Dùil ri cìs-chomhairle 225% air dàrna dachaighean sna h-Eileanan an Iar

An Tairbeart sna Hearadh bho gu h-àrd Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' chìs-chomhairle air dàrna dachaighean agus taighean falamh mar-thà aig 200% sna h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tig àrdachadh gu 225% air a' chìs-chomhairle air dàrna dachaighean agus taighean a tha falamh ùine mhòr sna h-Eileanan an Iar.

Thathar ag iarraidh air buill Comataidh a' Phoileasaidh is Stòrais Diciadain an taic a chur ri moladh gun rachadh a' chosgais suas bhon 200% a chuireadh an sàs ann an 2024.

Bhiodh e a' ciallachadh gum biodh daoine le dàrna dachaigh ann an Bann D a' pàigheadh £376.07 a bharrachd a h-uile bliadhna.

Ma thèid e troimhe, bhiodh am poileasaidh ùr air a chur an sàs bhon 1d den Iuchar, agus thathar a' tomhas gun togadh an t-àrdachadh sa chìs-chomhairle faisg air £2.5m don Chomhairle.

Dh'fheumadh iad £709,000 a chosg air iomairtean taigheadais, agus tha cead aca £1.76m a chosg air obair eile.

Leig comhairleachan eileanach fhaicinn gum biodh iad deònach an taic a chur ri àrdachadh eile sa chìs-chomhairle nuair a bha iad a' stèidheachadh a' bhuidseit sa Ghearran am-bliadhna.

Fhuair comhairlean an Alba cumhachd ann an 2013 a' chìs -chomhairle a chur suas air dachaigh far a bheil dusan mìos air a dhol seachad gun duine a' fuireach innte.

Cha robh am poileasaidh a' toirt a-steach dàrna dachaighean - nach eil nam prìomh àite-còmhnaidh - ged a bha cead aig comhairlean a' chìs a stèidheachadh suas gu 90%, rud a rinn Comhairle nan Eilean Siar.

Thàinig atharrachaidhean poileasaidh eile thar nam bliadhnaichean, agus sa Ghiblean 2024 fhuair comhairlean cead cìs-chomhairle 200% a chur air dàrna dachaighean cho math ri taighean a tha falamh ùine mhòr.

B' e amas nan cumhachdan ùra a thug Riaghalts na h-Alba dhaibh gum bi daoine air am brosnachadh feum a dhèanmh de thaighean ann an coimhearnsachd a tha a' fulang dìth taigheadais