Tha a bhith a' sailleadh bhradain glè eadar-dhealaichte bho bhith a' sailleadh a' mhòr-chuid de dh'iasg eile, no fiù 's feòil.

Ma chleachdas tu salainn a-mhàin, gabhaidh am bradan uiread dhen t-salainn agus nach mòr gun urrainn do dhuine ithe. Ach, le bhith a' cleachdadh siùcar donn còmhla ris an t-salainn, gheibheadh tu blas agus tais as an iasg nach fhaigheadh tu le salainn a-mhàin.
Ma tha thu a' sailleadh tràth air a' bhliadhna gu cinnteach bu chòir picil a dhèanamh agus a ghoil agus leigeil leis fuarachadh mas tèid a dhòrtadh air an fheòil.
Bha neart a' phicil air a thomhais le buntàta. Nuair a sheòladh am buntàta as a' phicil, bha e làidir gu leòr.
Mur a deigheadh cuideam a chuir air an fheòil le bòrd agus cuideam de sheòrsa a choireigin air uachdar, bhiodh an fheòil buailteach a bhith ag èirigh an-àird' agus a' seòladh as a' phicil.
Bha Ceit Anna NicIlliallain, Taigh a' Gheàrraidh, Uibhist a Tuath ag innse nuair a bhiodh iad a' cur an fheòil dhan a' phicil gum biodh iad a' cur crathadh eile de shalainn timcheall oirre mus deigheadh i dhan a' phicil.
Chleachdas a bhith a' cur uighean leis an t-slige fhathast orra ann an stuth air an robh Water Glass, fùdar geal a bhathas a' measgachadh le uisge.
'S ann deireadh an fhoghair a bhiodh seo air a dhèanamh, gus am biodh uighean aca airson a' gheamhraidh.
Bha stuth eile ann air an robh Isinglass.

'S e mart-làmhadh a chante an Uibhist a Tuath ris a' bheathach a bhiodh iad a marbhadh. 'S e seann bheathach, 's dòcha a cheannaicheadh iad, no a gheibheadh iad bho nàbaidh, a bhiodh a seo, chionns gu robh leisg orra beathaichean air an robh iad cho eòlach a mharbhadh.
Airson ugh òl, bhite a' dèanamh toll beag le prìne as gach ceann dhan t-slige agus ag òl na bha na bhroinn.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.