Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 15 Sultain 2009

Obair an fheòir

Obair an arbhair

Cha robh Flòraidh airson tilleadh dhachaigh gun beagan fiosrachadh fhaighinn bho Raghnall mu obair an fheòir.

Flòraidh: Nise, tha dà inneal agaibh ann a' shin, ràcan mòr agus dè am beathach a th' agaibh a' siud?

Raghnall: Forc. Forc-fheòir. 'S e. Agus nuair a tha thu airson seo, nuair a bhios e latha no dhà, tha thu ga fhàgail as a' sgrìob airson dà latha.

Flòraidh: Seadh.

Raghnall: Nam biodh sìde mhath ann, cha leigeadh tu leas fhàgail cho fada sin, agus cuiridh tu car dheth mar seo leis a' ràcan.

Flòraidh: O, son an taobh eile aige a thogail?

Raghnall: Sheadh. Agus ma sheallas tu, tha a' sgrìob a' fuireach faisg air mar a bha i. Agus cha tèid uibhir a bhùrn air 's a thèid air feur a bhuaineas tu le mower. Chan eil e sgaoilte a-mach ann.

Flòraidh: 'S ann le speal a chaidh seo a ghearradh?

Raghnall: 'S ann. Agus bhiodh tu mar sin a rèir na sìde. Car a chuir dheth cho tric 's a thogras tu no dh'fheumas tu.

Flòraidh: Seadh. 'S am bi e ag atharrachadh dath nuair a tha e deiseil airson a chruinneachadh?

Raghnall: O bidh. Ach bithidh tu a' feuchainn ri faighinn air a thiormachadh gun leigeadh dha cus dhen dath a th' air a chall. Agus 's e an dòigh air gun cùm e an dath, nuair a nì e beagan tiormachadh nì thu tiùrran beaga mar seo air. 'S e tudanan a bhios againne orra.

Flòraidh: Sin agad ga chruinneachadh leis an...

Raghnall: Leis an fhorc, agus ga chuir mar seo air a chèile agus ged a thigeadh uisge, mar a biodh uisge glè throm ann, cha fhliuch e ach an t-uachdar aige.

Flòraidh: Seadh.

Raghnall: 'S ged a bhiodh an t-uachdar fliuch, nuair a thig thu chun a' sin ann a dhà na thrì làithean a-rithist, bithidh a bhroinn aige tioram.

Flòraidh: Agus an e sin dìreach a' mheud aig tudan, dìreach a' rud sin?

Raghnall: Well, beagan a bharrachd air a seo.

Flòraidh: Chan eil sin ro mhòr. Bha dùil agamsa gum biodh iad gu math nas motha na sin.

Raghnall: Cha bhi an toiseach. Mar sin, agus nam biodh latha math tioram ann, sgaoileadh tu a-mach iad. Mas e an seòrsa side a th' againn am bliadhna a th' ann, an ceann dhà no tri làithean a-rithist, bheireadh tu am mullach far an tè seo agus chuireadh tu ann a' sheo e agus mullach na tè ud.

Flòraidh: An dà mhullach?

Raghnall: An dà mhullach as an aon àite, agus chuireadh tu an uair sin an dà bhonn.

Flòraidh: Dè an t-adhbhar a bh' aig a' sin, ma tha?

Raghnall: Bha gus nach biodh e ro fhada as an aon àite agus gun tòisicheadh e a' fàs damp a-rithist. Chan eil e duilich idir.

Flòraidh: Chan eil e a' coimhead ro dhoirbh idir. Dè a-nis nuair a tha sin deiseil?

Raghnall: Well, nuair a bhios, nuair a gheibh thu rudeigin tioram e nì thu goc mòr dheth.

Flòraidh: Seadh.

Raghnall: 'S e goca...

Flòraidh: Dè cho mòr 's a bhios sin a-nis?

Raghnall: Well, tha mi a' creids' gum bi sia troighean a dh'àrd agus 's mathaid gum bi sia troighean a leud as a' bhonn, nuair a nì thu e. Ach nuair a thèid e air a chèile a-rithist, thèid i sìos gu ceithir troighean a dh'àrd agus...

Flòraidh: Ciamar a thathar a' ceangal sin, ma tha?

Raghnall: Chan eil thu a' dèanamh, cur pìos lìon air. Lìon a bhiodh aca airson iasgach, pìos trawl.

Flòraidh: Seadh, 's cha ghluais e.

Raghnall: Cha ghluais. Well, nam biodh gaoth mhòr, mhòr ann, ghluaiseadh e. Agus tha thu an uair sin nuair a bhios tu dha chur seachad, nì thu aon mhòr dheth airson a' gheamhraidh, far am bi e fad a' gheamhraidh gus am bi feum agad air. Cha bhi mise ga thoirt dhan na beathaichean gu, 's ann dha caoraich a tha mi ga thoirt, gu earrach.

Flòraidh: Agus am bi sibh a-niste a' faighinn am measg càil dhan a' stuth a tha seo, a bheil càil ann na mheasg a dh'fheumas sibh a thoirt às. Am bi cuiseagan is rudan ann?

Raghnall: Bidh beagan chuiseagan ann is gìogain. Buaghallan, bidh tu gan toirt às gu lèir.

Flòraidh: 'S cuin a bheir sibh às sin a-nise?

Raghnall: Nuair a bhios tu ga chuir dhan an t-sìg mhòr.

Flòraidh: Eil e nas fhasa a thoirt às an uair sin?

Raghnall: Well, tha, tha barrachd cron ann ma dh'fhàgas tu e as an t-sìg mhòr. Nam biodh tu ga thoirt dha crodh agus buaghallan a bhith ann, nì e tinn, marbhaidh e feadhainn aca.

Flòraidh: Seadh gu dearbha.

Raghnall: 'S chan fhaod buaghallan a dhol ann a' silage idir. Tha e a' dèanamh cron a choireigin. Puinnsean.

Flòraidh: 'S a bheil obair mhòr sin a thoirt às?

Raghnall: Och chan eil, miotagan rubair.

Flòraidh: An e?

Raghnall: 'S e. Miotag rubair 's bheir thu gìogain às cuideachd. Thistles. An fheadhainn sin. Tha e dìreach mar a bha, 's ann aig deireadh an cùis a tha thu a' toirt às na rudan nach fhiach mar a bh' as a' pharable as a' Bhìoball. Parable of the Tares. 'S e, 's chan eil tòrr eile a' fàs a seo. Ach ma bhios tu ag iarraidh a' feur a bhuain gum biodh a' chuid bu mhotha dhe na sìtheanan, nam biodh sìtheanan a' fàs ann. 'S e feur fiadhaich a tha seo, chan eil e cultivated mar gun canadh tu.

Flòraidh: Seadh.

Raghnall: Nam biodh sìthean buidhe air am biodh buttercups ann, cha bhuaineadh tu e gum bàsaicheadh a h-uile gin dhan a' sin.

Flòraidh: O, sin an comharra a bh' agaibh?

Raghnall: 'S e. Tha mise a' smaoineachadh an-diugh gu bheil tòrr a' buain an fheur tòrr nas tràithe, nas luaithe, na leigeadh iad a leas.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.