Cò ris a bha na
daoine coltach?

Bhiodh na daoine a' cumail bheathaichean mar crodh is caoraich. Bhiodh iad a' sealg bheathaichean fiadhaich mar feidh is tuirc airson feòil agus craicinn. Dh'itheadh iad ròin cuideachd agus corra uair, 's mathaid, muc-mhara a thigeadh air tìr. Bhiodh iad cuideachd ag ithe uighean nan eun mara agus is dòcha fiù nan eun fhèin.







