Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 04 Lùnastal 2009

A' chruach mhònach

Cruach mhònach

Mun àm seo dhen bhliadhna bha a' mhòine tèarainte aig an taigh, connadh na bliadhna cruinn as a' chruaich. Agus 's ann ri taobh na cruaich aig a dhachaigh an Àrd Thung, Leòdhas, a choinnich Flòraidh ri Angan Moireach à Bràgar.

Flòraidh: Ciamar a tha thu a' dèanamh na làraich far a bheil a' chruach dol a bhith?

Angan: Well tha an làrach ann bho bliadhna gu bliadhna. Agus nuair a thòisicheas tu air a' chruach bidh tu a' cur, well bidh mise co-dhiù a' cur loidhne air le sreang airson gum bi a' chiad row dhan a' stèidheadh còmhnard, rudeigin còmhnard, airson gu faigh thu nàdar base agad airson tòiseachadh air a' chruach.

'S tha thu an uairsin a' dèanamh row bho row mar a chì thu iad sìos a' sin. Tha thu a' cuir row oirre mar a chì thu ann a' shin suas all the way, row bho row leis na fàdan gan cuir ann mar sin gus am bi i dìreach a' slopeadh a-steach rud beag airson gum bi i nas caoile aig a' mhullach airson gun cuir i dhith beagan dhan a' bhùrn thairis air a' gheamhradh.

Flòraidh: Seadh.

Angan: 'S e sin mar a bhios, mar a chaidh ionnsachadh dhòmhsa a bhith a' dèanamh cruach co-dhiù. Of course tha diofar dhòighean aca as a h-uile, well chan eil fhios agam a bheil as a h-uile baile, ach bho baile gu baile 's bho eilean gu eilean, a bhith a' dèanamh cruach.

Bidh diofar dhòighean aca air a bhith a' dèanamh cruach. Chan e an aon dòigh a th' aig, 's dòcha nach e, well a' chuid mhòr a th' as an eilean seo tha mi a' creids' gur e faisg air an aon dòigh a th'aca. Mar sin, gur ann mar sin a bhios iad ga dèanamh.

Flòraidh: Tha mi dìreach a' coimhead air a' chruach sin, a tha sin agad air a stèidheadh, agus mar a tha thu a ràdh, tha na fàdan a' ruith caran, tha 'd a' ruith ann a sreathan, nach eil?

Angan: Ann a' sreathan, aidh.

Flòraidh: Agus tha iad uile nan sìneadh caran an aon dòigh?

Angan: O tha, tha iad nan laighe air an aon dòigh, a h-uile row a chuireas tu oirre tha iad na laighe an aon dòigh.

Flòraidh: Tha, 's chanadh duine, well gun tuiteadh, gu falbhadh sin 's gun tuiteadh e, fhios agad, ach mar tha thu ag ràdh tha sibh ag obrachadh bhon bhonn. Tha i nas leathainne, nach eil?

Angan: Nas leathainne as a' bhonn agus tu ag obrachadh rud beag a-steach airson gum bi i beagan nas cumhainge as a' mhullach. Bhon, mur a slope thu a-steach mar sin i gu bhith beagan cumhang as a' mhullach, tuitidh i.

Flòraidh: Nis nuair a thòisicheas tu bhon bhonn ann a' shin, a bheil sibh a' dèanamh a' bhuinn air fad, gu lèir? Bheil sibh a' dol mun cuairt?

Angan: Tha, a' dèanamh a' chiad row.

Flòraidh: An e aon taobh no a' dol timcheall?

Angan: O, a' dol timcheall, a' dol timcheall gach taobh. Well, feadhainn a bhiodh a' dèanamh aon taobh 's an uairsin ach tha e nas fheàrr, saoilidh mise, ma nì thu timcheall gu lèir e, 's gun tog thu a' chruach an àirde gu lèir mar a tha thu ga stèidheadh, gu lìon thu an àrd i mar a tha thu ga stèidheadh.

Flòraidh: Seadh. Tha thu dol a thogail 's dòcha rudeigin mar dà shreath an e, 's an uairsin a' dol a thòiseachadh air caitheamh fàdan a-staigh na broinn?

Angan: Well, tha, nuair a tha thu a' dèanamh a' chruach, nuair a tha thu a' toir dhachaigh a' mhòine leis, 's e tractaran a th' aca an-diugh co-dhiù, tha thu a' cur dhà na trì de lodan sìos as a' mheadhan, as a' làrach.

Mar is tric, 's e a' mhòine is pronn a bhios iad a' cur a-steach a' sin, a' mhòine dhubh, no às bith dè a' mhòine is pronn. Is bidh iad a' fàgail a' rud a tha slàn man a chì thu as na fàdan slàn sin a tha a' stèidheadh airson bhiodh e a' dòrtadh sìos air gach taobh. Agus tha, nuair a thòisicheas tu air a' chruach, bidh tu a' toirt na fàdan as fheàrr as na th' agad sìos air gach taobh airson a' stèidheadh 's a' tilgeil a' chòrr a-steach na broinn 's ga togail an-àirde mar a tha thu a' dol.

Flòraidh: Dìreach mar a tha thu a' dol. A bheil riaghailtean dè cho fada 's bu chòir cruach mhònach a bhith, no dè cho àrd 's bu chòir i bhith?

Angan: Och well, mar is trice, 's e ochd troighean a th' aca, mar is trice. Well sin a bhios mise a' dèanamh co-dhiù, ga dèanamh timcheall air ochd troighean as a' bhonn 's ga toir a-steach mar a tha thu a' dol an-àirde leatha gu timcheall air sia no às bith dè airson gum bi cumadh a-steach oirre.

Airson, well, cha thuit i cho luath agus tha mi a' creids' gur e sin an idea as motha a th' aige airson a bhith a' dèanamh sin leis na fàdan mar a tha thu a' dol an-aìrde, a' dol a-steach rud beag as a h-uile row a tha thu a' cur oirre.

Flòraidh: Is am bu chòir duine a bhith faiceallach ciamar a bheir iad às i nuair a thòisicheas sibh air a cleachdadh?

Angan: Well, feumaidh tu a' toirt às an aghaidh, mar a chuireas tu ann i. Seall an dràsta mar a tha na fàdan sin na laighe air slant mar sin sìos, chan eil càil a mhath dhut tòiseachadh aig a' cheann sin ga toirt às bhon tuitidh i air do mhuin mar a tha thu a' tighinn.

Feumaidh tu tòiseachadh aig a' cheann eile airson gun toir thu na fàdan aiste mar sin, eil fhios agad, airson gum bi thu gan toirt às mar a chuir thu ann iad.

Flòraidh: A' tòiseachadh aig a' mhullach an e?

Angan: A' tòiseachadh aig a' mhullach, 's ag obrachadh sìos chun a' bhonn.

Nuair a thòisicheas tu air a' chruach, tòiseachadh aig a' mhullach 's ag obrachadh sìos chun a' bhonn, 's ga toir às dìreach mar a tha na fàdan nan laighe bhon an taobh sin, an aghaidh, mar a tha na fàdan na laighe.

Flòraidh: Tha sibhse air dealbh cho sìmplidh a dhèanamh dhòmhsa air dìreach cruach a thogail. Tha thu a' dèanamh na sreathan 's tha thu ga lìonadh an àrd, 's tha thu ga stèidheadh mar a tha thu a' dol air adhart 's a h-uile càil a tha sin.

Ach dè cho cudromach 's a tha e gum bi cruach air a togail dòigheil?

Angan: Well, ma thogas tu i ceart, seasaidh i, fuirichidh i an-àirde nas fhaide. Tha sin aon dòigh agus ma tha i air a togail ceart, cuiridh i am bùrn dhith nas fheàrr 's cha bhi i cho fliuch as a' gheamhradh.

Tha sin rud eile a dh'fheumas tu… nuair a chuireas tu am mullach oirre, a' cur na fàdan as motha dhan a' mhòine as a' mhullach airson gun cuir i dhith am beagan bùrn, 's gan cumail rudeigin cruinn as a' mhullach airson gun cuir i dhith am bùrn as a' gheamhradh.

Ach mar tha, gu h-àraidh mun tìde seo den bhliadhna, mar a tha na seann chruachan, chì thu iad a' sinkadh. Chì thu iad a' dol sìos a bharrachd, can an-dràsta gu robh sia troighean annta nuair a thog thu iad, mus bi an geamhradh seachad bidh iad air a dhol sìos gu còig, even ceithir.

Flòraidh: Seadh.

Angan: Dependadh dìreach mar a bhios a' mhòine a' tiormachadh as a' chruach.

Flòraidh: An tuiteadh iad cho fada sin?

Angan: O tuitidh iad timcheall air troigh co-dhiù mar a tha na fàdan a' dol nas lugha. Mar is fhaide a tha iad as a' chruach 's ann is lugha a bhios i a' dol sìos agus, nuair a nì thu am mullach aice cruinn, bidh mar is trice an ath shamhradh, bidh i an ìre mhath air a dhol còmhnard a-rithist mar a tha i a' tuiteam sìos.

Flòraidh: Tha mi a' coimhead oirre ann a' shin, chì mi na fàdan a th'aig a' mhullach ann a' shin a' coimhead rudeigin fliuch agus an fheadhainn a tha mur coinneamh agaibh air a stèidheadh ann a' shin, tha 'd cho tioram a' coimhead.

Angan: O tha, tha na fàdan as motha a th' as a' mhòine, bidh iad gan cur a thaobh airson an cuir air uachdar na cruaich airson gun cùm i am bùrn dheth mar sin, airson gun cum i a' chruach tioram thairis air a' gheamhradh.

Flòraidh: An e latha mòr a bh' ann a' latha a bhiodh sibh a' stèidheadh na cruaich, mar is cuimhne leat fhèin?

Angan: O 's e latha mòr a bh' ann uaireigin. Nuair a bha mise òg 's e latha mòr a bh' ann a' toirt dhachaigh a' mhòine bhon bha a h-uile a duine a bhiodh timcheall còmhla an uairsin. Na boireannaich a' dèanamh a' chruach aig an taigh, mar a thuirt mi mar tha, agus na fireannaich as a' mhòine a' lìonadh na làraidhean bho 's e làraidhean a bh' ann an uairsin a' toir dhachaigh na mòine. Cha robh tractaran ann.

Is bhiodh iad aig an àm sin a' cur a' mhòine chun an rathad. Na boireannaich le clèibh as a' latha a bha sin, 's na fireannaich le bara na poca na às bith dè a bh' ann.

Dh'fheumadh iad a' cur chun a' rathad airson gu faigheadh na làraidhean thuice chun a' rathad chruaidh, 'son gu faigheadh na làraidhean chun a' mhòine bhon, mar a bha mi ag ràdh, cha robh tractaran ann airson a dhol chun na puill ga h-iarraidh an uairsin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.