Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 16 Ògmhios 2009

Dòigh eile airson botal a bhriseadh

Airson botal a bhriseadh, bhite ga lìonadh le ola chun an ìre aig an robhas airson a bhriseadh. Bhathas an uairsin a' teasachadh rud mar bobhta caol de dh'iarrainn anns an teine agus ga chuir sìos dhan an ola. Dh'fhalbhadh an ola leis an teas às agus sgàineadh a' ghlainne.

Bho Aonghas Moireasdan, Càrlabhagh, Leòdhas

Seanfhacail agus Abairtean

Chan e caraid an caraid a bh' air dhut peata uain

Ged a tha uan snog nuair a tha e beag fàsaidh e mòr agus, chionns gur e peata no piatan a tha ann, chan fhaigh thu cuidhteas e, gu h-àraidh ma tha clann timcheall.

Bho Dhòmhnall MacPhàidein, Ile

As a' bhad

Chante gun thachair rud as a' bhad nan tachradh dìreach mar sin, gun dàil sam bith.

Creideamh

Sgaoil

Eaglais

Nuair a tha daoine a' tighinn a-mach à eaglais an dèidh seirbheis canar gun sgaoil an eaglais.

Canar gun sgaoil am bàl cuideachd.

Bàn

Mur eil ministeir aig coitheanal, canar gu bheil an coitheanal sin bàn.

Canar talamh bàn ri talamh anns nach eil rud sam bith air a chur.

Muileann

Mialair

B' e a' mhialair a' chlach air an robh a' mhuileann no clachan brà na muilne air an suidheachadh. Ma bha a' mhuilinn a' dol far a' mhialaire chan obraicheadh i.

Nan cluinneadh tu gu robh duine air a dhol far a' mhialaire, bhiodh e air a dhol caran às a chiall, 's dòcha le droch nàdar.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.