|
|
|
|
 |
 |
 |
 |
 |
|
Flash
|
HTML
|
Feumar plugin Flash 6 airson an làraich leasaichte Flash a chleachdadh.
Mur eil e agaibh mar-thà, brùth
an seo gus am plugin a thoirt a-nuas. Bu chòir gum faigh a' mhòr
chuid de sgoiltean am plugin. Ach, ma tha trioblaidean agaibh, bruidhnibh ris
an neach aig a bheil uallach airson ICT san sgoil.
|
Tha cruth HTML de làrach Snasail a' toirt seachad am fiosrachadh a th' ann
an cruth Flash ach chan eil na duilleagan seo cho beòthail agus chan eil
fuaim orra.
|
Stiùireadh
Tha an taic agus na stiùiridhean gu leìr a tha a dhìth
airson dùbhlain na làraich a choileanadh rim faighinn anns an leabhar
stiùiridh le bhith a' bruthadh a' phutain "stiùireadh"
no ìomhaigh an leabhair aig bonn na sgrion.
|
Stiùireadh
Tha stiùiridhean aig toiseach gach dùbhlain. Tha an taic gu
leìr a tha a dhìth airson dùbhlain na làraich a choileanadh
rim faighinn le bhith a' bruthadh a' cheangail, cisteachan cànain air an
taobh chlì den duilleig.
|
Ceistean ùra
Tha stòr-data de cheistean ann airson gach dùbhlan.
Mar sin, gheibh na sgoilearan ceistean ùra a' chiad còig no deich
tursan a dh'fheuchas iad air dùbhlan.
|
Ceistean ùra
Tha stòr-data de cheistean ann airson gach dùbhlan.
Mar sin, gheibh na sgoilearan ceistean ùra a' chiad còig no deich
tursan a dh'fheuchas iad air dùbhlan.
|
Na cisteachan cànain
Tha ciste-cànain ceangailte ri gach dùbhlan.
Gheibh a' chlann freagair nan ceistean an seo. Faodaidh an tidsear na duilleagan
a chlò-bhualadh
ro-làimh (bho chruth HTML dhen làrach) gus eòlas fhaighinn
air na th'anns gach dùbhlan no airson a dhol thairis air cànan ùr
leis a' chlas. Dh'fhaodadh gum biodh cuid de na duilleagan seo feumail nam biodh
iad aig na sgoilearan nuair a tha iad a' sgrìobhadh.
Ann an cruth
Flash chan eil aca ach deich mionaidean airson gach dùbhlan a choileanadh.
Le bhith a' bruthadh am putan "Taic", gheibh iad dìreach chun
a' chiste chànain a bhuineas don dùbhlan anns a bheil iad an sàs.
Ach caillidh iad ùine le bhith stad airson seo a dhèanamh. Bu chòir
sin bacadh a chur orra bho bhith a' sireadh gach freagairt anns a' chiste chànain.
|
Na cisteachan cànain
Tha ciste-cànain ceangailte ri gach dùbhlan. Gheibh a' chlann freagair
nan ceistean an seo. Faodaidh an tidsear na duilleagan a
chlò-bhualadh
ro-làimh gus eòlas fhaighinn air na th'anns gach dùbhlan
no airson a dhol thairis air cànan ùr leis a' chlas. Dh'fhaodadh
gum biodh cuid de na duilleagan seo feumail nam biodh iad aig na sgoilearan nuair
a tha iad a' sgrìobhadh.
|
Fuaim
Ann an cruth Flash, tha taghadh agaibh a bheil sibh ag iarraidh ceòl, fuaim
agus còmhradh air an làraich. Seo na fuaimean a tha rim faotainn.
Cuiribh am fuaim air no dheth le bhith a' cleachdadh an leabhar stiùiridh
a chithear aig bonn na sgrion.
Ceòl - Faodar seo a chluinntinn nuair a tha a' chlann a' stiùireadh
Laoch tron choille.
Fuaim - Tha seo ri chluinntinn taobh a-staigh nan dùbhlan.
Còmhradh - Facail agus seantansan air an leughadh airson cuideachadh
le fuaimneachadh is tuigse.
|
Fuaim
Chan eil fuaim ri fhaotainn ann an cruth HTML.
|
Taipeadh
Stràcan - Bu chòir stràcan a chleachdadh. Ma thèid am fàgail
às, thèid sin a mheas mar mhearachd. Ma tha trioblaid agad sràcan a chleachdadh, coimhead ris an duilleag seo airson cuideachadh fhaighinn.
Caps lock - Bu chòir am putan caps lock a bhith dheth agus litrichean beaga a chleachdadh
nuair a thathar a' taipeadh fhreagairtean.

A' sàbhaladh obair
Tha e cudthromach innse nach gabh am fiosrachadh
mu na dùbhlain a tha sgoilear air a choileanadh a shàbhaladh aon
uair 's gum fàgar an làrach. Mar sin, bhiodh e feumail do gach sgoilear
fiosrachadh sgrìobhte a chumail mu na dùbhlain a tha iad air a dhèanamh.
Seach nach obraich a' chlann tron làraich san aon suidhe, dh'fhaodadh
gum biodh e feumail an làrach a chomharrachadh le bhith ga cur ann a "Favourites
Folder". Gus seo a dhèanamh brùthaibh air "Favourites"
is an uairsin bruthaibh "Add to Favourites". San dòigh seo gheibh
a' chlann chun làraich gu luath aig toiseach gach leasain.

Sgrion suidhichte no sgrion 800x600
Anns an cruth Flash, tha dà mheud
sgrion ann bhon faodar taghadh. Tha sgrion 800x600 nas motha ach dh'fhaodadh gun
bi an làrach a' ruith nas slaodaiche a' cleachdadh an cruth seo.
|
|
 |