Naidheachdan 11:00m
NATO
Nì na Stàiteaon Aonaichte ath-sgrùdadh air a' chàirdeas a tha aca ri dùthchannan eile sa bhuidhinn dìon NATO, a rèir Rùnaire Dìon Aimeireagaidh, Pete Hegseth. Thuirt e gun robh feadhainn aca agus feum aca barrachd a dhèanamh a thaobh airgead a chosg air dìon. Bha e a' bruidhinn air thoiseach air coinneamh de mhinistearan dìon NATO anns a' Bhruiseil. Nochd Mgr Hegseth beachd cuideachd gun robh cus de bhuill NATO nach do rinn gu leòr idir airson nan Stàitean Aonaichte a chuideachadh leis a' chogadh aca an aghaidh Ioran.
Iran
Tha na Stàitean Aonaichte agus Ioran air aonta a a dhèanamh ag amas air sìth a dhèanamh agus crìoch a thoirt air a' chogadh eatorra. Tha am Meòmhran de Thuigse ag ràdh gum bi Caolas Hormuz, seòlaid chudromach san Ear-Mheadhanach, air a fosgladh a-rithist agus gum bi taic-airgid ri fhaotainn aig Iran airson cuideachadh le ath-thogail a dhèanamh air an dùthaich. Bidh tuilleadh chòmhraidhean a dhìth air cuspairean eile, nam measg prògram niuclasach Tehran, a tha air a bhith mar phrìomh amas aig a' Cheann-suidhe Trump.
Boston
Tha fear a bha a' leantainn Alba aig Cupa na Cruinne anns a' bhall-coise air bàsachadh ann am Boston, beagan làithean mus biodh dùil aige a dhol gu gèama ag Cupa na Cruinne airson a' chiad uair. Thuirt teaghlach Donny Strathie, à Inbhir Ghrainnse 's a bha 76, gun robh e air a bhith a' siubhal feadh an t-saoghail a' choimhead air Alba cluiche, ach gun do dh' fhàs e meadhanach aig taigh-òsta Là na Sàbaid fhad 's a bha an sgioba a' cluich an aghaidh Haiti. Thathas a-nise airson moladh agus luaidh a dhèanamh air fhad 's a tha Alba a' cluich Moroco air an deireadh-sheachdain.
Ospadal nan Eilean Siar
Tha luchd-sgrùdaidh air leasachadh iarraidh ann an seirbheisean slàinte inntinn aig Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh. Rinneadh seachd moladh deug ma choinneamh nithean nach robh aig ìre, le dà ni ga mholadh aca, às dèidh dha luchd-sgrùdaidh tadhal air an ospadal gun fhios ro-làimh anns a' Ghearran. Am measg na tha ri leasachadh sa uard airson cùram slàinte-inntinn, bha trèanadh a thaobh a bhith a' caomhnadh beatha dhaoine ann an suidheachadh èiginn, agus a bhith a' dèiligeadh ri fòirneart. Tha NHS Eilean Siar air plana leasachaidh a dhealbh gus dèiligeadh ri na chaidh a mholadh aca.
A dhìth
Tha na poilis, na maor-chladaich agus seirbheisean eile fhathast an sàs ann an iomairt gus lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth ann an Leòdhas. Chaidh Andrew Yearly, 53, fhaicinn mu dheireadh ann an Ceòs, ann an ceann a tuath nan Lochan mu 09:00m an-dè. Dh'iarr na poilis fiosrachadh bho dhuine sam bith a chunnaic e, no is aithne càil mun chùis.