Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Giblean 2009

Rannan mun t-Sìde

Stocainn gaoith
A' ghaoth an iar a' gobachadh
A' ghaoth an ear ag èirigh.
'S e a' ghaoth a deas a b' àit linn
Is lasan orr' ag èirigh.


An treas latha den ghaoth an iar
An dàrna latha den ghaoth a tuath
Maighdeannas na gaoithe deise
A' ghaoth an ear gach ial 's gach uair.


Gaoth an ear a' ghreannaidh fhuair
Gaoth a tuath a ruaigeas ceò
Gaoth an iar-dheas a lorgas taigh gun sìoman.


Reothadh an lodain làin
Uisge dian air a shàil.


Clach-meallain air an t-sliabh
Cuiridh Dia turadh oirnn.

Bho Mhòrag NicNèill à Barraigh

Geasagan

Ann an Sgalpaigh, airson buaidh na bana-bhuidsich a chumail bho thoradh na bà, bhiodh iad a' cur ball beag cruinn no ceirtle de fhionnadh beathaich no ainmhidh, no falt no ròineag duine, ann am peile bainne a bhite a' cumail airson bleoghain. Anns an Lùnastal, bha e air fhàgail as a' pheile airson ceithir uairean fichead. Tha e coltach gun cumadh sin air falbh fad na bliadhna comas na bana-bhuidsich milleadh sam bith a dhèanamh air a' bhainne.

Agus tha e coltach gum bite a' cur meur no geugag den chraobh caorann an lùib earball na bà. Bha seo a' cumail buaidh tiormachaidh air falbh.

Bho D.R. Moireasdan, Sgalpaigh

Rann mu Nàimhdeas

Tha e coltach gur e na rudan bu nàimhdeile dha chèile:

Dà rùda, dà tharbh,
Dà shaighdear as an arm,
Cù ri cat is cat ri luch,
Is bean a mic 's a màthair-chèile.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.