Tadhal McTominay - "Thuirt mi rium fhèin gum feum mi seo a pheantadh"

- Air fhoillseachadh
'S aithne do Dhougie MacFhraing gu lèor mu dheagh thadhal a chur.
Mar bhalach a dh'fhàs suas fo sgàil na creige ann am Baile a' Chaolais cha robh sìon cho cinnteach ach gun togadh e caman.
Chuir e tadhail gu lèor do Bhaile a' Chaolais fhèin aig Pàirc ainmeil an Iùbailidh, ach cuideachd do Chamanachd an Eilein Sgitheanaich is Inbhir Nis mar a thug turas a bheatha e timcheall na Gàidhealtachd.
Sin a thuilleadh air ball a chur sa lìon tric ann am ball-coise is e a' ruighinn ìre Lìog na Gàidhealtachd.
Ged nach eil e air an caman aige buileach a chur gu aon taobh fhathast, tha Dougie a-nise a' sìor choisinn cliù air adhbharan eile.
Agus tha e air na sgilean iongantach aige le bruis-pheant a chur gu feum airson tadhal Albannach cho iomraiteach 's a bha ann a chur air canabhas.

Dh'innis Dougie, a tha cuideachd na phlumair, do BhBC Naidheachdan mar a thàinig seo uile gu bith.
"Ged a bha mi a' peantadh fad mo bheatha 's e an glasadh-sluaigh an rud mòr oir bha pàilteas ùine agam", tha e ag ràdh.
"Bha ùine agam is bha fois agam."
Tha Dougie ag ràdh gu bheil eachdraidh is seallaidhean na Gàidhealtachd air buaidh mhòr a thoirt air thairis air na bliadhnaichean, is tha cuideachd an obair aig Horatio McCulloch bhon 19mh Linn.
"Bha fios agam an-còmhnaidh gun dèanainn oidhirp air choireigin rudeigin co-dhiù coltach ris na rinn McCulloch a dhèanamh - bha am miann sin agam bho thùs," tha e ag ràdh.
"A' chiad fhear a rinn mi às dèidh dhomh tòiseachadh às ùr, thug mi dhan ghailearaidh ann an Inbhhir Nis e is thuirt iad rium 'mo chreach, cò às a thàinig thusa'.
"Bhrosnaich iad mi is thuirt iad rium gum bu chòir dhomh tòrr a bharrachd a dhèanamh."

'Sùilean air a' Bhall' - mar a ghlac Dougie an dealbh ainmeil de dh'Iain MacCoinnich
'S e sin a rinn e is e a' feuchainn diofar rudan a pheantadh is ann an diofar stoidhlichean.
Tha Dougie ag ràdh gun robh e 'son "dùbhlain" a chur mu choinneimh aig an àm sin - agus thàinig am fear as motha nuair a chaidh iarraidh air tionndadh ùr a dhèanamh de dhealbh ainmeil iomain.
Bha an neach-dhealbh Dòmhnall MacAoidh nach maireann air duais Dealbh Spòrs na Bliadhna a bhuannachadh anns na 70an airson an deilbh aige de dh'Iain MacCoinnich aig Baile Ùr an t-Slèibh is Tommy MacNeacail aig Caol Bhòid.
"Bha mi gu mòr airson a dhèanamh oir bha an dealbh cho ainmeil ann an iomain," tha Dougie a' mìneachadh.
"A bhith a' feuchainn ri aodann Iain MhicCoinnich a ghlacadh - bha e gu math doirbh - ach bha mi a' faireachdainn gun do rinn mi an gnothach air."
Nuair a chaidh an dealbh a thoirt seachad do dh'Iain MhacCoinnich fhèin is do Chomann na Camanachd an-uiridh, dh'innis Dougie mar a dhùisg e le fruis aon mhadainn aig 4:00 le beachd air mar a chuireadh e crìoch air sùilean MhicCoinnich.

Dougie MacFhraing còmhla ri Iain MacCoinnich à Baile Ùr an t-Slèibh, a tha a' nochdadh san dreach a rinn Dougie den dealbh ainmeil Eyes on the Ball a thog Dòmhnall MacAoidh anns na 70an.
Agus bha e follaiseach an là sin an dà chuid cho cianail fhèin toilichte 's a bha Iain MacCoinnich fhèin leis an dealbh, agus mar a bha an fheadhainn eile a bha an làthair a' faicinn gur e sàr obair a bh' ann.
Thug seo spionnadh dha Dougie tòiseachadh air dealbh eile bho shaoghal na spòrs: an tadhal iongantach aig Scott McTominay 'son Alba an aghaidh na Danmhairg a chuir Alba air an t-slighe gu Cupa na Cruinne.
"Tha mi a' smaointinn gur e mòmaid cho samhlachail 's a bh' ann am ball-coise na h-Alba a bha ann," tha Dougie ag ràdh.
"Nuair a chunnaic mi an dealbh mòr air a' bhalla ann an Glaschu, thuirt mi rium fhèin gum feum mi seo a pheantadh.
"Agus às dèidh dealbh Iain MhicCoinnich bha fios agam gum b'urrainn dhomh a dhèanamh."
Dà dhealbh spòrs ach anns an robh dùbhlain gu math diofraichte.

"Chì thu cho builleach sònraichte 's a bha an rud a rinn McTominay nuair a tha thu ga ghlacadh mar mhòmaid ann an tìm," tha Dougie ag innse.
"Chì thu cho àrd 's a bha e is mar a bh' aige ri a bhodhaig a ghluasad.
"Ach bha dùbhlan ann cuideachd glacadh cho mòr 's a tha Hampden - an sluagh is an dorchadas air cùl nan cluicheadairean."
Tha e follaiseach bho na chuir Dougie an dealbh air na meadhanan-sòisealta gu bheil e a' còrdadh ri mòran.
'S e a' cheist a-nise càite am faigh e dhachaigh air a' cheann thall.
"Bhiodh e a' ciallachadh na h-uimhir dhomh nan faiceadh Scott McTominay fhèin e," thuirt Dougie.
"Rinn e rudeigin os-daonna airson a dhùthcha.
"Bhithinn air mo dhòigh nam faiceadh e an dealbh - is faodaidh e fhèin co-dhùnadh dè nì sinn leis."
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Gearran

- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios
