Ro-ràdh
'S e a' bhliadhna 1800 a th' ann agus b' e àm gu math toilichte
a bh' ann dha mo chinneadh. Bha sinn sona a' fuireach air an fhearann
is cha robh càil a' cur dragh òirnn. Cum ort a' leughadh
gus tuilleadh fhaighinn a-mach.
Calum
MacAilein
"Seo an taigh-croite far a bheil sinn a' fuireach, mi fhìn,
mo bhean, a màthair-se, an triùir chloinne againn
agus ar beathaichean. Tha an crodh agus na cearcan a' fuireach aig
aon cheann an taighe is sinne sa cheann eile. Tha teine mònach
am meadhan an làir sa cheann againne den taigh. Seo far am
bi mo bhean a' còcaireachd lite tana, brot càil no
buntàta is snèipean. Tha prais mhòir aice crochte
bho mullach an taighe. Uaireannan bidh feòil-caorach againn
is bidh a' chlann a' dèanamh càis bho bhainne na bà.
'S e fiodh a th' anns na truinnsearan againn is tha na spàinean
air an dèanamh le fiodh no adharc. B' e mi fhìn a
rinn na seidhrichean is a' chiste seo. 'S e dìreach bogsaichean
le fraoch no feur nam broinn a th' againn airson leapannan ach tha
iad glè chofhurtail. Bidh mo mhàthair-chèile
a' snìomh air a' chuibhle-shnìomh gus snàth
a' dhèanamh airson stocainnean blàth fhuighe dhuinn.
Chan eil uinneagan san taigh idir is tha sin a' cumail a' bhlàiths
a-staigh is am fuachd a-muigh. Tha toll am mullach an taighe gus
ceò an teine a leigeil a-mach. Tha a' cheò feumail
airson biadh, leithid iasg, a chumail gun ghrodadh. Bidh e a' fàs
gu math dorch am broinn an taighe, ged-tà. Sin as coireach
gur e taighean-dubha an t-ainm a th' air na taighean seo."
Dòmhnall MacDhaibhidh
"B' e mo sheanair, Aonghas MacDhaibhidh a thog an taigh-croite
againn. Tha na ballachan air an dèanamh à cloich thiugh
is am mulladh à fiodh. Tha e air a thughadh le sràbhan
is luachair. Nuair a chaidh na taighean seo a thogail, dh'fheumadh
daoine na stuthan a bha san àite a chleachdadh. Gu math tric
bhiodh iad a' cleachdadh fiodh bho sheann bhàtaichean. 'S
e dìreach aon doras a th' air is bhiodh na daoine is na beathaichean
a' dol a-steach air. Tha daoine bhon Ghalltachd a' smaoineachadh
gu bheil e àraid a bhith a' fuireach as an aon taigh ri na
beathaichean ach seo ar cleachdadh. Tha sinne a' smaoineachadh gu
bheil iadsan àraid, lem beachdan is an cànan fhèin.
Tha m' athair ag ràdh gur e Beurla a chanas tu ris."
Uilleam
MacAnndrais, An Ceann-feadhna
"Tha mise a' fuireach ann an Caisteal Ghleann Mhoirbheinne,
dachaigh chinn-feadhna MhicAnndrais airson ceudan bhliadhnachan.
Seo dealbhan cuid de mo shinnsirean a thug an tiotal dhomhsa. Seo
an seòmar-bidhe far am bi mo bhean, a' bhana-iarla Louisa,
is mi fhìn, ag ithe am biadh as fheàrr - deagh mhairt-fheòil,
glasraich is fìon às An Fhraing. 'S e airgead a tha
as na sginean is na cuachan is tha na truinnsearan air an dèanamh
à pòrsalain ghrinn. Tha coinnlean ann an coinnlearan
airgid a' toirt solas dhuinn. Bidh a' chlann ag ithe air leth san
t-seòmar-cloinne còmhla rin tidsear. Bidh iad ag ionnsachadh
leughadh is sgrìobhadh ann am Beurla - chan ann an Gàidhlig.
Tha mi airson 's gun tèid iad gu sgoil spaideil ann an Lunnainn
is mar sin feumaidh iad Beurla ionnsachadh. Ach tha a h-uile càil
a tha seo a' cosg tòrr airgid is tha mi den bheachd nach
eil m' oighreachd a' cosnadh gu leòr. 'S e glè bheag
màl a tha muinntir an tuath a' pàigheadh. Ach seach
nach eil na dòighean-obrach aca freagarrach ach airson nam
feannagan beaga aca fhèin chan eil e a' coimhead coltach
gun urrainn dhaibh an, tuilleadh a phàigheadh gu bràth.
Feumaidh cùisean atharrachadh."
Iain
MacAnndrais
"'S mise am fear-baile. Tha eaglais bheag againn ann an Gleann
Moirbheinne. 'S e Aonghas MacAlasdair am ministear againn. Tha eagal
Dhè air na croitearan is air na coitearan agus tha iad ag
earbsa gu mòr às a' mhinistear. Tha iad a' toirt feart
do na th' aige ri ràdh. Dh'fhaodadh seo a bhith gu math feumail
dhomh fhìn is don cheann-feadhna oir tha plana agamsa airson
caoraich a chur dhan ghleann seo an àite nan daoine a th'
ann an-dràsta. Tha prìs mhath air clòimh agus
bhiodh an t-àite seo freagarrach airson caoraich dhubh-cheannach
no caoraich bhàna. Còrdaidh mo phlana ris a' cheann-feadhna.
Gheibh e barrachd airgid ri linn. Cuideachd, b' e an ceann-feadhna
a thagh am ministear agus mar sin cuidichidh esan sinn. Canaidh
e ri na croitearan gu feum iad na thathas ag iarraidh orra a dhèanamh."
Màiri
NicThàmhais
"Is mise Màiri NicThàmais, an coitear. Tha mi
ag obair air feannagan nan croitear. 'S e pìosan caola talmhainn
a th'as na feannagan. Bidh iad a' cur bàrr annta. Bidh mise
a' cuideachadh le tionndadh no le a bhith a' cur feamainn air an
talamh airson todhar. Tha todhar a' mathachadh a' bharra. An dèidh
sin bidh mi a' cuideachadh, a' cur a' bhuntàta is gan glanadh.
As t-Foghar nuair a bhios am bàrr air abachadh bidh mi a'
cuideachadh le bhith a' togail a bhuntàta. Bidh cliabh agam
airson sin, bascaid chuilc a bhios air mo dhruim. Gu math tric bidh
agam ri coiseachd mìltean. 'S e obair chruaidh a th' ann
ach tha sinn sona. Tha sinn a' cluinntinn, ged-tà, gu bheil
an t-uachdaran sa chaisteal airson atharrachaidhean a dhèanamh.
Tha sin a' cur dragh òirnn."
Fìor Beatha
Taigh-croite
Chaidh mòran thaighean-croite a mhilleadh aig àm nam
fuadaichean. Thuit an fheadhainn a bh' air am fàgail às
a chèile thar nam bliadhnachan. Chaidh an taigh-croite seo
ath-thogail san dòigh anns am biodh e air a thogail bho thùs.
Tha na ballachan de chlachan air an togail gu cùramach air
mullach a chèile. Chaidh cabair fhiodha an cleachdadh gus
am mullach a neartachadh. Bha sgrathan fòid no fraoich air
an cur air mullach sin. Gus dìon a chur air a' mhullach tha
tughadh connlaich no luachrach dha chur air uachdar. Tha an tughadh
air a cheangal le ròpa fraoich.
Staigh an taigh
Bha tòrr ùine ga chur seachad timcheall an teine mònach
a bha am meadhan an ruim oir bha e a' toirt blàths is solas.
Am broinn an taighe bhiodh an teaghlach a' suidhe air sèithrichean
ìosal fiodha no stùil. Cha robh a' cheò cho
dùmhail faisg air an làr. Bha an teine laiste a là
is a dh'oidhche is mar sin bha blàths aig an teaghlach. Air
an oidhche bha e cumanta gu leòr dhan teaghlach gu lèir
cadal còmhla.
Caistealan
B' ann le ceann-feadhna a' chinnidh a bha an caisteal. B' e seo
dachaigh a theaghlaich airson ceudan bhliadhnachan. Nuair a bhàsaicheadh
ceann-feadhna dheigheadh an caisteal gun mhac bu shine. B'esan an
uairsin na cheann-feadhna. San dòigh seo bha an caisteal
is am fearann a' fuireach san teaghlach. Chaidh caistealan a thogail
aig àm nuair a bha cinnidhean a' sabaid mu fhearann. B' ann
airson an ceann-feadhna is a theaghlach a dhìon bho ionnsaigh
a bha an caisteal.
Praisean
'S ann à iarann a tha bhiodh phraisean air an dèanamh.
Bhiodh iad air an teine is b' ann annta a bha biadh làitheil
an teaghlaich ga chòcaireachd. Bha cuid de phraisean crochte
bho mhullach an taighe air slabhraidh os cionn an teine. B' ann
air coirce, buntàta is càl a bha a' chuid mhòr
de chroitearan a' tighinn beò. Bhiodh an fheadhainn a bha
fuireach ri taobh na mara ag ithe iasg cuideachd. Bhitear a' bruich
coirc ann am prais mhòir airson brochan a dhèanamh.
Bha bonnaich air an dèanamh le coirc cuideachd. Bha an t-aran-coirce
seo air a chòcaireachd air grideil air an teine.
Tairsgeir
Bha mòine cudthromach sa bheatha Ghaidhealaich. B' ann leis
a' chonnadh seo a bhathas a' teasachadh an taighe is a' còcaireachd.
Dh'fheumadh a' mhòine a bhith air a buain às an talamh
is air a tiormachadh mus deigheadh a cleachdadh. Bhitear a' cleachdadh
tairsgeir gus a' mhòine a ghearradh na fòid. Mar bu
trice b' e na fir a ghearradh a' mhòine as t-Earrach mus
fhalbhadh iad gun obair samhraidh. Bhiodh na boireannaich is a'
chlann a' tarraing a' mhòine dhachaigh ann am bascaid no
an cliabh air an druim. B' e obair chruaidh a bha seo oir bha a'
mhòine gu tric fada bhon taigh. Aon uair 's gun tigeadh i
dhachaigh bha a' mhòine ga cruachadh airson a cumail tioram.
|