
An t-urramach Tòmas Sinton (1855 - 1923)
Dubhras
© Kevin Rae
Rugadh is thogadh Tòmas Sinton ann an Obar Àrdair ach b' ann à crìochan na h-Alba a thàinig a theaghlach bho thùs. Chaidh e an toiseach do sgoil Chinn a' Ghiuthsaich agus as dèidh sin dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Nis.
Na dhreuchd mar mhinistear chuir e seachad ùine an toiseach ann an Gleann Garadh agus as dèidh sin ann an sgìre Dhubhrais air cladaichean Loch Nis.
Bha Tòmas a' trusadh bàrdachd bho air feadh Bhàideanach agus ann an 1906 chaidh an leabhar The Poetry of Badenoch, anns a bheil faisg air 180 òran is rann, a chur an clò.
Seo mar a tha faclan an òrain, Guma slàn do na fearaibh, anns an leabhar aig Tòmas Sinton.