhomh airgead fhaighinn airson
an aodaich spaideil, nan dealbhan is nan seudan a tha mo theaghlach
ag iarraidh. Feumaidh mi tuilleadh airgead fhaighinn à badeigin.
Tha na croitearan air m' fhearann air a bhith a' strì ri
droch bhàrr. Tha mòran dhiubh nach d' fhuair air màl
a phàigheadh dhomh. Cha robh dòigh agam air faighinn
os cionn nan trioblaidean airgid agam ach le m' fhearann a thoirt
air mhàl
a-rithist dom neach-dàimh, Iain MacAnndrais. B' e esan am
fear-baile a chleachd a bhith agam ach dh'fhàg e Gleann Mhoirbheinn
o chionn còig bliadhna airson a dhol a dh'obair gu deas.
Nuair a thill e thadhail e orm is dh'innis e dhomh mu uachdarain
beairteach aig deas a tha a' cosnadh nam mìltean sa bhliadhna
à tuathanasan chaorach. Thug e smaoineachadh orm. Gheibh
mi prothaid mhòr às an airgead a gheibh mi à
clòimh agus feòil chaorach. Mar sin, thug mi obair
dha Iain mar bhàillidh air m' oighreachd. Thuirt mi ris gu
faodadh e am fearann a chleachdadh airson tuathanas chaorach nam
faigheadh e air na daoine fhuadach às na bailtean."
Dòmhnall MacDhaibhidh - Mac Croiteir
"Tha mi a' cruinneachadh gach nì a th' againn mar a
dh'iarr m' athair ach tha na truinnsearan briste is chan fhaigh
mi lorg air na bobhlaichean an àite sam bith. Tha ar n-aodach-leapa
air tuiteam dhan pholl is bidh làithean ann mus tiormaich
e. Tha a' bhobhstar air reubadh às a chèile is tha
an connlach bog fliuch. Co aig tha fios càit an caidil sinn
a-nochd. Gu fortanach fhuair mi air cnap mòine a shàbhaladh
is bidh teine againn co-dhiù. Tha mi air an stòr coirce
is bhuntàta againn a ghleidheil sa chliabh, chan eil fhios
cuin a gheibh sinn air bàrr a chur a-rithist. Feumaidh mi
a bhith luath gus am faigh mi fhìn is m' athair air a' chairt
a lìonadh leis nas urrainn dhuinn a thoirt leinn. Chan urrainn
dhuinn ar stuth fhàgail gun sùil a chumail air neo
thèid a ghoid. Tha na daoine an seo ann an suidheachadh cho
èiginneach is gun dèan iad rud sam bith airson biadh
is aodach."
Fìor
Beatha
Pàdraig
Sellar
Bha Pàdraig Sellar na bhàillidh aig Diùc is
Bana-diùc Chataibh. A thuilleadh air an obair sin bha planaichean
aige airson airgead a dhèanamh dha fhèin ann an Cataibh.
Bha e an dùil àrainnean mòra fearainn fhaighinn
air mhàl gus caoraich ionaltradh orra. Bha seo air sgàth
's gun robh tòrr airgid ri dhèanamh às a' chlòimh.
Nuair a bha Diùc Chataibh airson airgead a dhèanamh
bhon fhearann. Fhuair Sellar air a phlana a chur an gnìomh.
An toiseach gu-tà bha aige ri na daoine fhuadach oir bha
feum aig na caoraich air an talaimh uile.
Sin mar a thòisich Pàdraig Sellar is a sheirbhisich
a' fuadach nan daoine às an dachaighean. Gu math tric bha
iad a' sgrios a h-uile càil a bhuineadh dhaibh is a' cur
an dachaighean nan teine. Bha an fheadhainn a chaidh fhuadach a'
faireachdainn gun deach dèiligeadh riutha gu brùideil.
Bha iad feargach is troimhe-chèile gun tàinig orra
an dachaighean fhàgail.
Dh'innis
iad mar a rinn e agus mu dheireadh chaidh Pàdraig Sellar
a chur an grèim is a thoirt gu cùirt. Cha robh e a'
creidsinn gun robh e ciontach de gnìomh sam bith ceàrr
is e dìreach a' dèanamh mar a chaidh iarraidh air.
Sgrìobh e litir gu Diùc Chataibh ag innse dha mu na
chaidh a chur às a leth is ag ràdh gun robh e neo-chiontach.
"
Tha mi a' faicinn gu bheilear a' cur dà dhroch eucoir às
mo leth. An toiseach gun do dh'adhbhraich mi bàs boireannaich
an dèidh a dachaigh a chur na theine agus san dàrna
àite gu bheil na caoraich agam air coirc nan daoine ithe."
"Tha
mi cinnteach nach do thachair na rudan sin air sgàth mise
a bhith an-iochdmhor. Ma dh'ith na caoraich an coirce seach gun
robh na cìobairean agam neo-chùramach, bu chòir
dha na daoine bhith air gearain riumsa is bhithinn air rudeigin
a dhèanamh mu dheidhinn."
Sa chùirt, chaidh Pàdraig Sellar fhaighinn neo-chiontach.
Bha na croitearan den bheachd gun robh seo air sgàth 's gur
e uachdarain ionadail a bh' ann am mòran a bh' air an diùraidh.
An dèidh na cùirte leig Pàdraig Sellar seachad
obair mar bhàillidh ach lean e air a' dèanamh airgead
à tuathanas chaorach ann an Cataibh airson iomadh bliadhna.
Donald MacLeod
Bha Dòmhnall MacLeòid a' fuireach air Ghaidhealtachd
aig àm nam Fuadaichean. Bha e
a' fuireach ann an Cataibh, àite às an deach mòran
dhaoine fhuadach. Sgrìobh e litrichean gu pàipear-naidheachd,
Edinburgh Weekly Chronicle, ann an 1857 ag innse mu na cuimhneachain
a bh' aige air a bheatha ann an Cataibh. B' e Gloomy Memories a
thug e orra.
Seo pìosan a-mach às a chòigeamh litir. Tha
iad ag innse mar a thachair is mun bhuaidh a thug na Fuadaicheann
air daoine. Bha mòran de na croitearan nach robh a' tuigsinn
carson a chaidh am fuadach às an dachaighean. Bha iad den
bheachd gun robh còir aca air an dachaigh anns an robh iad
a' fuireach.
'Cha
b' e an t-uachdaran a bh' air na taighean a thogail ach na fir-baile
is an gineil. Bha na daoine sin den bheachd gun robh còir
aca air na taighean sin.'
Ann
an cuid de dh'àiteachan, bha cead aig na croitearan fiodh
a thoirt às an seann dachaighean gus na taighean ùra
aca a thogail. Ann an Cataibh chaidh dèiligeadh riutha ann
an dòigh na bu shuaraiche. Chaidh mullaich nan taighean a
chur nan teine.
'Anns
na fuadaichean tràth bha cead aig na daoine am fiodh seo
a thoirt leotha gus taighean a thogail air an croitean ùra.
A-nis, gus na daoine a ghluasad na bu luaithe, chaidh na taighean
a chur nan teine. '
Chaidh
brathan-fuadaich a chur gu na croitearan ach bha mòran ann
nach do rinn càil gus an robh cùisean ro fhadalach.
Ma bha an àirneis fhathast am broinn an taighe chaidh a chur
na smàl còmhla ris an taigh.
'An
dèidh mu dhà mhìos de rabhadh thòisich
fir a' bhàillidh a' fuadach nan daoine le bhith a' cur nan
taighean nan smàl 's iad fhathast nam broinn. An uairsin
thòisich na seann daoine, na boireannaich is eile a' feuchainn
ris an fhiodh, a bha iad a' meas a bhuineadh dhaibh fhèin,
a shàbhaladh. Bha fir a' bhàillidh ag obair gu luath.
Chuir iad às dhen h-uile càil. Nuair a bha iad air
na taighean a leagail
chuir iad teine ri na bh' air fhàgail.
Mar sin, chaidh cur às don fhiodh, don àirneis is
don h-uile càil nach gabhadh a ghluasad sa bhad.'
An
dèidh dha na taighean-croite bhith air an sgrios dh'fheumadh
na teaghlaichean àiteachan-fuirich eile a lorg. Dh' adhbhraich
seo dòrainn mhòr do mhòran dhaoine. Bha cuid
ann a chaill am beatha ri linn.
'Chaidh
cuid de sheann fhir air seachran don choille, is iad gus a dhol
às an rian agus anns
t-suidheachadh seo bha cuid dhiubh nach do mhair ach là no
dhà
is bha cuid den chloinn nach d' fhuair seachad
air am fulangasan na bu mhò.'
|