Cunntas ball den sgioba

Malcolm

Pròiseact as inntinniche air an do dh'obraich thu bho chionn ghoirid

Na dràmathan mu Shìona. 'S e seo a' chiad uair a chleachd an sgioba riochdachaidh agus mi fhìn an stiùidio dràma PQ1. Tha diofar rumannan anns an stiùidio; rùm mòr (anns a bheil fuaim coltach ri trannsa sgoile no amar snàimh), seòmar-cadail le leabaidh airson nam pàirtean den dràma a tha stèidhichte ann an ospadal, cidsin anns a bheil uisge sa ghoc, greabhal air an coisich na cleasaichean airson fuaim coltach ri coiseachd a-muigh a dhèanamh agus staidhre.

Ìomhaigh rèidio

Malcolm Torrie

Manaidsear Stiùidio

Dleastanasan

Tha mi ag obair mar innealadair fuaim ann an Glaschu agus bha agam ri cleasaichean a chlàradh san stiùidio. Leugh mi na sgriobtaichean agus bhruidhinn mi ri Jo mus do chlàir sinn a dh'fhaighinn a-mach dè an dreach a mhiannaicheadh i airson nam prògraman rèidio [Beurla]. 'S urrainn do dràma rèidio toirt a chreidsinn gu bheil na cleasaichean san stiùidio ann an àiteachean eadar-dhealaichte, mar seòmar ann an taigh no amar snàimh.

'S e pàirt den obair agamsa na cleasaichean a dhèanamh cofurtail san stiùdio, gu h-àraidh mur eil iad air obrachadh air pròiseact mar seo roimhe. 'S dòcha gu feumar sealltainn dhaibh mar a chleachdas iad maicreafòn gus fuaim a dhèanamh a tha a' toirt a chreidsinn gu bheilear a' ruith air an oidhche no a' snàmh.

'S e an ath ìre a' gearradh a' chòmhraidh agus ga mheasgachadh le fuaimean eile gus am bi blas suidheachadh fìor air na tha ri chluinntinn. Bidh mi a' cleachdadh bather-bog Sadie airson na h-obrach seo. Tha 8 earrannan aige airson còmhradh, fuaim, ceòl agus mac-talla.

Thug sinn latha a' clàradh nan cleasaichean agus trì latha a' measgachadh an fhuaim airson gach prògraim.

Prìomh uidheamachd

Inneal sam bith a chlàras fuaim, bho inneal le maicreafòna ghabhas a ghiùlain gu deasca measgachaidh le 96 earrannan a chleachdas dusanan de mhaicreafònan, gach fear le a dhòigh fhèin air fuaimean a chlàradh, bho druma gleadhrach gu piseag a' dèanamh crònan socair.

Clàr-obrach

Tha mi air a bhith ag obair aig a' BhBC airson trithead bliadhna. Thòisich mi le trì mìosan de thrèanadh airson a bhith nam neach fo thrèanadh mar Manaidsear Stiùidio. Thar nam bliadhnaichean dh' obraich mi air prògraman Rèidio agus Tbh. Prògraman le còmhlain a' cluich beò, prògraman comadaidh agus naidheachdan. 'S e am prìomh sgil a th' agam fuaim a mheasgachadh agus a ghearradh le Pro-tools no Sadie.

Coinnich ris a'chòrr den sgioba

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  • 31
  •  
  •  
  •  
  •  
  •  

 

jiā pŭ

(g. an sgioba riochdachaidh)

An sgioba riochdachaidh

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.