Bha Fionnlagh a' cuimhneachadh air mar a bhite ag ithe feamainn.
Fionnlagh: Dhuinne far an robh an stamh ceangailte ris a' chreig, 's e carraig no carraig-creige a chanadh sinn ri sin. 'S tha cuimhn' agam gu robh na bhroinn rud mar copan beag, bog, air an robh an gucag a bha anabarrach milis. Bhiodh sinn ag ithe sin. Sin far an robh an stamh làidir ceangailte ris a' chreig. 'S bha cuideachd mar gum biodh stamh beag, ach cha b' e sin a bh' ann, ach rud air a robh daoidhean 's cha robh e na bu ghairbhe na d' òrdag. Agus 's ann mar sin, fhios agad, bha e na bu lugha 's bha e sin milis cuideachd.
Ach 's ann a bha mi a' smaoineachadh air cho annasach 's a bha a' rud, mar a bhiodh sinn ag ithe feamainn, cuid de dh'fheamainn agus gur iongantach mur e seann rud, dìreach deireadh na atach cleachdadh aosd, aosd a bha sin, nuair a bha daoine as a' chladach ag ithe eisirean is eile 's gur iongantach man a robh feamainn eil fhios agad... ithidh sinne duileasg fhathast cha mhòr man... ged tha an òigridh an diugh ga choimhead glè annasach, bha e cumanta gu leòr dhuinne. 'S tha mi mionnaichte gur e dìreach deireadh dol-às seann chleachdadh a bh' ann a bhith ag ithe feamainn nuair 's dòcha bha agad ri ithe.
Iain: 'S e. Eil fhios agad dè bhithinn fhìn a-riamh a' smaoineachadh nuair a bhithinn shìos air a' chladach 's a' faicinn sin. Cha shaoil mise, ann a' seagh, gu bheil leithid duileasg mòran nas mìlse na 's dòcha iomadach feamainn eile, ach bha iad a' dèanamh strì shònraichte air a son.
Fionnlagh: O well bha 's airson a' chairgein 's mircean, stamh 's daoidhean man a bha mi ag ràdh. Bha a h-uile aon a bha sin, dh'itht iad. Bhite le stamh le sgian mar gum biodh tu ag ithe snèip, a' toirt leth-òirleach dheth 's mar sin dha ithe, tha pìos. Ged a bha e gu math cruaidh, bha e gu math milis. Bhathas air faighinn a-mach sin. Ach chan itheadh tu feamainn dearg na feamainn chìreanach san aon dòigh.
Iain: Chan itheadh ach bhiodh iad a' toirt feamainn chìreanach dhan a' chrodh.
Fionnlagh: O dh'fhaodadh tu ràdh.
Seo ainm a chleachdte as an Eilean Sgiathanach airson cairgein. Bhiodh daoine a' dol gu saothair mhòr airson fhaighinn. Bha e na b'fhaide shìos as a' chladach agus 's ann a-mach mun Lùnastal a bhite ga bhuain. Bhite ga thoirt suas 's ga chuir air todhar, ga sgaoileadh a-mach air an fheur, gus an tiormaicheadh e. 'S ann fuar tric gu leòr a bhiodh daoine ga ithe agus mas deidheadh a thoirt chun na talmhainn bha slagan aca air bàrr nan creag far am biodh iad ga chuir is chì thu tric na slagan sin fhathast.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.