Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 13 Dàmhair 2009

Seanfhacail agus Abairtean

Tha a' fraoch as fheàrr far a bheil thu nad sheasamh aig an àm

Fraoch

Chuala Donnchadh MacMhathain an seanfhacal seo aig athair turas agus iad air a' mhonadh an Ceann t-Sàile, trang a' buain fraoch.

Cha robh esan a' gluasad fad sam bith às an àite as an robh e. Ach bha Donnchadh a-null 's a-nall, a' coimhead airson fraoch na b'fheàrr. Leig athair leis airson greis, 's an uair sin dh' èigh e ris, "A Dhonnchaidh, thig a' seo mionaid!"

Chaidh Donnchadh a-null far an robh e.

"Tha thu a' coimhead airson fraoch?" thuirt e ris an toiseach.

"Tha," arsa Donnchadh.

"Bheil fhios agad càite a bheil a' fraoch is fheàrr?"

"Chan eil," arsa Donnchadh. "'S e sin is coireach mi bhith coimhead."

"Tha a' fraoch is fheàrr," ars athair, "far a bheil thu nad sheasamh aig an àm!"

'S e bha e a' ciallachadh gu robh Donnchadh a' cosg tìde a' coimhead airson fraoch na b'fheàrr, agus, gu math tric, gu robh fraoch math gu leòr timcheall air, far an robh e, ma bha dad idir de mhath ann.

Faodar an seanfhacal seo a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean.

Mar is teann a' bhann air a' chual, 's ann is dualaich i air bristeadh

B' e cual fraoich na bhiodh freagarrach do dhuine a thogail air a dhruim.

Airson cual a dheanamh bha Donnchadh ag innse gum biodh tu a' faighinn pios ròpa 's ga leagail air an talamh, 's bha thu a' faighinn an uair sin pìos de theud no ma dh'fhaodte pìos uèir a chuireadh tu na cheann.

Bhiodh dithis timcheall air an obair, agus bhiodh iad a' faighinn ultach math fraoch 's ga leagail air uachdar a' ròpa. Bha iad an uair sin a' faighinn ultach eile agus ga leagail air a' ròpa, leis a' chraobh a' laighe an taobh eile?

Taigh-tughaidh

'S bhathas a' dèanamh seo ceithir no còig a dh'uairean, 's bhiodh an cual meadhanach mòr aig a' sin.

Bha fear a' tarraing aon cheann dhen ròpa, 's bha a' fear eile a' tarraing a' cheann eile, 's ga tarraing dlùth, dlùth ri chèile.

Agus an uair sin, bha iad a' ceangal an t-sreang eile a bh' air, no a' uèir no abair bith dè a bh' aca, agus an uair sin a' leigeil às a' ròpa leis an robh iad ga tharraing ri chèile.

Dh'fheumadh iad a bhith a bhith uabhasach toigheach a thaobh dè cho teann 's a bhiodh a' chual air a ceangal, gu h-àraidh ma bha aca ri a leigeil le bruthach no le creagan.

Bha Donnchadh MacMhathain ag ràdh gur ann an-còmhnaidh shuas as a' mhonadh a bhiodh iad a' faighinn fraoch, 's le sin dh'fheumadh iad a bhith ga ruith a-bhàn le creagan is cnuic is eile. Bhiodh e a' cluinntinn na bodaich tric ag ràdh "Mar is teann a' bhann air a' chual, 's ann is dualaich i air bristeadh".

Ma bha i ro theann, cha robh leigeil às idir innte. Bhristeadh i dìreach, dh'fhaodadh, nan tuiteadh i fiù 's le creagan beaga.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.