

Pàrantan
Tidsearan
Pàrantan, tòisichibh an seo...
Tha an làrach-lìn seo a’ dèiligeadh ris an roinn de shlàinte tòcail a tha na phàirt de churraicealam foghlam slàinte 5/14 sna sgoiltean. Tha slàinte inntinneil agus tòcail bunaiteach airson fallaineachd san fharsaigneachd agus a’ toirt buaidh air cho math ‘s a nì clann san sgoil. Tha feum aig clann air àrainneachd fhallain, taiceil agus brosnachail airson càirdeas agus iad fhèin a leasachadh.
Tha dleastanas aig pàrantan agus luchd-cùraim, slàinte fhallain agus tòcail àrach anns a’ chloinn aca. Leis an taic seo, tha e nas coltaiche gum bi clann misneachail, adhartach agus cinnteach asta fhèin. Tha an comhairle agus na h-eisimpleirean a th’ air a thabhann ann an suideachadh teaghlaich a’ toirt buaidh mhòr air na beachdan a bhios aig clann a thaobh beatha fhallain.
Tha e deatamach gum bi pàrantan agus an sgoil ag obair ann an com-pàirt, airson a bhith cinnteach gum faigh a’ chlann an teachdaireachd gu bheil iad cudromach mar phearsachan, agus gu bheil an slàinte fìor chudromach dha pàrantan agus dhan sgoil.
Feumaidh clann an cothrom fhaighinn bruidhinn mu ghnothaichean a tha buntainn riutha, agus fios a bhith aca gu tèid èisteachd riutha aig an taigh agus anns an sgoil.
Nuair a tha pàrantan ag obair ann an com-pàirt ris an sgoil, tha e comasach dhaibh deagh chomhairle agus taic fhaighinn ann a bhith a’ brosnachadh slàinte na cloinne, gu h-àraidh co-cheangailte ri gnothaichean pearsanta. Faodaidh slàinte ar cloinne a bhith air a roinn eadar lìonra de dhaoine, le pàrantan a’ faighinn buannachd bho bhith a' dèanamh tabhartas cudromach gu beatha agus obair na sgoile.
Faodaidh pàrantan an làrach-lìn seo a chleachdadh airson obrachadh len cuid cloinne air pàirt de na cuspairean co-cheangailte ri slàinte tòcail ris a bheilear a’ dèiligeadh san sgoil. Faodaidh suidheachaidhean na làraich deasbadan air gnothaichean pearsanta a chur air bhonn.
- Tha e a' toirt comas do chlann innse mar a tha iad a’ faireachdainn, agus cothrom dha pàrantan comhairle a thoirt air mar a dhèiligear ri suidheachaidhean duilich ann an sàbhailteachd an dachaighean fhèin.
- Dh’fhaodar a chleachdadh mar obair dachaigh, leis an sgoil agus an dachaigh a’ gabhail pàirt ann an leasachadh pearsanta agus sòisealta na cloinne.
- Tha a’ toirt tuigse do phàrantan air obair na sgoile, agus a’ toirt pàirt soilleir do phàrantan ann an obair sgoile na cloinne.
Bun-fhiosrachadh 5/14 Foghlam Slàinte
Tha ionnsachadh agus slàinte làmh air làimh bhon a tha deagh shlàinte riatanach airson adhartas ann am foghlam. Tha gach leanabh airidh air fìor dheagh thoiseach nam beatha agus an cothrom fhaighinn an comas a ruighinn. Airson an comas a ruighinn feumar a bhith fallain agus furachail.
Tha stiùireadh 5/14 air Foghlam Slàinte a’ toirt comhairle air mar a bheirear eòlas agus sgilean do chlann agus òigridh mu co-dhùnaidhean ceart a dhèanamh a thaobh slàinte. Thathar airsons gum bi luach aca annta fhèin agus gum bi uallach orra airson an cuid slàinte fhèin, mar dhaoine fa leth, agus mar saoranaich sa choimhearsnachd.
Tha dleastanas aig a h-uile sgoil a bhith na Sgoil Bhrosnachail Fallain ro 2007. Tha bun-bheachd Adhartachadh Slàinte bunaiteach dha feallsanachd is cleachdadh sna sgoiltean, agus fior chuideachdail ann a bhith a' toirt taic agus a’ daingneachadh cuspair agus teachdaireachdan Curraicealam Foghlam Slàinte.
Tha curraicealam agus modhan ionnsachaidh agus teagaisg ann an Sgoil Adhartachaidh Fallaineachd a bhios a’ tabhann dùbhlan, com-pàirteachas agus taic iomchaidh do na sgoilearan gu lèir, agus a’ toirt buaidh dheimhinneach air an slàinte.
Bu chòir an dòigh dèiligidh seo a bhith beòthail agus com-pàirteachail, agus a bhith a’ tabhann chothroman freagarrach do sgoilearan airson ionnsachadh nan aonar agus mar chlas. Tha fèin-luach nan sgoilearann agus am fallaineachd, air a neartachadh le dòighean ionnsachaidh a chòrdas riutha agus a tha iomchaidh agus soirbheachail. Bheir iad air adhart caochladh sgilean pearsanta agus sòisealta ann an suidheachaidhean sàbhailte ach dùbhlanach, a tha freagarrach a rèir an comais agus an ùidh. Tha e cudromach beachd deimhinneach a thaobh slàinte sa bheatha làitheil a shuidheachadh.
Tha Foghlam Slàinte a’ toirt a-steach trì dualan a tha co-cheangailte ri chèile - Slàinte Chorporra, Slàinte Thòcail agus Slàinte Shòisealta.
De na trì dualan seo, tha tidsearan gu tric ag ràdh gur e Slàinte Thòcail an dual as doirbhe a theagaisg, ach gur e a’ phriomh dhòigh air òigridh a chuideachadh airson uallach a ghabhail a thaobh an slàinte fhèin.
Chaidh an làrach-lìn seo a dhealbh airson dèiligeadh ri prìomh thaobhan Slàinte Thòcail.
Mar a dh’obraicheas na sgoilearan tro ìrean A-D tha e gan cuideachadh comas a leasachadh a thaobh na leanas:
- Luach a chur annta fhèin agus ann an daoine eile, agus tuigse a dhearbhadh air faireachdainnean agus giùlain dhaoine eile.
- Co-fhaireachdainn a bhith aca do dhaoine eile, agus an giùlain fhèin le tuigse mu fhaireachdainnean agus giùlain dhaoine eile.
- Aithneachadh gum bi diofar dhaoine a’ gabhail ri diofar shuidheachaidhean agus faireachdainnean ann an dòighean eadar-dhealaichte
- A bhith a’ dèiligeadh rim faireachdainnean làidir fhèin agus dhaoine eile agus a’ seachnadh gabhail riutha sa bhad
- Tuigsinn gum bi daoine ag obrachadh ann an diofar bhuidhnean agus lìonra, agus gu bheil giùlan aon neach anns a’ bhuidhinn a’ toirt buaidh air gach neach eile.
- Tuigsinn mu chall, dealachadh agus bròn nam beatha fhèin agus daoine eile, agus mar a dhèiligear ri na faireachdainnean seo.
- Còmhradh ri daoine eile le stòr fhaclan leasaichte mu fhaireachdainnean làidir.
- Leasachadh a dhèanamh air càirdeas agus luach a chur orra.
Làrach-lìn Faireachdainnean – Geàrr-chunntas
Tha prìomh ghnìomh na làraich mu thuras leanaibh dhan phàirc far an coinnich iad ri tòrr charactaran eadar-dhealaichte agus an cuir iad eòlas air diofar shuidheachaidhean. Tha trì ìrean ann air an turas tron phàirc: Ìre A/B, B/C agus C/D.
- Tha dreach cartùin le cùil-taic air a’ phàirc, ach ‘s e dealbhan de dhaoine ceart a th’ anns na caractaran fhèin, le beagan beòthalachd. Tha an dà chuid, teacsa agus fuaim, an cois na làraich seo.
- A’ tighinn chun làraich airson a’ chiad uair chì thu fiolm ghoirid a’ stèidheachadh an t-suidheachaidh agus a’ toirt eòlas dhan chloinn mu na caractaran agus na suidheachaidhean a dh’fhaodadh tighinn orra sa phàirc. A' tilleadh chun làraich, faodar an fhiolm seo a sheachnadh.
- Tha an leanabh a’ taghadh leanabh cartùin bho liosta airson a dhol dhan phàirc. Thathas gam brosnachadh an leanabh a tha faisg air an aois fhèin a thaghadh. Ann an ìre A/B tha an leanabh air a bhrosnachadh inbheach a thoirt leotha. Chan fhaic an leanabh an caractar cartùin air an t-slighe tron phàirc ged a tha iad “nan cois.”
- Tha an t-slighe tron phàirc ga dhèanamh tro cheistean agus freagairtean. Tha co-dhùnaidhean na slighe a rèir nam freagairtean a bheir an leanabh seachad.
Eileamaidean Cudromach Eile
Am Fuaran
Tha am fiolm a’ toirt a-steach am fuaran nuair a nochdas an leanabh sa phàirc an toiseach. Thairis air an t-slighe tha am fuaran ag atharrachadh a rèir nam freagairtean a chaidh a thaghadh airson nan ceistean. Bidh e cuideachd ag atharrachadh nuair a thillear gu tursan eile sa phàirc.
Bùird Sanais
Anns a’ phàirc tha bùird sanais rim faotainn aig gach ìre. Tha postairean ann le fiosrachadh cudromach co-cheangailte ri slàinte. Tha pìosan fuaim ann cuideachd le clann a’ toirt am beachdan air caochladh chuspairean co-cheangailte ri na postairean.
Na Taighean-beaga
Tha dà phrìomh ghnìomh aig na taighean-beaga
a) Bàrdachd Magnaiticeach – cothrom pìos bàrdachd mu fhaireachdainnean a chur ri chèile le caochladh fhaclan co-cheangailte ri faireachdainnean.
b) Fiosrachadh – fiosrachadh agus teachdaireachdan deimhinneach a thaghadh sgrìobhte air pàipear an taighe-bige.
Builean Ionnsachaidh airson Ìre A/B
| Ceist 1 Faireachdainnean toilichte agus brònach |
Ceist 2 A’ Bh-Uas NicThòmais agus na coin aice |
| Ceist 3 Caraid Caitlin |
Ceist 4 Leapannan fhlùraichean Mhgr Mhic a’ Phì |
| Ceist 5 Tha Biodach, an cù, a dhìth |
Ceist 6 Stiùbhart agus na postairean |
Ìre A |
C1 |
C2 |
C3 |
C4 |
C5 |
C6 |
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
Am faireachdainnean mun deidhinn fhèin agus daoine eile aithneachadh |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Mothachadh mu chùram agus mu riarachadh fhoillseachadh |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
An spèis is an cùram a th’ aca dhaibh fhèin agus dha daoine eile fhoillseachadh |
|
|
• |
• |
• |
• |
Slàinte Shòisealta |
|
|
|
|
|
|
Dòighean sìmplidh air an àrainneachd a chumail glan, sàbhailte agus fallain, m.e. a’ cumail ri na riaghailtean, fhoillseachadh. |
|
|
|
• |
|
|
Ìre B |
|
|
|
|
|
|
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
Diofar fhaireachdainnean a dh’fhaodadh iad fhèin no daoine eile a bhith a' faireachdainn aig diofar amannan, aithneachadh
|
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Conaltradh a dhèanamh ri daoine eile, a’ cleachdadh facail a tha iomchaidh don chuspair
|
• |
• |
• |
• |
• |
• |
| Aithneachadh cho prìseil ‘s a tha teaghlach agus càirdeas |
|
|
• |
|
|
|
Na tha e a’ ciallachadh a bhith nad charaid a chomharrachadh |
|
|
• |
|
|
|
Dòighean gus daoine eile a chuideachadh aithneachadh |
|
|
|
• |
|
|
Slàinte Shòisealta
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean anns am faod iad cuideachadh gus an àrainneachd a chumail glan, sàbhailte agus fallain, m.e. a’ cumail ri na riaghailtean, a chomharrachadh |
|
|
|
• |
|
|
Builean Ionnsachaidh airson Ìre B/C
| Ceist 1 A’ phàirc a’ dol a dhùnadh |
Ceist 2 Mgr Mac a’ Phì agus am ball |
| Ceist 3 Stiùbhart agus am ball-basgaid |
Ceist 4 Siuthad, dèan e! |
| Ceist 5 Leanabh air chall |
Ceist 6 Ball Caitlin |
| Ceist 7 A’ Bh-Uas NicThòmais agus na coin aice |
|
Ìre B |
C1 |
C2 |
C3 |
C4 |
C5 |
C6 |
C7 |
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
|
Diofar fhaireachdainnean a dh’fhaodadh iad fhèin no daoine eile a bhith a' faireachdainn aig diofar amannan, aithneachadh |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Conaltradh a dhèanamh ri daoine eile, a’ cleachdadh facail a tha iomchaidh don chuspair |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Aithneachadh cho prìseil ‘s a tha teaghlach agus càirdeas |
• |
• |
|
|
|
|
• |
Na tha e a’ ciallachadh a bhith nad charaid a chomharrachadh |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean gus daoine eile a chuideachadh aithneachadh |
|
• |
• |
• |
• |
• |
|
Slàinte Shòisealta
|
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean air cuideachadh fhaighinn nuair a nochdas tachartas a shealltainn. |
|
|
|
|
• |
• |
|
Dòighean anns am faod iad cuideachadh gus an àrainneachd a chumail glan, sàbhailte agus fallain, m.e. a’ cumail ri na riaghailtean, a chomharrachadh |
|
• |
• |
• |
• |
• |
|
Slàinte Chorporra |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean air ar bodhaigean a chumail fallain ionnsachadh |
|
|
|
|
|
|
|
Aithneachadh gu bheil fallaineachd cuideachail airson beatha thlachdmhor |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean air an rathad a chleachdadh ann an dòigh sàbhailte a chomharrachadh |
|
|
|
|
|
• |
|
Ìre C |
|
|
|
|
|
|
|
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
|
Sgilean pearsanta agus eadar-phearsanta a chleachadh airson conaltradh a dhèanamh ri daoine eile |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Aithneachadh mar a dh’fhaodadh suidheachaidhean no faireachdainnean atharrachadh |
|
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Dòighean air caraidean a dhèanamh agus a chumail a shealltainn |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean sàbhailte air dèiligeadh ri caochladh shuidheachaidhean, a’ toirt a-staigh na dh’fhaodar a bhith nan cunnart, a shealltainn |
|
|
|
• |
• |
• |
|
Slàinte Shòisealta |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean sàbhailte air dèiligeadh ri cunnartan co-cheangailte ri fallaineachd agus sàbhailteachd sa choimhearsnachd a shealltainn |
|
|
|
|
• |
• |
|
Slàinte Chorporra |
|
|
|
|
|
|
|
Ro-innleachd airson co-dhùnaidhean sìmplidh co-cheangailte ri bhith cumail fallain agus sàbhailte a shealltainn |
|
|
• |
• |
• |
• |
|
Ceanglaichean eadar ar slàinte agus ar gnìomhan a chomharrachadh |
|
|
|
|
|
|
|
Builean Ionnsachaidh airson Ìre C/D
| Ceist 1 Iomairt aig a’ phàirc |
Ceist 2 A’ feuchainn thoitean |
| Ceist 3 Cò anns an cuir thu earbsa |
Ceist 4 Burraidheachd |
| Ceist 5 Sgaradh pòsaidh |
Ceist 6 Fòn-làimh a’ Bh-Uas NicChoinnich |
| Ceist 7 Ball Caitlin |
|
Ìre C |
C1 |
C2 |
C3 |
C4 |
C5 |
C6 |
C7 |
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
|
Sgilean pearsanta agus eadar-phearsanta a chleachadh airson conaltradh a dhèanamh ri daoine eile |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Aithneachadh mar a dh’fhaodadh suidheachaidhean no faireachdainnean atharrachadh |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Dòighean air caraidean a dhèanamh agus a chumail a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
|
|
|
Dòighean sàbhailte air dèiligeadh ri caochladh shuidheachaidhean, a’ toirt a-staigh na dh’fhaodar a bhith nan cunnart, a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
• |
|
• |
Slàinte Shòisealta |
|
|
|
|
|
|
|
Dòighean sàbhailte air dèiligeadh ri cunnartan co-cheangailte ri fallaineachd agus sàbhailteachd sa choimhearsnachd a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
|
|
• |
Slàinte Chorporra |
|
|
|
|
|
|
|
Ro-innleachd airson co-dhùnaidhean sìmplidh co-cheangailte ri bhith cumail fallain agus sàbhailte a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Ceanglaichean eadar ar slàinte agus ar gnìomhan a chomharrachadh |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Ìre D |
|
|
|
|
|
|
|
Slàinte Thòcail |
|
|
|
|
|
|
|
Tuigse air na feumalachdan agus na h-iarrtasan tòcail, agus na neartan aca, m.e. tapachd agus dòighean air dèiligeadh ri uallach, a shealltainn |
• |
• |
|
• |
• |
• |
|
Mar a bhios daoine gan giùlain fhèin ann an diofar shuidheachaidhean a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Aithneachadh gum faod buaidh a bhith aig an comhaoisean is na meadhanan air na roghainnean a nì iad |
• |
• |
|
• |
• |
|
|
Dòighean air uallach a ghabhail airson a bhith cumail fallain agus sàbhailte a shealltainn |
• |
• |
• |
• |
• |
|
• |
Dòighean air suim a chur ann an daoine eile, nan sàbhailteachd is nam fallaineachd a thuigsinn |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
• |
Slàinte Shòisealta |
|
|
|
|
|
|
|
Aithneachadh gu bheil a h-uile duine sa choimhearsnachd airidh air co-ionannachd chothroman |
• |
|
|
• |
|
• |
|
Slàinte Chorporra |
|
|
|
|
|
|
|
Ro-innleachdan airson a bhith fallain agus sàbhailte a chomharrachadh |
• |
• |
|
• |
• |
|
• |
Aithneachadh dòighean anns am faod giùlan buaidh a thoirt air càirdeas dhaoine |
• |
• |
|
• |
• |
• |
• |
Ceanglaichean eadar slàinte chorporra, thòcail agus shòisealta a thuigsinn |
• |
• |
|
• |
• |
|
• |
A’ cleachdadh na làraich-lìn
- Dh’fhaodadh e a bhith doirbh dèiligeadh ri slàinte thòcail agus faodar an làrach seo a chleachdadh airson cuid de chuspairean anns an stiùireadh 5/14 a rannsachadh. Tha e a’ dèanamh feum iomchaidh de ionnsachadh gnìomhach tro eacarsaich samhlachaidh. Faodar a chleachdadh gus taic a chur ri obair ann am Prògram Foghlam Slàinte làithreach na sgoile.
- Faodaidh na làrach-lìn a bhith air a cleachadh le clann fa leth, le càraidean, no ann am buidhnean beaga airson deasbad agus co-obrachadh a bhrosnachadh
- Tha i a’ togail air ro-ionnsachadh agus a’ cleachdadh beachdan na cloinne fhèin mu an slàinte thòcail.
- Tha i a’ dèanamh cinnteach gu bheil an teagasg agus an t-ionnsachadh a’ gabhail àite ann an suidheachadh far an tèid aig clann air cùisean co-cheangailte ri Slàinte Thòcail dhuilich a rannsachadh ann an dòigh sàbhailte agus fosgailte.
- Leasaichidh co-obrachadh bhuidhnean co-cheangailte ri na cùisean a chaidh a thogail air an làraich sgilean eadar-phearsanta, dàimhean èifeachdach, uallach roinnte agus meas airson beachdan fa leth. Faodaidh i leasachadh sòisealta àrdachadh gu mòr, a bharrachd air a bhith a’ tabhann suidheachadh freagarrach dha cùisean a tha sònraichte do Shlàinte Thòcail.
- Tha a’ chlann a’ dol air turas tron phàirc agus tha co-dhùnaidhean aca ri dhèanamh mu na roghainnean a tha iad ag iarraidh a dhèanamh an co-cheangal ri na suidheachaidhean eadar-dhealaichte anns am bi iad. Bidh am freagairtean a’ dearbhadh slighe an turais.
- Tha an làrach a’ faighneachd cheistean a bhrosnaicheas smuaintean agus deasbad mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh.
- Aig ceann an turais tron phàirc, tha sgrùdadh ga thoirt dhan chloinn air na thachair dhan charactar aca rè na slighe.
- Tha ceistean air a chur air a’ chloinn airson sgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean agus na co-dhùnaidhean a rinn iad ann gach suidheachadh.
- Tha atharrais gu sònraichte feumail mar gnìomh airson tuilleadh leasachadh a dhèanamh air na smuaintean a tha taobh a-staigh na làrach seo.
- Faodaidh an tidsear an làrach a chleachadh air bòrd-geal eadar-obrachail airson deasbad a thòiseachadh sa chlas. Faodaidh clann coimeas a dhèanamh eadar na tursan a tha iad air a ghabhail tron phàirc, còmhradh mun co-dhùnaidhean agus adhbharan airson an roghainnean a thoirt seachad.
- Aig deireadh a’ phrògraim, tha a’ chlann a’ faighinn cothrom turas eile a dhèanamh mar charactar eadar-dhealaichte, no mar an aon charactar, ach ‘s dòcha a’ dèanamh diofar roghainnean.
- Tha na postairean a’ tabhann fiosrachadh cudromach a tha a’ toirt taic a bharrachd dha na cuspairean ris na choinnichear tron t-slighe, agus a’ tabhann comhairle ceart, practaigeach a tha iomchaidh dha feumalachdan a thaobh slàinte thòcail. Tha tuilleadh fiosrachaidh dhomhainn ga thoirt dhaibh agus tha tuilleadh còmhraidh is obair-leasachaidh ga mholadh.
- Tha fiosrachadh feumail agus teachdaireachdan deimhinneach ri fhaotainn san taigh-bheag. Tha seo a’ togail air an eòlas a chaidh fhaighinn, agus tha iad nan eisimpleirean math airson co-dhùnaidhean ceart agus beatha fhallain.
Ceanglaichean Feumail
Burraidheachd
http://www.bbc.co.uk/schools/bullying/
http://www.bbc.co.uk/radio1/onelife/personal/index.shtml?bullying
http://news.bbc.co.uk/cbbcnews/hi/specials/bullying/default.stm
http://www.antibullying.net/
http://www.bullyfreezone.co.uk/
Sàbhailteachd bho Shrainnsearan
http://www.spstation.co.uk/
Fèin-mhisneachd
http://www.bbc.co.uk/relationships/improving_your_confidence/
Sgoiltean a tha ag àrdachadh slàinte
http://www.healthpromotingschools.co.uk/index.asp
Slàinte Inntinneil
http://www.headsupscotland.com/
Ùr
http://www.scotland.gov.uk/Resource/Doc/54357/0013239.pdf
Càirdeas
http://www.bbc.co.uk/parenting/your_kids/primary_friends.shtml
Cuideachadh
http://www.childline.org.uk/
Sgaradh pòsaidh
http://www.bbc.co.uk/schools/communities/onionstreet/advice/divorce1.shtml
Geama Caraid-cobhair
Dè a th’ ann?
’S e gnìomh pàipeir rùm-teagaisg a tha seo. ’S i a’ cheist dhan chloinn... An dèanadh iad deagh charaid-chobhair. A bheil iad math air comhairle a thoirt do dhaoine eile ann an suidheachaidhean duilich?
Ullachadh
Priont ceistean caraid-cobhair, freagairtean agus bileagan fiosrachaidh agus geàrr a-mach iad. Glaodh na ceistean air aon chairt. Air cairt eile glaodh gach freagairt air aon taobh dhen chairt agus comhairle na freagairt air taobh eile na cairt.
Cluich ann am buidhnean beaga no càraidean
Bidh aon leanabh a’ gabhail pàirt na caraid-cobhair agus bidh caraid no tidsear a’ cur nan ceistean, freagairtean, comhairle air dòigh agus a’ cumail sgòr.
Stiùireadh airson cluiche
Tha ceist 1 ga cur air an leanabh. Tha taghadh aca de 3 freagairtean. Bidh an leanabh a’ taghadh freagairt le comhairle air a thoirt air luach na freagairt. Cuideachd, gheibh iad sgòr eadar 0 agus 2 phuing airson na freagairt. (2 = freagairt as fheàrr). Tha 4 cheistean ri fhreagairt.
Puingean
0-2 Phuing. Cha dèanadh tu caraid-cobhair uabhasach math.
2-4 Puingean. Cha robh thu dona. Tha comhairle math agad do dhaoine.
4-6 Puingean. A’ fàs nas fheàrr. ’S dòcha gum b’ fhiach a dhol thugad airson comhairle.
7-8 Puingean. Mullach a’ chlas! Tha thu math air comhairle a thoirt do dhaoine.
Faigh duilleagan-obrach airson caraid-cobhair an seo
Ceistean
Freagairtean 
Tuilleadh ghoireasan Foghlaim bho BBC Alba
Hopscotch
’S e goireas rèidio a tha seo do chlann eadar 5-7. ’S ann mu a bhith a’ dèiligeadh le fearg a tha am prògram ‘Carson a tha thu feargach?’, agus thèid a chraoladh air 9mh Faoilleach 2007. Tha taic airson gach prògram Foghlaim bho BBC Alba ri lorg air www.bbc.co.uk/scotland/education/teachers.

Taing
Sgioba Riochdachaidh: Johanna Hall, Lucy Conan, Tanya Carmichael agus Seònaid NicLeòid
Dealbhadair: Kevin Bain
Còd: Cris Walsh, Ray Anderson
Comhairlichean Foghlaim: Mike Ciesla, Morag Johnson