Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 12 Cèitean 2009

Seanfhacail is Abairtean

Bu dual do dh'isean an ròin a dhol an comhair a thòin chun na mara

Ròn

Bha seo a' ciallachadh gu robh e na ghnè.

Bu dual do laogh an fhèidh ruith a bhith aige

Tha am fiadh luath gu ruith is bhiodh e nàdarrach gum biodh laogh an fhèidh math air ruith cuideachd.

Bu dual don bhlàthaich tòchd an ime

Tha blàthach air fhàgail nuair a tha thu a' dèanamh ìm. Le sin tha e nàdarrach gum biodh fàileadh agus blas an ime bhon bhlàthaich.

Bu dual don mheann meigead a dhèanamh

Bidh gobhar a' meigeadaich agus tha e nàdarrach gum biodh an gobhar òg, am meann, cuideachd a' dèanamh meigead. Uaireannan nuair a tha daoine a' gàireachdainn canar gu bheil iad a' meigeadaich.

Cha leig thu leas a bhith nad shaor airson tòn a chuir ann an cathair

Seo an fhàilte a chuireadh Ruaraidh MacNèill, An t-Sàilein, Muile air daoine a thigeadh a' chèilidh air.

Seanfhacail agus comhadan

Seo ceathramhan dhen bhàrdachd a thàinig bho Thòmas Clapperton, Loch na Madadh, Uibhist a Tuath.

Na bi ealamh air an trod
Is na bi toileach air tuasaid;
Ach mas toigh leat do leanabh
Na bi leisg air a bhualadh.
Na bi talach air do chuibhrinn,
Ged a robh i buileach sòmhail;
Is fheàrr greim tioram le sìothchaint
Na taigh làn ìobairt le còmhstri.
Ceart mar thig gailleann nan sìan
An uair nach miann leat i bhith ann;
Is amhlaidh sin a thig an t-aog
Ged a shaoil thu nach b' e 'n t-àm.

Chaidh a' bhàrdachd Seanfhacail agus Comhadan a dhèanamh le Donnchadh Loudin. A rèir an Ollaimh Watson rugadh Donnchadh an Glen Lìomhan mu 1730. Bha e airson greis ag obair na mhuilleir an Coire Chòinnligh am Bràighe Loch Abair. Bha e cuideachd ag obair mar fhear-teagasg ann an Ceann Loch Raithneach agus chuir e seachad bliadhnaichean deireannach a' bheatha an Gleann Fonn Chaisteil, ann an àite ris an cainte Baile Mhuileann Beag. Dh' eug e mun bhliadhna 1812. Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn anns Na TGSI Vol XV111 1891-92.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.