A' Chiad Chuairtair fhoillseachadh aig 11:10 GMT 23 An Gearran
Ceiltich an Òbain - Àird nam Murchan
Chaidh an taghadh ann an-diugh airson ìrean tràtha Chupa na Camanachd
Thèid Caol Bhòid an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh sa gheama as inntinniche
Bidh a' chiad chuairt ann air an 2mh den Chèitean is an dàrna cuairt air an 30mh den Chèitean
Tha seo ann is seusan ùr na h-iomain gus tòiseachadh ann an cola-deug
Air a dheasachadh le Dòmhnall Pollock, Fionnlagh MacIllinnein agus Shona NicEanraig.
Ceiltich an Òbain - Àird nam Murchan
Cill Mhàilidh - Gleann Urchadain
Obar Dobhair - A' Mhanachainn

Tha sinn dìreach a' feitheamh air an taghadh faighinn gu dol, is mar sin cothrom coimhead air tachartas fìor mhath a bh' ann air an deireadh-sheachdain.
Cò ann an iomain saoil nach eil eòlach air an dealbh ainmeil a thog Dòmhnall MacAoidh aig cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1978 is Iain MacCoinnich a' ruith air falbh bho Thommy MacNeacail aig Caol Bhòid?
Chaidh togail air 'Eyes on the Ball' ann an òraid aig Ùisdean MacIllinnein aig Pàirc a' Bhucht Disathairne - is chaidh cuideachd tionndadh ùr àlainn den dealbh fhoillseachadh.
'S e Dougie MacFhraing à Baile a' Chaolais a rinn e is chìthear Dougie is Iain MacCoinnich an seo ri taobh an deilbh.
Abair sàr obair.

'S ann aig an ìre seo a thèid na coin mhòra a leigeil mu sgaoil:
Seo na sgiobaidhean a bhios san ad:
Gu leòr mu 2025 ma-tha - dè tha romhainn an-diugh?
Tha 22 sgioba anns an taghadh uile gu lèir.
Sa chiad chuairt bidh na h-ochd sgiobaidhean bhon Lìog Nàiseanta agus dà sgioba an urra bho Lìog Deas 1 is Lìog Tuath 1.
Thig sia sgiobaidhean air adhart às na geamaichean sin is thèid iad dhan dàrna cuairt còmhla ris na deich sgiobaidhean bhon Phrìomh Lìog.
Bidh taghadh againn an-diugh airson na ciad cuairt agus na dàrna cuairt.
Furasta gu leor?
Bhiodh e fìor a ràdh nach robh a h-uile duine ag aontachadh le Mgr Ros gun robh Cupa na Camanachd air ais far an robh còir aige a bhith.
Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich na trì duaisean mòra eile a bha ri fhaighinn dhaibh ach 's iadsan a bha goirt mu Chupa na Camanachd.
Ged a bha Iain 'Corky' Borthwick airson fuireach mar mhanaidsear agus airson Cupa na Camanachd a bhuannachadh air ais, thàinig e am follais gun robh na cluicheadairean airson atharrachadh fhaicinn.
Air a' cheann thall dh'fhàg sin gun do ghabh Raghnall Ros an stiùir aig an Dell.
Ciamar a thèid le Raghnall nan Gleann? Gheibh sinn a-mach anns na mìosan ri thighinn.
Tha dùbhlan ùr ro Chorky cuideachd is esan air a dhol os cionn sgioba Bhàideanach ann an iomain nam ban.
Fìor dheagh naidheachd dhaibhsan, shaoileadh tu, is iad fhèin airson greim a chumail air Cupa Valerie Fhriseil agus airson a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh air ais bho Loch Abar.
Tùs an deilbh, SNSCho math dhuin sùil a thoirt air na trì tadhail a bhuannaich an cupa airson a' Bhaile Ùir!
(A mhuinntir Chinn a' Ghiùthsaich - thalla is dèan cupa teatha 'son mionaid no dhà).
Iain Robinson leis an tadhal a chuir am Baile Ùr air thoiseach
An duine ud Robinson a-rithist leis an dàrna tadhal
Agus Joe Coyle òg a' cur a' Bhaile Ùir 3-0 air thoiseach. Ged a fhuair Ryan Borthwick tadhail air ais ann an 71 is 91 mionaidean bha e ro anmoch 'son an là a shàbhaladh do Cheann a' Ghiùthsaich.
Sin mar a chuir manaidsear Bhaile Ùir an t-Slèibh, Peadar Ros, gnothaichean an cèill air ais san t-Sultain às dèidh dhan sgioba aige Cupa na Camanachd a bhuannachadh 'son a' chiad turas bho 2019.
Rinn am Baile Ùr a' chùis 3-2 air na seann nàimhdean aca Ceann a' Ghiùthsaich. Cha robh cus dùil ri sin ro-làimh ach ann an da-rìribh cha robh an geama buileach cho faisg 's a tha e a' coimhead air pàipear is am Baile Ùr air a bhith air thoiseach 3-0.

Èist gu dlùth agus 's dòcha gun cluinn sibh e - tha fuaim àlàinn brag nan caman a' tilleadh dha na srathan is dha na glinn (agus dha na bailtean mòra!)
Tha nas lugha na cola-deug ann a-nise mus tòisich seusan ùr na h-iomain agus madainn an-diugh tha ceum cudromach eile ann is an taghadh ann 'son ìrean tràtha Chupa na Camanachd.
'S i a' chompanaidh taigheadais Tulloch Homes a tha a' cumail taic ri duais mhòr na h-iomain a-rithist - seo an naoidheamh bliadhna acasan - is thèid an taghadh a dhèanamh aig leasachadh ùr Fairview a th' aca san t-Slag Bhuidhe ann an Inbhir Nis
Tha am fear-naidheachd againn Fionnlagh MacIllinnein an làthair san t-Slag Bhuidhe airson an taghaidh.
Tha Fionnlagh gu math eòlach air iomain is e air iomadh tadhal a chur 'son na Manachainn.
Cumaidh e am fiosrachadh rinn mar a thig na sgiobaidhean às an ad.