
Guma slàn do na fearaibh
Faclan bhon leabhar The Poetry of Badenoch.
Cluinn mar a tha Ruairidh Caimbeul ga sheinn.

Gu'm a slàn do na fearaibh
Thèid thairis a' chuan,
Gu talamh a' gheallaidh,
Far nach fairich iad fuachd.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Gu'm a slàn do na mnathan
Nach cluinnear an gearan,
'S ann thèid iad gu smearail,
'G ar leantuinn thar 'chuan;
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
'Us na nìghneagan bòidheach,
A dh'fhalbhas leinn còmhladh,
Gheibh daoine ri 'm pòsadh,
A chuireas òr 'nan dà chluais.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Gheibh sinn aran 'us ìm ann,
Gheibh sinn siucar 'us tea ann;
'S cha bhi gainne oirnn-fhìn,
'S an tìr 's am bheil buaidh.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
'N uair dh'fhàgas sinn 'n t-àit' so,
Cha chuir iad mòr-mhàl oirnn;
'S cha bhi an Fhèill Màrtainn
'Cur nàire 'n ar gruaidh.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Gu'm fàg sinn an tìr so,
Cha chinnich aon nì ann;
Tha 'm buntàt' air dol 'dhìth ann,
'S cha chinn iad le fuachd.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Gheibh sinn crodh agus caoraich;
Gheibh sinn cruithneachd air raointean,
'S cha bhi e cho daor dhuinn,
Ri fraoch an Taoibh-Tuath.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
'N uair a thèid mi do 'n mhunadh,
A mach le mo ghunna,
Cha bhi geamair no duine,
'G am chur air an ruaig.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Gheibh sinn sìod' agus sròl ann;
Gheibh sinn pàilteas de 'n chlòimh ann,
'S ni na mnathan dhuinn clò dheth,
Air seòl an Taoibh-Tuath.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.
Cha bhi iad 'g ar dùsgadh;
Le clag Chinne-Ghiùbhsaich,
Cha bhi e gu diùbhras,
Ged nach dùisg sinn cho luath.
Gu'm a slàn do na fearaibh,
Thèid thairis an cuan.