£51k 'son bliadhna eile de neach-poileis ann an sgoiltean nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Chosgadh e £51k do Chomhairle nan Eilean Siar neach-poileis a chumail ann an àrd-sgoiltean nan Eilean Siar airson bliadhna eile.
Tha co-bhanntachd air a bhith ann fad dà bhliadhna, far a bheil neach air a bhith air fhastadh le Poileas Alba airson obrachadh còmhla ri sgoilearan. Tha an t-airgead air a bhith a' tighinn bho mhaoin shònraichte aig Riaghaltas na h-Alba.
Chan eil am maoineachadh sin ri fhaighinn airson na h-ath bhliadhna, ach tha aithisg air beulaibh comataidh foghlaim na comhairle ag ràdh gu bheil iad airson am pròiseact a chumail a' dol.
Thathas den bheachd gun cosgadh e £51,299 an sgeama a leudachadh airson bliadhna eile.
Tha suas ri 100 oifigear poileas den t-seòrsa seo stèidhichte ann an sgoiltean air feadh na h-Alba.
'S ann an Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh a tha an t-oifigear stèidhichte airson a' mhòr-chuid den ùine ach tha dleastanas orra obrachadh còmhla ri sgoilearan anns na Hearadh, an Uibhist agus ann am Barraigh cuideachd.
Nuair a thòisich am pròiseact, thuirt Àrd-Oifigear Foghlaim agus Seirbhisean Chloinne na Comhairle, Dòmhnall MacLeòid, nach e mì-rian sna sgoiltean bu choireach gun deach Oifigear Poileas Campais fhastadh.
"'S ann a bha e ceangailte le bhith ag obair le luchd-teagaisg, leis na daoine òga agus air na prògraman a th' aca, gu h-àraidh an dèidh a' phandemic agus na duilgheadasan sòisealta a th' air a bhith aca," thuirt e.