Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Gearran 2009

A' bogsaigeadh a' chombaist

Combaist

A' bogsaigeadh a' chombaist còmhla ris a' Chaiptean Calum MacIlleathain à Steòrnabhagh, Leòdhas.

Calum: Bha 'n cearcall fhèin a' toirt an aìrde trì cheud agus trì fichead, mar a chanas tu as a' chànan eile, degree, earrainn. Agus tha dhà dheug air fhichead de phuingean as a' chombaist. Tha sin a' ciallachadh gu bheil aon degree deug agus cairteal as a h-uile puing.

Agus ma ghearras sinn a-nise a' chombaist nan ceathramh, tha sin a' ciallachadh gu bheil ochd puingean as gach ceathramh.

Agus as na seann làithean, tha 'd ag innse dhòmhsa gu robh na h-iasgairean uaireigin as na làithean sin 's gur ann as a' Ghàidhlig a bhiodh iad a' toirt seachad na cùrsaichean a bhiodh iad a' stiùireadh.

Agus bha gille òg a tha còmhla rium ag ràdh rium, nuair a bhiodh sean sgiobair a bha còmhla ris, a bha os a chionn, a' toirt dha a' chùrsa ann an Gàidhlig, bhiodh uaireannan is dh'fheumadh e stad agus smaoineachainn dud a thuirt e.

Iain: Tha mise làn chreids' ... a feuch sinn orra a Chaluim?

Dòmhnall: Well, a' tòiseachadh bhon tuath, tha -

  • Tuath
  • Tuath 's a bhith 'n Ear
  • Tuath 's an Ear-Thuath
  • An Ear-Thuath 's a bhith Tuath
  • An Ear-Thuath
  • An Ear-Thuath 's a bhith 'n Ear
  • An Ear 's an Ear-Thuath
  • An Ear 's a bhith Tuath
  • An Ear
  • An Ear 's a bhith Deas
  • An Ear 's an Ear-Dheas
  • An Ear-Dheas 's a bhith 'n Ear
  • An Ear-Dheas
  • An Ear-Dheas 's a bhith Deas
  • Deas 's an Ear-Dheas
  • Deas 's a bhith 'n Ear
  • Deas
  • Deas 's a bhith 'n Iar
  • Deas 's an Iar-Dheas
  • An Iar-Dheas 's a bhith Deas
  • An Iar-Dheas
  • An Iar-Dheas 's a bhith 'n Iar
  • An Iar 's an Iar-Dheas
  • An Iar-Dheas 's a bhith Deas
  • An Iar
  • An Iar 's a bhith Tuath
  • An Iar 's an Iar-Thuath
  • An Iar-Thuath 's a bhith 'n Iar
  • An Iar-Thuath
  • An Iar-Thuath 's a bhith Tuath
  • Tuath 's an Iar-Thuath
  • Tuath 's a bhith an Iar
  • Tuath

Caiptean Calum MacIlleathain a' bruidhinn air an leabhar, Navigation Guide for Secondary Education.

Iain: Glè mhath. Nise, a Chaluim, an leabhar a th' agaibh ann a shin?

Dòmhnall: Tha, tha leabhar agam a seo a fhuair mi - bha e ann an Colaist a' Chaisteil agus 's e, mar a chanas iad as a' chànan eile, Navigation Guide for Secondary Education agus 's e an Colonel Uasal MacSuain, a' chiad ceannard a bha air Colaist a' Chaisteil, 's e sgrìobh e.

'S chaidh a' chiad clàr-bhualaidh a dhèanamh air a' leabhar-sa ann an 1947, naoi ceud deug dà fhichead sa seachd. Agus chan aithne dhomhsa, cha deach ùrachadh sam bith a dhèanamh air bhon uairsin agus bu mhòr am beud gu dearbha. Ach 's dòcha gun tig feareigin a choireigin latha brèagha a choireigin agus gun dèan e ùrachadh air 's gun tèid a chlò-bhualadh as ùr.

Nise, tha a' chombaist as a' Ghàidhlig as an leabhar seo. Agus 's fhada bho bha fios agamsa air a seo agus 's iomadh uair, uair na dhà chaidh faighneachd dhomh robh càil a bheachd agam càite am faighinn i. Agus bha fios agam gu robh i ann a seo. Nise, chan e sin a-mhàin ach bha 'n Colonel MacSuain, bha e cuideachd na Mgr sgoile air Sgoil an Àrd agus bu mhòr an cuideachadh a rinn a' fear sin air gillean òga ag ionnsachadh, a' teagasg dhaibh gnìomhachas-mara, man a chanas iad, navigation.

Agus chan e sin a-mhàin ach tha mi smaoineachadh gur ann an 1935 a cheadaich, man a bha 'd an uairsin, a' Ministry of Transport, tha mi smaoineachadh a bh' ann am Board of Trade, cheadaich iad dhaibh gun toireadh iad urram dhaibh, gun gabhadh iad ris an ionnsachadh a bha iad a' faighinn as a' sgoil sin. 'S e urram mhòr a bha seo. Chan aithne dhòmhsa gu robh sgoil as a' rìoghachd ron a sin, an uairsin, no bhon uairsin a fhuair an teisteanas a bh' ann a sin ach Sgoil an Àrd a-mhàin. Nise, dh'fhaodadh gu bheil mi ceàrr ach chan aithne dhomh gu bheil. Ach tha fios agam a-nise ann a làithean uaireigin bha Colaist a' Chaisteil 's bha sia mìosan acasan ga fhaighinn. Fhuair mise mi-fhìn sia mìosan nuair a bha mi nam ghille òg ann. 'S fhada bhon uairsin.

Iain: Agus tha leabhran beag ann a sheo dìreach co-cheangailte ri Sgoil na h-Àrd as an Rubha.

Dòmhnall: Tha, tha leabhar beag ann, Scheme of Work, agus tha e ag innse dhut na rudan a bha iad a' dèanamh as sgoil. Tha deilbh ann cuideachd, dealbh na dhà ann, agus tha leabhar sin ri fhaighinn cuideachd. Tha feadhainn aca as a' Chomunn Eachdraidh as an Àrd.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.