Cò ris a bha
na taighean coltach?

Tha àite-teine no teallach air a dhèanamh de bhlocaichean cloiche ann am meadhan an rùim. Bha an teallach glè chudromach airson gur ann bhuaidhe a thigeadh blàths, solas agus teas airson còcaireachd agus bhiodh iad fiù a’ losgadh sgudail air. Tha e coltach gum biodh iad a’ cumail teine a’ dol fad na tìde. Saoil carson a bha an teine ann am meadhan an làir?







