Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Màrt 2009

Sgeulachd: Mar a fhuair an giomaich a luaths

Aon latha chaidh am fear-millidh dhan an tràigh ach a faigheadh e giomach a bhiodh aige gu shuipear. Chuir e aodann dlùth gu sgor creige a dh' amhairc a robh giomach aig an taigh. Bha an giomach a-staigh. 'S mas robh fhios aige gu dè thachair, bha greim aige air shròin air.

Giomaich

"Leig às mi", ars am fear-millidh.

Cha tuirt an giomach smid.

"Leig às mi, no bheir mis' ort!" ars am fear-millidh.

Cha tuirt an giomach facal. Chùm an giomach greim air shròin air.

"Leig às mi," ars esan a-rithist, "is gheibh thu do dheagh dhuais."

Chùm an giomach a theanga. Agus bha am muir a' tighinn a-steach.

Nise, mar tha fios aig a h-uile duine, cha dèan nì sam bith cron air an fhear-millidh ann an teine, air tìr no as an iarmailt. Ach tha eagal a' bheatha aige ron fhairge.

Bha a-nise an làn-mara air ruighinn suas gu amhaich.

"Leig às mi", ghlaodh e, gus a dhol às a chiall leis an eagal. "Leig às mi is gheibh thu rud sam bith a tha thu ag iarraidh."

"Thoir dhomh," ars an giomach, "comas a bhith nas luaithe na creutair sam bith eile anns an fhairge agus leigidh mi às thu."

"Bheir, bheir." ars a' fear-millidh 's am muir a' fleòdraich mu bhus.

"Dèan e ma tha, gun dàil", ars an giomach.

Agus sin, a rèir coltais, mar a fhuair an giomach a luaths. Agus leis an luaths sin thàrr e às, à ìnean an fhear-mhillidh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.