B' e seo far am biodh daoine a' cruinneachadh airson nan òrduighean ann an Geàrrloch.
Bho Ùisdean Cheape, Dun Èideann
Seo àite far am biodh daoine a' cruinneachadh airson nan òrduighean ann an Ùig, Leòdhas.
A' ciallachadh tha an obair agadsa ach tha toradh na h-obrach aig càch.
Bho Thòmas Moireasdan, Loch Portan, Uibhist a Tuath
Seo seòrsa de theas a bhiodh ann an càirean no bannas. Bhiodh e tric air a ràdh mu leanabh a bhiodh a' faighinn nan cùlagan, gu robh deileam às a' bheul aige.
Bho Thòmas Moireasdan, Loch Portan, Uibhist a Tuath
Seo facal airson Blind Man's Buff
Bho Thòmas Moireasdan, Loch Portan, Uibhist a Tuath
Ged a tha cuilbhir air a chleachdadh, mar eisimpleir anns an Eilean Sgitheanach, airson sgian mhòr, a rèir Thòmais Mhoireasdain bhathas a' cleachdadh cuilbhir airson bata, an seòrsa a bhiodh agad a' dol a-mach a choiseachd, ann an Uibhist a Tuath. Tha cuilbhear cuideachd a' ciallachadh seòrsa de ghunna.
Chante cuaine cuideachd ri bata ann an Leòdhas, ach cha robh steabhag làidir gu leòr airson a cleachdadh mar bhata.
'S e sgian mhòr a th' ann an corc, mar eisimpleir corc an arain.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.