Iarrtas maor-trafaig a thilleadh a Steòrnabhagh is "daoine a' pàirceadh far a thogras iad"

- Air fhoillseachadh
Tha cruaidh-fheum air maor-trafaig airson dèiligeadh ris na h-uimhir a bhios ri pàirceadh mì-laghail ann an Steòrnabhagh a rèir ceannard nam poileas sna h-Eileanan an Iar.
Thuirt an t-Inspectair Niall Mac an Tàilleir gu bheil an suidheachadh cho dona 's gu bheil dràibhearan a' pàirceadh air na loidhnichean dùbailte buidhe taobh a-muigh stèisean a' phoileis sa bhaile.
"Chan eil sin ach a' nochdadh dìmeas," thuirt e agus e a' toirt seachad fianais do Bhòrd Sàbhailteachd na Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar.
Thuirt an t-Inspectair gu bheil iad airson a bhith ag obair le na ceannardan aige feuch am faighte maoineachadh airson maor-trafaig fhastadh uair eile do na h-eileanan.
Tha còrr is 10 bliadhna on chuir Poileas Alba às do sheirbeis nam maor-trafaig air feadh na dùthcha.
Dh'innis an t-Inspeactair Mac an Tàilleir do chomhairlichean gu bheil "daoine a' pàirceadh far a thogras iad".
Mhìnich e gu bheil pàirceadh mì-laghail na thrioblaid mhòr gu sònraichte ann an Sràid an Rubha ann an Steòrnabhagh.
Bha oifigearan air a bhith ann sna beagan làithean a dh'fhalbh ag iarraidh air daoine gluasad, thuirt e, agus thug iad seachad co-dhiù aon chàin.
Thuirt Comhairliche an Rubha, Norrie Dòmhnallach, nach do shoirbhich le oidhirp maor-trafaig a thilleadh air sgàth na chosgadh e, agus gun deach innse dha gum biodh timcheall air £250,000 a dhìth airson sin.