Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Dàmhair 2009

Facail

Eòlas agus aineolas

Tha ciall facail mar cothrom agus ana-cothrom, slàn agus easlan, cinnteach agus mì-chinnteach, iochdmhor agus an-iochdmhor, calg-dhìreach an aghaidh a chèile.

Ràmh

Ach nuair a thig thu gu eòlas agus aineolas, chan eil cùisean buileach cho sìmplidh. Tha mar gum biodh dà chiall aig aineolas. Faodaidh duine a bhith aineolach a' ciallachadh gur e duine caran amh, gun fheum a th' ann. Ach cuideachd faodaidh duine a bhith aineolach mu chuspair sònraichte. Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil an duine sin gun fheum. Gabhaidh tu a leisgeul airson a chuid aineolais.

Ach ma chuireas tu às leth duine gu bheil e aineolach cha mhòr nach eil thu a' faighinn coire dha agus a' cur sìos air.

Ràmh

B' e an dòrn no an dòrn-chur am pìos air am biodh greim agad. Bha a' lunn a' falbh sìos as a' sin chun nan cnotan.

B' e seasgadh a chante ris a' phìos a bha eadar na cnotan agus a' liagh, am pìos a bha a' dol dhan mhuir.

Iùcart

Ma tha rud iùcart tha e gun fheum tuilleadh. Bha Nan NicLeòid as an Rubha, Leòdhas a' faighneachd an dùil an robh gnothaich aige ris a' ghèam chairtean Euchre.

Rann

A rèir dè seòrsa bata a bhiodh aig a' bhuachaille, cha mhòr nach aithnicheadh tu ciamar a bha an crodh.

Bata daraich, dàir air crodh
Bata beithe, beiridh crodh
Bata calltainn, call air crodh
Bata caorainn, caoil air crodh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.