Loch Abar is Bàideanach gus strì às ùr 'son Chupa Valerie Fhriseil

Loch Abar leis a' chupa an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Thèid an dà sgioba as fheàrr ann an iomain nam ban an aghaidh a chèile às ùr Disathairne airson na duaise as motha san spòrs.
Tha fìor ghlè bheag air a bhith eadar Bàideanach is Loch Abar bho chionn ghoirid
'S iad na h-Abraich a bhuannaich Cupa Valerie Fhriseil an-uiridh is tadhal bho Leah Maxtone ann an ùine a bharrachd a' dèanamh a' ghnothaich dhaibh 1-0 air Bàideanach fhèin.
Tha cùisean air a bhith a cheart cho faisg sa Phrìomh Lìog am-bliadhna is an dà sgioba a' crìochnachadh co-ionnan air 20 puing.
Tha sin a' fàgail gum feum geama play-off a bhith ann eatorra airson an tiotail.
Bidh an geama sin ann Didòmhnaich an 5mh den Damhair.
Ron sin, bidh sùilean air a h-uile duine air an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh Disathairne feuch cò gheibh an làmhan air Cupa Valerie Fhriseil.
Ged a chuir Bàideanach barrachd thadhal tron t-seusan, rinn Loch Abar a' chùis orra san dà gheama lìge, a thuilleadh air a' chuairt dheireannaich an-uiridh.
Thuirt tè de chluicheadairean Loch Abair, Màiri Duncan, nach eil iad a' smaointinn cus mun sin.
"Tha fios againn cho math 's a tha Bàideanach, dh'fhaodadh e a dhol taobh seach taobh.
"'S e là fìor mòr a th' ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil is cha do bhuannaich sinn an lìog a-riamh.
"Nam faigheadh sinn an dà chuid bhiodh e na b' fheàrr buileach!"

Tha Bàideanach air a bhith a' frasadh a-steach nan tadhal tron t-seusan
Tha Bàideanach fhèin airson an cupa a bhuannachadh air ais Disathairne is an uairsin 'son smachd a chumail air an lìog.
'S e dìoghaltas a tha san amharc aca cuideachd às dèidh nan geamaichean mu dheireadh an aghaidh Bhàideanach a chall.
"Tha Loch Abar gu math làidir is cha robh ach aona thadhal anns na geamaichean againn nan aghaidh", thuirt sgiobair Bhàideanach, Rhona Nic an t-Saoir.
"Bidh e teann ach tha sinn air ullachadh air a shon.
"Seo agus an lìog - tha iad cho cudromach dhuinn ri chèile - is bidh sinn ag amas air a' chupa an toiseach is an uairsin air a' phlay-off".
Tòisichidh an geama Disathairne aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh aig 4:05f.
Thèid a chraoladh beò air BBC ALBA bho 4f.
Ron sin, bidh a' chuairt dheireannach ann den Chupa Dhùbhlan eadar an dàrna sgioba aig Bàideanach agus Inbhir Nis.
Tha sin cuideachd aig an Eilean is e a' tòiseachadh aig 1f.