
Fear seach fear.
Neach-cuideachaidh Lìn/Rèidio
Càite an tòisich mi? Tha mi ag obair air feadh roinn an fhoghlaim, a' cuideachadh far a bheil feum orm. Air a' phròiseict seo tha mi a' cuideachadh le bhith ag atharrachadh nan dealbhan mìorbhaileach camara a thog an sgioba ann an Sìona. Bidh mi a' cuideachadh le bhith a' gearradh a' bhidio, a' lorg ìomhaighean air a bheil feum agus a' cur cùisean a thaobh còraichean air dòigh. Riochdaich mi cuideachd trì rèidio mu Shìona.
Airson na làraich-lìn: Photoshop, airson meud nan dealbhan a chì thu air an làraich atharracahdh. Notepad, airson teacsa a chur dha na duilleagan. WS_FTP pro airson bhidio a chur ris an làraich agus Avid Newscutter airson a' bhidio a ghearradh.
Airson rèidio: Nagra Ares M airson fuaimean sònraichte agus agallamhan a chlàradh. VCS dira airson fuaim a ghearradh agus Sadie airson am fuaim a mheasgachadh ann an cruth prògraim.
Tha mi air a bhith ag obair ann an Roinn an Ionnsachaidh airson 5 bliadhna. Dh' obraich mi ann an rèidio ron sin. 'S e bhith a' craoladh taobh a-muigh an stiùidio, no OB, an rud a b' fheàrr a chòrd rium. Dhràibh mi bhan Rèidio Alba air feadh Alba a' craoladh às an sin agus a' siubhal cho fada ri Èirinn a Tuath, Baile a' Chliath agus Copenhagen! Ron sin dh' obraich mi ann an Inbhir Nis. Mar phàirt de m' obair, bhithinn ag obrachadh uidheamachd an stiùidio airson prògraman rèidio beò an dà chuid prògraman Gàidhlig agus Beurla.
Airson na làraich-lìn: Flora, Rhiannon agus Laura.
Airson rèidio: Johanna, Cathie, Irene agus Malcolm.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.