Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Dàmhair 2009

Cleas airson oidhche dhorcha

Bha Iain ag innse mar a bhiodh iad, nuair a bha e fhèin na bhalach, a' dol a-mach le biùgan no torch air oidhche dhorcha, agus a' cumail a' bhiùgain fo do smiogaid leis an t-solas a' soillseadh suas dhan adhar.

Nuair a chitheadh duine seo bho beagan astar air falbh, chan fhaiceadh iad ach dìreach ìomhaigh an duine a bha a' cumail a' bhìugain. Chan fhaiceadh iad an corp aige idir, ach dìreach pàirt dhen aodann.

Chuireadh e eagal am beatha orra!

Facail

Glèidh / A' glèidheadh

Rèis

Ma tha thu a' buannachadh rud, 's dòcha farpais no rèis, chanadh cuid gun do bhuinnig thu an fharpais no an rèis, ach dh'fhaodadh tu cuideachd a ràdh gun do ghlèidh thu an rèis. Dh'fhaodadh tu faighneachd, "Cò a ghlèidh an geama?"

Tha ciall eile aig glèidh. Nan cluinneadh duine rud a chuir fìor iongnadh air, 's dòcha gun canadh e "O glèidh mi!", mar gum biodh e ag iarraidh a bhith air a dhìon bhon rud seo.

Ma tha daoine a' glèidheadh a chèile, tha iad a' cur dìon air càch a chèile.

Ma chuir thu rud seachad, ghlèidh thu air falbh e.

Leadain

Tha diofar Leadain ann, mar eisimpleir Leadan Ìosa.

Bidh am pears'-eaglais no abair bith cò tha a' gabhail nan ùrnaighean, a' leughadh a-mach na Leadain agus bidh am poball a' dèanamh na freagairtean. 'S tha na freagairtean a' cleachdadh an aon fhacail a-rithist agus a-rithist.

Sgeulachd

Dh'fhalbh balaich le cairt duine turas, 's chuir iad dromaichean na cairt a-steach tro fheansa, air dhòigh 's gu robh a' chairt air aon taobh dhen fheansa 's na dromaichean a' dol a-steach tron an fheansa.

An uair sin dh'fhalbh iad le each an duine, 's thug iad dhan ath phàirce e, 's cheangail iad e as a' chairt.

Mar sin, bha a' chairt air aon taobh dhen fheansa agus an t-each as na dromaichean air an taobh eile.

Nuair a chunnaic an duine leis an robh an t-each agus a' chairt an sealladh seo an ath mhadainn, cha robh e idir, idir a' tuigsinn ciamar a chaidh an t-each tron fheansa!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.