Loch Abar is Bàideanach gus cluich a-rithist airson tiotal na Prìomh Lìge

- Air fhoillseachadh
Tha feum air geama play-off 'son dearbhadh cò bhuannaicheas a' Phrìomh Lìog ann an iomain nam ban.
Tha sin às dèidh do Loch Abar an gnothach a dhèanamh air Bàideanach 2-1 aig an Dell Didòmhnaich.
Thàinig tadhail Loch Abair bho Natalie NicDhòmhnaill is Missy Howie le Megan Ralph a' freagairt do Bhàideanach.
B' e seo an dàrna turas a rinn na h-Abraich a' chùis air Bàideanach san lìog is tha e a' ciallachadh gu bheil na sgiobaidhean air an lìog a chrìochnachadh co-ionnan air 20 puing.
Bidh feum a-nise air geama play-off eatorra gus dearbhadh cò gheibh an tiotal is cha deach ceann-là a stèidheachadh airson a' gheama sin fhathast.
A thuilleadh air a' phlay-off bidh na sgiobaidhean cuideachd a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.
Bidh sin ann air an 6mh den t-Sultain ann am Baile Ùr an t-Slèibh.