
Thig reothadh tric gu leòr aig cuid de dh' amannan dhan bliadhna gu math, math sgiobalta, gu h-àraid leis a' chairteal mu dheireadh dhan ghealaich, agus airson sin 's e reothadh gealach na maidne a chante ris. Agus bhiodh e a' dèanamh dragh do dhaoine an còmhnaidh nan tachradh sin agus gun tigeadh a' ghrian a-mach as dèidh sin air eagal 's gun tòisicheadh gaiseadh a' tighinn dhan bhuntàta.
Ma tha reothadh air duilleagan sam bith, no air barran a' bhuntàta, crìonaidh iad gu h-àraidh nuair a thèid an reothadh na uisge 's tha a' ghrian a' deàlradh tron uisge, oir tha e ag obair mar ghlainne-meudachaidh agus tha na barran no na duilleagan a' crìonadh fodha.
Bha e na chleachdadh cumanta gu leòr air a' Ghàidhealtachd uaireigin, na faiceadh iad reothadh a' tighinn deireadh na maidne, dìreach mas èireadh a' ghrian, bhiodh dithis a' dol a-mach le ròpa sìomain, duine aig gach taobh dhan fheannag agus iad a' coiseachd sìos ri taobh na feannaig, gach duine aca, agus a' slaodadh an ròpa a bha seo air uachdar nam barran buntàta airson an t-uisge a chaitheamh dhiubh.
Agus bha fear à Baile Chaolais ag innse gum b'aithne dha-san duine a bhiodh a' dèanamh seo leis fhèin, le poca canabhais. Bhiodh e a' coiseachd eadar na sreathan 's a' bualadh nam barran ach a falbhadh an t-uisge dhiubh. Dhèante rud sam bith airson am buntàta a shàbhaladh.
Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, An t-Òban
Bho Mhòrag NicNèill, Barraigh
Bha am facal seo air a chleachdadh tric can ma bha rathad sleamhainn le deigh agus gun tigeadh an uairsin fras chlachan-meallain. Chante gun do chuir e friodhan air an rathad agus cha bhiodh e cho sleamhainn 's a bha e.
Bho fhear à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.