Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 23 Ògmhios 2009

Uachdarain agus Màladairean

Bòrlanachd

Caoraich

Tha bòrlanachd a' dol air ais linn no dhà no trì. B' e seo an obair a dh'fheumadh màladair a dhèanamh dhan uachdaran mar phàirt pàigheadh air màl.

Bhiodh na h-uachdarain mar bu trice a' dùileachadh bhuapa seachd latha as t-Earrach aig àm cur, seachd latha as t-Fhoghar aig àm buain, agus seachd latha as t-Samhradh a' càradh rathaidean, a' càradh rathad an rìgh, mar a chante. B' e seo an aon àm a bhiodh iad a' faighinn gu rathad an rìgh, no rathad an uachdarain.

Caora chàraidh

A bharrachd air bòrlanachd bha càintean ann cuideachd, gu h-àraidh a-mach mu àm Samhna, nuair a bhiodh an t-uachdaran a' dleasadh caora bhon a h-uile dachaigh, caora cho math 's a bhiodh as a' sprèidh. Seo a' chaora chàraidh.

Càin nan cearc / cearc fearainn / maor nan cearc

Bha e cuideachd cumanta gun dleasadh an t-uachdaran aon de na cearcan a b'fheàrr a bha aig teaghlach maille ri 's dòcha dusan no dà dhusan ugh. 'S e a' chearc fearainn a bhiodh aca air an sin agus tric gu leòr 's e càin nan cearc a chante ris a' chàin. Bha duine ann a bhiodh a' dol timcheall a dhèanamh cinnteach gum pàigheadh a h-uile taigh càin nan cearc agus 's e maor nan cearc a chante ris.

Dòmhnall Ruadh nan cearc

B' e Dòmhnall Rothach seumarlan aig an robh fìor dhroch chliù a bh' ann a' Leòdhas ann am meadhan na naoitheamh linn deug.

Cearcan

B' e Dòmhnall Ruadh nan Cearc a chante ris chionns gur e am fear mu dheireadh a bha a' dleasadh càin nan cearc as an eilean. Anns a' bhàrdachd chumhachdach Spiorad a' Charthannais, tha bàrd Iarsiadar, Iain Mac a' Ghobhainn (1848-81) ag ràdh mu dheidhinn:

Cha robh do ghnè-sa 'n Dòmhnall bochd
Am fear bu rògaich goill,
Bha 'n dùil gum biodh gach Leòdhasach,
Air fhògradh don choill.
Ach phàigh e pàirt de dhò-bheartan
Is gheibh e 'n còrr a thoill
Gun aithnich e gu dòrainneach
Gur feàrr a' chòir nan fhoill.

Tha Spiorad a' Charthannais agus bàrdachd eile le Iain Mac a' Ghobhainn air am foillseachadh anns an leabhar Bàrdachd Leòdhais, deasaichte le Iain N MacLeòid (Acair 1998)

Bò ursainn

Bha càin uabhasach eile ann. Nuair a bhàsaicheadh fear an taighe bha an t-uachdaran a' tighinn agus, nam biodh each anns an dachaigh, bha e a' dleasadh an eich. Agus mur a robh each ann, bha e a' dleasadh a' bhò a b'fheàrr a bha aig an teaghlach. 'S e bò ursainn a chante ris a' bheathach sin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.