

Dòmhnall Phàil (1798 - 1875)
Gleann Gòineig
© Jerry Evans
Rugadh Dòmhnall Phàil ann an Dail na Spideil. B' e Caimbeulach a bh' ann agus chante Bàrd Chinn a' Ghiuthsaich ris cuideachd. Na dheugaire fhuair e cosnadh na bhuachaille ann an Gleann Gòineig far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha.
Ann an 1838 chuir uachdaran oighreachd Inbhir Fheisidh suas màl an fhearainn 's ri linn sin chuir grunn de mhuinntir na sgìre romhpa beatha ùr a shireadh ann an Astràilia. Bha Dòmhnall Phàil an làthair an là a dh'fhàg na h-eilthirich an sgìre, agus b' e na chunnaic 's na chuala e aig an àm sin a thug air an t-òran ainmeil Guma Slàn do na Fearaibh a dhèanamh.
B'e Duanag a' Chiobair òran eile a choisinn cliù do Dhòmhnall agus a tha an dà òran sin fhathast measail aig seinneadairean.
Tha taghadh den bhàrdachd aig Dòmhnall an clò san leabhar The Poetry of Badenoch. Bha Tòmas Sinton, a chruinnich a' bhàrdachd agus a dheasaich an leabhar, càirdeach do Dhòmhnall.
Leugh is èist ri Guma slan do na fearaibh air a sheinn le Ruairidh Caimbeul.