Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Faoilleach 2009

Mìosachan nam Bodach

Mìosachan

Iain: Tionndaidh riumsa dìreach airson mionaid agus cuir a-mach do dhà làimh mar tha 'n fheadhainn agamsa ann a seo. Agus 's e sin do dhùirn dùinte; chan eil sgeul air na h-òrdagan agad agus tha na h-uilt mar gum biodh dìreach a-mach còmhnard mu do choinneamh. 'S faodaidh duine sam bith aig an taigh seo a dhèanamh.

Nise 's e dòigh a bha seo a dh'ionnsaich mi-fhìn dìreach bho chionn seachdain air ais - dòigh, chanainn tha mi creids' gur e mìosachan nam bodach 's dòcha a chanadh tu ris, calendar, dòigh a bh' aca air innse cia mheud latha – cò na mìosan a bha slàn le h-aon dheug air fhichead de làithean annta 's cò na mìosan as nach robh. Agus seo mar a tha e dol. Ma thòisicheas mi air do mheur bheag.

Flòraidh: An gabh seo creidsinn?

Iain: Siuthad thusa, èist an-dràsta! Cha leig thu leas a bhith ag ràdh càil, agus tha mi cunntadh na h-uilt agad. Agus tha mi dol a ràdh "tha". As an t-slag a-nise eadar an dà mheur a tha seo, "tha"; "chan eil". "Tha" air an ath alt, "chan eil" as an t-slag, "tha", "chan eil", "tha". Sin a-nis aon làmh deiseil.

Tha mi nise dol chun na làimh eile agus a' tòiseachadh le alt agus mar sin 's e "tha", "chan eil", "tha", "chan eil", "tha", chun an tritheamh alt agus tha sin an dà mhios dheug.

Nise ma sheallas tusa ri na h-uilt gu lèir a bha sin far an d'thuirt mise "tha", agus gu ruith thu air 's gun cunnt thu dhut fhèin iad, chì thu gu bheil aon latha deug thar fhichead as a h-uile mìos a tha sin ma leanas tu a' cunntadh a-mach... Faoilleach, An Gearran, A' Mhàrt, An Giblein, An Cèitean, An t-Ògmhios agus mar sin air adhart gu deireadh na bliadhna.

'S a h-uile gin as an d'thuirt mi riut "chan eil", chan eil 31 latha ann. 'S dòcha gur e 30 latha... 'S e sin a bhios as a h-uile gin aca, ach dìreach an Gearran fhèin.

Flòraidh: Uill, ma chanas mise a' mhìos, can thusa "tha" no "chan eil" feuch an fhaic sinn a bheil thu ceart.

Iain: Tha fios agam gu bheil mi ceart. Rinn mi e mus deach sinn air an àidhear!

Flòraidh: Faoilleach

Iain: Tha

Flòraidh: An Gearran

Iain: Chan eil

Flòraidh: Am Màrt

Iain: Tha

Flòraidh: A' Ghiblein

Iain: Chan eil

Flòraidh: A' Mhàigh

Iain: Tha

Flòraidh: An t-Ògmhios

Iain: Chan eil

Flòraidh: An Iuchair

Iain: Tha

Flòraidh: An Lùnastal

Iain: Tha

Iain: Sin a-nise an dà "tha" a' tighinn às dèidh a chèile. Cha leig thu leas. Faodaidh tu ruith a-nise gu deireadh na bliadhna le "tha", "chan eil", "tha", "chan eil" "tha", "chan eil". Agus 's e Seòras MacLeòid à Dail Mòr a thug sin dhomh.

Flòraidh: Bha dùil agam gur ann a' tarraing asam a bha thu ann a shiud.

Iain: O cha b' ann, cha b' ann.

Flòraidh: Tha sin math nach eil?

Iain: Tha - Mìosachan nam Bodach.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.