Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Samhain 2009

Taighean

A' ceangal nan casan-ceangail

Bha Donnchadh MacMhathain, Donnchadh Stalker à Camas Luinge, Cinn Tàile, ag innse do dh'Iain mar a bhiodh iad a' ceangal nan casan-ceangail ri chèile, cha b' ann le tarraigean ach le pinichean.

Taigh-tughaidh

A rèir Dhonnchaidh, nan cleachdte tarraigean, mheirgeadh iad.

'S e pinichean mòra air an dèanamh le fiodh daraich no uinnseann a bhiodh iad a' cleachdadh mar bu trice, 's bhiodh iad cho cruaidh 's nach beireadh fiù na raodain fhèin orra.

Ciamar a dh'innseadh tu gu robh deagh thughadh air taigh?

Seo freagairt Dhonnchaidh:

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an dealbh a b'fheàrr a dhèanainn dhut air, 's e nam biodh druim an taighe rèidh is ceart as a h-uile dòigh is gum biodh an tughadh coltach ri druim na gràineig.

Chan e an taigh a-mhàin a tha thu a' feuchainn ri chumail dìonach. Feumaidh tu an tughadh fhèin a chumail dìonach cuideachd. Agus gum biodh ceann a-muigh an tughaidh nuair a bhiodh an t-uisge a' ruith air, nach bu chòir dhan uisge a bhith a' dol a-steach na b'fhaide na leth òirleach no òirleach aig a' char a b'fhaide. Mur a robh an tughadh a' cur an uisge dheth aig an ìre sin cha robh e math."

Airson làr a dhèanamh còmhnard

Bha Donnchadh MacMhathain cuideachd ag innse do dh'Iain mu dhòigh a bh' aig na seann daoine air làr a dhèanamh còmhnard. Nam biodh iad a' cur làr ann am bàthaich, can, b' e crèadha agus mòine air a mheasgachadh còmhla a bhiodh iad a' cleachdadh. Bhiodh iad ga dhèanamh cho rèidh agus a b' urrainn dhaibh.

Seileach

An uair sin, airson a stampadh 's a chuir ri chèile ceart, bhiodh iad a' cur suas ri leth-cheud othaisg a-steach ann agus gam fàgail a-staigh ann airson oidhche agus latha, agus a' dèanamh cinnteach gu robh iad a' gluasad mun cuairt.

Cha chleachdadh iad caoraich idir. Chanadh iad gu robh cuideam nan othaisgean an ìre mhath ceart airson an obair a bha ri dhèanamh, sin an làr a chuir cruaidh na chèile.

Cho righinn ri gad seilich

Bha Donnchadh cuideachd ag innse mu dhòighean eile air a bhith a' ceangal rudan. Bha e ag ràdh gu tric gur e gadan seilich a chleachdte airson leithid casan-ceangail thaighean, chionns gu bheil seileach garbh righinn. Ma bha duine no beathach righinn, chante gu robh e cho righinn ri gad seilich.

Bhathas cuideachd, a rèir Dhonnchaidh, a' dèanamh taodan à pìosan seileach air an sgoltadh.

Bhite a' cleachdadh diofar rudan a rèir 's dè an nàbachd as an robh daoine, faisg air coille no air cladach. Bha Donnchadh ag obair uair air taigh ann an Geàrrloch, taigh a bha suas ri dà cheud bliadhna a dh'aois. Nuair a thug e dheth pàirt dhen tughadh a bh' air, bha e a' faicinn an ceangal a bha seo air na casan-ceangail 's air na pìosan fiodh. An toiseach cha robh e idir a' tuigsinn dè a bh' ann. Ach rinn e a-mach an uair sin gu robh iad air an ceangal le stamh na mara.

Bha e ag ràdh gu robh e dìreach mar a' latha a chaidh e ann, ach gu robh e air tiormachadh. Ann a bhith a' tiormachadh bha na stamhan air teannachadh, 's bha an ceangal tòrr na b'fheàrr ri linn sin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.