Tha Iain Murchadh MacAoidh agus Iain MacIlleathain a' bruidhinn mu na fiodhan eadar-dhealaichte a bhathas a' cleachdadh airson cuibhle cart agus eathraichean a dhèanamh.
Iain: Nise tha mi a' dol a ghluasad air falbh bhon a' chairt gu bàtaichean no eathraichean. Agus a-rithist, cha b' e an aon fiodh a bhathar a' cleachdadh, tha, as a h-uile pàirt de dh'eathar?
Iain M: Cha b' e. Well, tha mi a' creids' gu robh darach air a chleachdadh airson rudan dhuibh.
Iain: Bha. Tha mi a' smaoineachadh gu robh na h-asnaichean mar bu thrice.
Iain M: Tha mi cinnteach gu robh learag, gum biodh iad a' cleachdadh sin cuideachd.
Iain: Bha, as na plancaichean a bhiodh a' dèanamh, a' còmhdach a' mhòr-chuid dhan an eathar.
Iain M: Bha, bha. Ach tha mi a' smaoineachadh gu robh, of course bha iad, an fheadhainn sin, bha iad air an cleachdadh airson obraichean àraid, ach tha mi a' smaoineachadh gu robh bàtaichean eadar-dhealaichte ri rud sam bith eile.
Tha mi a' creids', tha fhios agam, an fheadhainn air a bheil sinn fhìn eòlach gu falbh iad dhan a' cheann a tuath 's gu leag iad craobh 's bheir iad bata aiste.
Iain: Tha sin ceart. Ach tha mi a' smaoineachadh, tha, well, tha mi a' feuchainn ri dèanamh an aìrde m' inntinn air a' seo, an dùil an-dràsta na plancaichean a bhiodh, leis am biodh iad a' còmhdach an eathair, an dùil an e gum biodh iad, a robh iad a' cleachdadh learaig airson gu robh i na b' fhasa a lùbadh 's a' toirt gu cumadh sònraichte?
Iain M: Tha mi smaoineachadh gu robh. Tha mi smaoineachadh gu robh, 's co-dhiù bha stoc àrd oirre, 's bha i glan. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin an tè bu mhotha a bha iad a' cleachdadh. Tha mi a' creids' gu bheil feadhainn eile ann an-diugh, chan eil fhios agam ach tha mi a' smaoineachadh gur e sin.
Iain: Agus tha mi a' creids' cuideachd gu robh cuid a dh'fhiodhan ann a bha na bu sheasmhaich ann am bùrn 's ann am buigead na bha feadhainn eile.
Iain M: Bhiodh. Well, tha mi a' smaoineachadh a' learag bha i, 's e fiodh cruaidh a bh' innte ' s tha i a' fàs gu aon dà cheud troigh. Chì sinn g' eil na dhà as àirde, gu bheil iad a' fàs ri taobh a' Chathederal ann an Dùn Chailleann.
Iain: Seadh gu dearbha.
Iain M: Chaidh an cur toiseach an t-seachdamh linn deug leis an cheathramh Diùc Athaill. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin na dhà as bòidhche a tha ri faighinn ann am Breatainn. Tha iad ceud troigh a dh'àrd agus ceithir deug a throighean de chearcall.
Iain: Agus abair aois cuideachd.
Iain M: Abair aois agus tha, ma sheallas sinn, fhuair mi seo a-mach bho chuideigin eile. Venice, tha barrachd bùrn aca na th' againne, gu bheil iad air a togail air, gu bheil i na suidhe air crannan learaig, dachaighean Venice.
Iain: O well, chan eil fhios agam a bheil dad a bharrachd bùrn aca na tha seo ach ma tha, tha gu leòr aca!
Iain M: Le sin tha iad math ann am bùrn agus tha iad dìonach ann am bàtaichean...
Iain: Tha. Well, tha mi smaoineachadh a-nis gur e sin rud eile. A' fiodh a bha sin nuair a bha e a' sùghadh, mar gum biodh, a' bhùrn, bha e a' bòcadh gu ìre agus bha e a' dèanamh a h-uile càil dìonach.
Iain M: Bha, bha. 'S tha mi a' creids' as na seann làithean gu robh i air a cur airson rudan a dh'aona bhàdh mar sin.
Iain: Bhiodh. Tha mi a' làn chreids'.
Iain M: Cha b' urrainn dhaibh tionndadh gu tòrr rudan mar a th' ann an-diugh, an uair sin.
Iain: Mar a chanadh na bodaich, tha mi a' dol seachad air mo sheanchas. Tha mi a' falbh 's a' tighinn ann a seo. Bha sibh a' bruidhinn air tha, nach ann air leamhan a bha sibh a' bruidhinn nuair a bha sibh a' bruidhinn air a' chairt. Nach bi iad a' dèanamh tòrr de dh'obair tuairnearachd leis a' sin?
Iain M: Bhiodh agus tha, tha mi a' smaoineachadh tha, as na làithean a bha sin, cha robh, ma bha iad a' dèanamh tuairnearachd, bhiodh iad ga dhèanamh a-muigh faisg air a' choille, gu h-àraid a' dèanamh cathairean is rudan dhen t-seòrsa sin.
Iain: Seadh.
Iain M: 'S e pìos, bhiodh being bheag aca agus bhiodh iad a' cur a' phìos maide as a' mheadhan 's bhiodh iad an uair sin a' cur pìos ash air falbh bhon a' sin agus sreang bhon a' bhàrr aige a-nuas agus i a' dol timcheall air a' phìos a bha iad a' dol a thionndadh 's bha sin a' dol gun casan faidhear mar maide cuibhle-shnìomh.
Iain: Tha mi a' tuigs'.
Iain M: Agus nuair a chuireadh iad sìos e bha an t-sreang a' tionndadh a' phìos fiodh. Cha robh tòrr rùm aca airson a dhèanamh.
Iain: Cha robh. 'S e dìreach an aon prionnsabal tha mi a' creids' ris a' chuibhle-shnìomh a bh' ann.
Iain M: 'S e, 's e. Ach bha iad, an cleachdadh a bha iad a' faighinn, well. na rudan a bha iad a' cleachdadh airson rudan a thoirt gu ìre, bha e a' cheart cho annasach ris a... nuair a sheallas tu ri craobh bho fada air falbh 's canaidh tu leat fhèin, "Well, dè a' feum a th' annad-sa?
Iain: Tha, ach nach bi iad a' dèanamh rudan mar bobhlaichean is lampaichean 's sin?
Iain M: Agus bidh, gu h-àraidh le elm. Tha e uabhasach sònraichte na bobhlaichean a th' air... na cìochan a bhios a' fàs air a' chraobh.
Iain: 'S e sin a bha mi a' ciallachadh.
Iain M: Aidh, bidh iad a' toirt sin dheth agus a' dèanamh bobhlaichean airson broinn an taighe is rudan dhan t-seòrsa sin.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.